Tha iarrtasan sgeama 2011 a-nis dùinte. Thèid an duilleag seo ùrachadh le fios mu adhartas an sgeama dh’aithghearr.
Tha Sgeama Greis Gnìomhachais nan Oileanach a’ toirt cothrom dha oileanaich aig a bheil deagh sgilean sa Ghàidhlig obair fhaighinn còmhla ri buidheann a tha a’ cleachdadh na Gàidhlig gu làitheil airson deich seachdainean thairis air mìosan an t-samhraidh.
Tha na buidhnean a leanas air pàirt a gabhail sa sgeama:-
Seirbheis na Meadhanan Gàidhlig • BBC Craoladh nan Gàidheal • MacTV • Ceòlas • Clì Gàidhlig • Comunn na Gàidhlig (Glaschu agus Inbhir Nis) • Sabhal Mòr Ostaig • Urras Leabhraichean nan Eilean • Comann Eachdraidh na Hearadh • An Comunn Gàidhealach • Stòrlann • Fèisean nan Gàidheal • Comunn Eachdraidh Bharabhais agus Bru • Tobar an Dualchais • MacGillivrays Floor Furnishings Ltd • Ionad Chaluim Chille Ìle
Bha 25 oileanach an sàs anns an Sgeama an-uiridh. ’S ann eadar a’ Chèitean agus an Lùnastal a bhios an Sgeama seo a’ gabhail àite le gach oileanach a’ faighinn cothrom obrachadh còmhla ri buidhnean airson deich seachdainean.
|