Skip Navigation

Sradagan

Comann nam Pàrant

 

Turas nan Oilthighean

Thairis air na mìosan a chaidh seachad, thadhal Steven Greumach agus Iseabail NicIlleathain air oileanaich Ghàidhlig aig oilthighean is colaistean air feadh na dùthcha. Fhuair iad dealbh air cho fiosrachail 'sa bha na h-oileanaich air obair Chomunn na Gàidhlig mas tug iad taisbeanadh seachad air an dearbh chuspair seo.
Cha b'e bruidhinn a mhàin a rinn iad ge-tà oir chuir iad tòrr den ùine seachad ag èisteachd ri beachdan nan oileanach air diofar chuspairean a' buntainn ri saoghal na Gàidhlig. Thug iad am beachdan air an obair a bu chòir dha CnaG a bhith a' dèanamh - rud a bha air leth feumail oir chan urrainn dha buidheann sam bith feumalachdan an t-sluaigh a choilionadh mura h-eil fhios aca air na dearbh fheumalachdan ro làimh.
Gheibh sibh aithisg a chaidh a sgrìobhadh air an turas ann an seo ann an cruth PDF.

Oileanaich aig an t-Sabhail Mhòr

dachaigh :: fiosrachadh :: ar dèanadas :: tachartasan :: leasachadh :: mun Ghàidhlig :: foillseachaidhean :: ceangalan :: cuir fios gu
home :: news & events :: what we do :: events :: development :: about Gaelic :: publications :: links :: contact
©2008 CnaG
site by reefnet