Skip Navigation

Sradagan

Comann nam Pàrant

 

An Dìleab

An Děleab

Cuiribh ar dìleab gu feum – anns an t-Eilean Sgitheanach!

Tha Comunn na Gàidhlig a’ ruith sgeama ùr am bliadhna air a bheil ‘Cleachd i,’ far a bheil aig oileanaich ri pròiseact Ghàidhlig a chur air adhart anns an sgìre aca fhèin gus an cànan a bhrosnachadh san sgìre sin. ’S e Fiona Nic an Aba a tha co-òrdanachadh pròiseact an t-Eilean Sgitheanaich. Thuirt i "Tha am pròiseact ‘An Dìleab’ gu bhith a’ ruith ann an ceann a tuath an t-Eilean Sgitheanaich fon sgeama seo fad làithean saora samhraidh nan sgoil. Bidh mi a' cruinneachadh bàrdachd, òrain agus sgeulachdan bho air feadh na sgìre le taic bho dheichnear sgoilearan à Bun Sgoil Phort Rìgh. Gheibh a’ chlann an cothrom cuideachd a dhol an sàs anns na h-agallamhan còmhla ri na daoine a tha ag aithris nan sgeulachdan agus a’ gabhail nan òran.

Tha sinn an dùil clàr a chur ri chèile leis an stuth a chruinnicheas sinn gus an tèid aig a’ mhòr shluagh air èisteachd ri taghadh de na sgeulachdan is na h-agallamhan. Bidh cuid den chlann a’ nochdadh air a’ chlàr cuideachd far am bi iad a’ seinn, a cluich agus ag aithris pàirt den stuth a thèid a chruinneachadh. Am broinn an CD bidh leabhran bheag le stuth sgrìobhte agus bidh e air a sgeadachadh le obair ealain nan sgoilearan.”

Thug Fay NicDhiarmaid, Manaidsear Phròiseactan Òigridh Chomunn na Gàidhlig a beachdan air na th’aig Fìona san amharc ’s i ag ràdh, “’S e pròiseact air leth feumail is inntinneach a bhios ann an seo don chlann a tha gu bhith a’ gabhail pàirt is iad a’ faighinn a’ chothruim agallamhan a dhèanamh agus stuth a dheasachadh airson a chur air clàr. Ach a bharrachd air sin, tha iad gu bhith ag obair le stuth a th’anns a’ Ghàidhlig a-mhàin - rud a bheir misneachd dhaibh agus a bhrosnaicheas iad gus ùidh a shealltainn anns a leithid bho seo a-mach agus a sheallas dhaibh cho prìseil ‘sa tha ar dìleab agus ar dualchas.”

Ma tha duine sam bith eòlach air stòras a bhiodh feumail dhan a’ phròiseact seo, cuiribh fios gu Fiona Nic an Aba aig Comunn na Gàidhlig ann am Port Rìgh air 01478 611900, 07900 338552, no aig peasan@hotmail.co.uk
dachaigh :: fiosrachadh :: ar dèanadas :: tachartasan :: leasachadh :: mun Ghàidhlig :: foillseachaidhean :: ceangalan :: cuir fios gu
home :: news & events :: what we do :: events :: development :: about Gaelic :: publications :: links :: contact
©2008 CnaG
site by reefnet