|
|
|
|
|
|
|
Sgeama Iomairtean Òigridh
Fiosrachadh
Tha Bòrd na Gàidhlig air maoineachadh a thoirt do Chomunn na Gàidhlig gus tabhartasan a thoirt do Chlubaichean Òigridh a bhios a’ co-òrdanachadh tachartasan tro mheadhan na Gàidhlig airson clann sgoile (aois 5-16). Am measg nan Clubaichean a gheibh taic bidh buidhnean a tha stèidhichte mar thà mar Sradagan, Clubaichean Dheugairean, Dràma agus Spòrs air neo Clubaichean ùra a bhios a’ togail inbhe na Gàidhlig a dh’fhaodadh a bhith air an stèidheachadh thairis air na 12 mìosan a tha romhainn aig am bheil am prìomh amas Co-òrdanaiche / Neach-stiùiridh fhastadh a chuireadh Gàidhlig air adhart tro chur-seachadan shòisealta agus spòrsail.
Maoineachadh
Leis an tabhartas seo bidh e comasach do na Clubaichean Co-òrdanaiche fhastadh aig am bheil Gàidhlig agus bidh e mar uallach air an neach sin prògram chur-seachadan ullachadh, buill ùra agus luchd-stiùiridh saor-thoileach a’ bhrosnachadh gus tighinn chun a’ Chlub, clàr-seirbheise luchd-saor-thoileach a chur air dòigh agus dèanamh cinnteach gu bheil an Club a’ ruith gu èifeachdach agus gu cothromach. Bidh e na phrìomh dhleastanas aig a’ Cho-òrdanaiche Prògraman Trèanaidh ullachadh do luchd-stiùiridh a’ Chlub ann am poileasaidhean Dìon Chloinne. Tha e ceadaichte do Chlubaichean a tha an-dràsta a’ pàigheadh Co-òrdanaiche/Neach-stiùiridh iarrtas a chur a-steach airson tabhartas mu choinneimh cosgaisean na dreuchd sin.
Rùn
Thèid tabhartasan le bàrr-shuim £420.00 a thoirt do gach Club mu choinneimh cosgaisean Co-òrdanaiche airson 3 uairean gach seachdain aig £7.00 gach uair airson 20 seachdain thairis air 12 mìos. Thathas am beachd gun roinneadh na 3 uairean an roinn - 1½ ag ullachadh agus 1½ a’ frithealadh agus a’ stiùireadh cur-seachadan gach seachdain.
Tha e ceadaichte do Chlubaichean barrachd air aon Cho-òrdanaiche / Stiùiriche fhastadh ach chan eil ach £420 ri fhaotainn fon Sgeama seo.
Seasmhachd
Bidh maoineachadh leantainneach ri fhaighinn do bhuidhnean a bhios air am brosnachadh gus cumail air adhart le bhith a’ pàigheadh Co-òrdanaiche an dèidh a’ chiad 20 seachdain.
Gus tagradh a dhèanamh
Tha foirmean iarrtais an seo ann an cruth PDF. Ma tha ceistean sam bith agaibh cuir fòn chun oifis nas fhaisg oirbh.
|
|
Iomairtean Òigridh Scheme
Background
Comunn na Gàidhlig has been given funding by Bòrd na Gàidhlig to provide grants to Youth Clubs to co-ordinate activities for children of school age (5-16) through the medium of Gaelic. The Clubs will include existing groups such as Sradagan, Teenagers Clubs, Drama and Sport or any new Clubs promoting Gaelic that may be established over the next 12 months with the specific aim of employing a Co-ordinator / Leader to promote the Gaelic language through leisure, recreational, social or sports activities.
Funding
The grant will be provided to enable Clubs to appoint a paid Gaelic speaking Coordinator whose duties will include preparing a programme of activities, encouraging new members and voluntary leaders to join the Club, drawing up a rota of volunteers, and ensuring the effective and efficient running of the Club. Training Programmes for Club leaders and volunteers in Child Care Protection policies will also be a prime responsibility of the Co-ordinator’s post. Club’s who currently employ a paid Co-ordinator/Leader are eligible to apply for a grant to meet the costs of the current post.
Purpose
A maximum grant of £420.00 will be provided for each Club to meet the costs of paying a Co-ordinator on the basis of 3 hours per week at £7.00 per hour for a period of 20 weeks over a 12 month period. It is envisaged that the 3 hours will be split – 1½hrs preparation time and 1½ hours attending and supervising the activities/events each week.
Groups may employ more than one paid Coordinator / Leader but the maximum grant under this Scheme will be £420.00 for each Group.
Sustainability
Continuing funding will be available to Groups who will be encouraged to continue with a paid Co-ordinator after the initial 20 week period.
How to Apply
Application forms are available below in PDF format. If you have any questions please contact the office closest to you.
|
|
|
|
|
|
|
|
|
dachaigh :: fiosrachadh :: ar dèanadas :: seirbheisean :: leasachadh :: mun Ghàidhlig :: foillseachaidhean :: ceangalan :: cuir fios gu
home :: news & events :: what we do :: services :: development :: about Gaelic :: publications :: links :: contact
|
|