Skip Navigation

Sradagan

Comann nam Pàrant

 

Cuach na Cloinne 2011

Cuairtean deireannach 2011 air fhoillseachadh


Seo a h-uile sgioba a bha an sàs sa chuairt deireannach aig Cuach na Cloinne 2009.

Tha am farpais ball-coise Cuach na Cloinne 2011, a th’ air a chuir air dòigh le Comunn na Gaidhlig, a’ gabhail àite ’s t-fhoghar, le na farpaisean roinneil gan cumail san t-Sultain agus na cuairtean deireannach san Dàmhair. Bidh sia farpaisean roinneil air an cumail an Steòrnabhagh, Lionacleit, Am Ploc, Inbhir Nis, an t-Òban, agus Glaschu leis an dà sgioba is fheàrr bho gach farpais roinneil a’ dol troimhe chun Cuairtean Deireannach sa Ghearasdan air 1 Dàmhair. Gu ruige seo, tha còrr air 40 sgioba, bho 30 sgoiltean, air cur a-staigh airson an fharpais, nam measg sgoiltean à Leòdhas, Uibhist, Barraigh, an t-Eilean Sgitheanach, Tiriodh agus Muile a thuilleadh air sgoiltean bho air feadh na Gàidhealtachd agus meadhan na h-Alba. Chaidh an fharpais, a th’ air a mhaoineachadh le Bòrd na Gàidhlig, Comhairle na Gàidhealtachd, Comhairle nan Eilean Siar agus MG ALBA, a chumail mu dheireadh an 2009 far na ghlèidh Bun-sgoil Ghàidhlig Ghlaschu an fharpais a’ dèanamh a’ chùis air Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis sa chuairt dheireannach. Thuirt Dòmhnall MacNèill, Ceannard ChnaG,
“Tha sinn air ar dòigh leis na th’ air cur a-staigh airson an fharpais agus tha sinn a’ coimhead air adhart ri farpais air leth tarraingeach. Gu sònraichte, tha e na adhbhar thoileachas dhuinn gu bheil farpais roinneil againn an Earra-Ghàidheal airson a’ chiad uair. ’S e meadhan air leth math a th’ann am ball-coise, agus gu dearbha spòrs san fharsaingeachd, airson daoine òg a thoirt cruinn còmhla airson beagan spòrs is farpais, is caraidean às ùr a dhèanamh. Tha e cuideachd feumail dhan òigridh tuigse fhaighinn gu bheil a’ Ghàidhlig air a cleachdadh air feadh Alba, agus nach ann idir a-mhàin sna sgìrean sam bheil iad fhèin a’ fuireach. Tha sinn taingeil airson an luchd maoineachaidh airson an taic gus leigeil leinn an fharpais a chur air dòigh.

Tha liosta slàn de chinn latha is cuairtean an seo ann an cruth PDF.

Cuach na Cloinne 2011 Football Tournament

Final games for 2011 tournament published


Pictured above are the teams who competed in the Finals of the Cuach na Cloinne 2009 competition.

The Comunn na Gàidhlig, Cuach na Cloinne 2011, football competition is being held in the autumn with the regional tournaments being held in September and the finals in October. There will be 6 regional tournaments in Stornoway, Liniclate, Plockton, Inverness, Oban and Glasgow with the top two teams from the regional competitions going through to the finals on 1st October in Fort William. To date over 40 teams have entered from across 30 schools including teams from Lewis, Uist, Barra, Skye, Tiree, and Mull as well as from the Highlands and the Central Belt. The competition which is funded by Bòrd na Gàidhlig, The Highland Council, Comhairle nan Eilean Siar and MG ALBA was last held in 2009 when Bun-sgoil Ghàidhlig Ghlaschu won it, beating Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis in the final. Donald MacNeill, Chief Executive of CnaG, said,
“We are delighted with the response from the schools and are looking forward to a really exciting competition. This is the first time we have had a regional competition in Argyll and that is particularly good news. Football, and sport in general, is an excellent vehicle for bringing young people together to have fun, to compete, and to make new friends. It is also very useful for the young people to see and hear that Gaelic is spoken across Scotland and not just in their home communities. We are grateful to our funders for enabling us to run the competition.”

There is a full list of dates and fixtures here in PDF.

dachaigh :: naidheachdan :: taic-airgid :: blog :: iomairtean :: mun Ghàidhlig :: foillseachaidhean :: ceangalan :: cuir fios gu
home :: news :: funding :: blog :: initiatives :: about Gaelic :: publications :: links :: contact
©2012 CnaG
site by reefnet