Skip Navigation

Sradagan

Comann nam Pàrant

 

Sgeama Luchd-ceumnachaidh 2008/09

  • A bheil sibh a’ ceumnachadh am bliadhna às dèidh Cùrsa Oilthighe no Colaiste?
  • A bheil sibh a’ lorg obair far am bi sibh a’ cur ur sgilean ’s ur n-eòlas sònraichte gu feum le buidheann a tha ag obair tro mheadhan na Gàidhlig?
  • An còrdadh cùmhnant bhliadhna ruibh agus co-dhiù £15,000 mar thuarastal?

Sìne NicLeòid

A’ leantainn air cho soirbheachail ’sa bha an sgeama seo bho chaidh a stèidheachadh ann an 2004, tha Comunn na Gàidhlig ga ruith am bliadhna a-rithist is sinn ag amas air dreuchdan ùra a chruthachadh ann an saoghal na Gàidhlig airson daoine a th’air ùr-cheumnachadh.

Tha CnaG ag amas gus dreuchdan gu tur ùra a chruthachadh ann an saoghal na Gàidhlig tron sgeama seo is mar sin tha e a’ cur gu mòr ri leasachadh na Gàidhlig anns an fharsaingeachd. Air sgath ’s gu bheil dàrna leth gach tuarastal air a phàigheadh le CnaG, tha na buidhnean fhèin a’ faighinn cheart uiread de bhuannachd às ’sa tha an luchd-ceumnachaidh.

Chun an seo tha An Comunn Gàidhealach, An Lanntair, Ceòlas, Comunn na Gàidhlig, Fèisean nan Gàidheal, Fosglan, Iomairt Nis, Stiùidio Alba agus Stòrlann air pàirt a ghabhail anns an sgeama agus tha 12 luchd-ceumnachaidh air cothrom obrach fhaighinn troimhe. Tha cuid den fheadhainn a thòisich ann an 2004 fhathast ag obair airson an aon bhuidheann agus mar sin a bharrachd air a bhith a’ cruthachadh chothroman dhan Ghàidhlig, tha CnaG a’ cruthachadh dhreuchdan ùra dha saoghal na Gàidhlig!

Cùrsa fèin leasachaidh

Gheibh luchd-ceumnachaidh an sgeama cothrom gus eòlas a chur air a chèile aig Ionad Outward Bound faisg air a’ Ghearasdan far am bidh iad a’ dèanamh Cùrsa Fèin-leasachaidh còmhla airson seachdain.

Ma tha ùidh agaibh anns an sgeama, lìonaibh a-steach Foirm Iarrtais agus cuiribh thugainn e aig:-

Comunn na Gàidhlig
71-77 Sràid Chrombail
Steòrnabhagh
Eilean Leòdhais
HS1 2DG
Fòn: 01851 701802
Facs: 01851 705515
Post-d: calumiain@cnag.org.uk

Ma tha tuilleadh fiosrachaidh a dhìth oirbh cuiribh fios thugainn agus nì sinn ar dìcheall gus ur ceistean a fhreagairt.

Foirm Iarrtais (cruth Word)   Postair (cruth PDF)    Bileag Fiosrachaidh (cruth PDF)

openoffice.org   Get Adobe reader

dachaigh :: fiosrachadh :: ar dèanadas :: tachartasan :: leasachadh :: mun Ghàidhlig :: foillseachaidhean :: ceangalan :: cuir fios gu
home :: news & events :: what we do :: events :: development :: about Gaelic :: publications :: links :: contact
©2008 CnaG
site by reefnet