
Lorg / Search: |
||||||||||||||||||||||||||||||
Sgeama Taic nan Oileanach 2009/10Tha Sgeama Taic nan Oileanach 2009/10 a-nis dùinte. Tha an duilleag seo ann mar fhiosrachadh.
Tha an sgeama seo a’ toirt prìomhachas dha oileanaich a tha a’ dèanamh cùrsaichean teagaisg Gàidhlig ged a tha e cuideachd fosgailte dha gach oileanach a tha toirt a-mach cùrsa àbhaisteach ann an Gàidhlig. Tha dà sheòrsa taic ga thabhann tron sgeama seo agus faodaidh oileanaich cuir a-steach airson an dà sheòrsa ma thogras iad. A bharrachd air a bhith a’ toirt seachad taic le na cosgaisean àbhaisteach a thig air oileanaich, bheir CnaG cuideachd taic dha oileanaich le cìsean oideachaidh far nach eil buidheann eile gam pàigheadh. Thèid taic-airgid a thoirt do gach tagraiche a tha a’ cur a-steach airson taic le cìsean oideachaidh fhad ’s a tha dearbhadh againn gu bheil an iarrtas iomchaidh, agus nach eil dòigh aca air taic fhaighinn bho bhuidheann sam bith eile. Ma tha airgead air fhàgail sa bhuidseat, thèid an còrr a roinn eadar cuid de na tagraichean eile mar bhursaraidh mar a chì an stiùiriche iomchaidh. Tha an àireamh de dh'oileanaich a gheibh bursaraidh a rèir an àireamh de dh'iarrtasan a gheibh CnaG agus tha an ìre de thaic a gheibh oileanaich a rèir an t-airgid a th’anns a’ bhuidsead. Às dèidh dha CnaG a thighinn gu aonta air mar a thathas a’ roinn buidseat an sgeama, thèid seicichean a chur chun na h-oileanaich a bha soirbheachail tron a’ phost. Tha CnaG an dòchas gum brosnaich an Sgeama seo mòran dhaoine gus cùrsaichean Gàidhlig aig àrd ìre a dhèanamh.
|
||||||||||||||||||||||||||||||
|
dachaigh :: naidheachdan :: taic-airgid :: tachartasan :: iomairtean :: mun Ghàidhlig :: foillseachaidhean :: ceangalan :: cuir fios gu home :: news :: funding :: events :: initiatives :: about Gaelic :: publications :: links :: contact |
©2010 CnaG
site by reefnet |
|||||||||||||||||||||||||||||