Skip Navigation

Sradagan

Comann nam Pàrant

 

Innealan eadar-theangachaidh

A’ cumail choinneamhan sa Ghàidhlig?

Carson?
Tha na Gàidheil gu nàdarra air a bhith a’ bruidhinn na Beurla nuair a tha neach gun Ghàidhlig nam measg. ChĂ nadh cuid gun robh buaidh mhòr aig seo air crìonadh a’ chànain agus gur e cho deònach is a bha na Gàidheil oidhirp a dhèanamh gus a’ Bheurla a bhruidhinn a tha a’ fàgail na Gàidhlig anns an staid sa bheil i an-diugh. Tha teicneòlas ùr air seo atharrachadh ge-tà. Tha Comunn na Gàidhlig, le taic bho Bhòrd na Gàidhlig, Comhairle nan Eilean Siar agus Leasachadh Coimhearsnachd Eaconamach nan Eilean Siar, air 8 innealan eadar-theangachaidh fhaighinn a dh’fhaodas buidhnean fhaighinn air iasad gus an cleachdadh aig coinneamhan, òraidean, colabhairtean is eile.

Ciamar?
Tha na h-innealan furasta a chleachdadh agus tha 20 paidhir chluasan a’ tighinn an cois gach fear. Tha seo a’ ciallachadh gun urrainn dha suas gu 20 neach aig nach eil aon fhacal Gàidhlig a bhith an làthair aig coinneamh no tachartas far a bheil Gàidhlig ga bruidhinn. Tha seo a’ ciallachadh nach eil càil sam bith a-nis a’ cur bacadh air buidhnean a bhith a’ cleachdadh na Gàidhlig aig choinneamhan. Aig an aon àm tha iad cuideachd a’ ciallachadh gu bheil daoine gun Ghàidhlig a’ faighinn a’ chothroim com-pàirt a ghabhail aig na coinneamhan Ghàidhlig.
’S urrainn do Chomunn na Gàidhlig eadar-theangair a thoirt dhuibh air màl no cuideachadh ann an bhith lorg cuideigin.

Feumar tasgadh £100 a thoirt seachad mus faighear na h-innealan air iasad.
Ma thèid an uidheamachd a mhilleadh no a chall feumaidh am buidheann leis an robh iad pàigheadh airson an cur air ais mar a bha iad.

Càite?
Tha na h-innealan eadar-theangachaidh rim faighinn air iasad bho:

  • CnaG, Glaschu Fòn: 0141 3392022
  • CnaG, Inbhir Nis Fòn: 01463 234138
  • CnaG, Steòrnabhagh Fòn: 01851 701802
  • Colaisde a’ Chaisteil, Beinn na Faoghla Fòn: 01851 770507
  • Colaisde a’ Chaisteil, Steòrnabhagh Fòn: 01851 770460
  • Colaisde a’ Chaisteil, Barraigh Fòn: 01851 770600
  • Ionad Chaluim Chille, Ìle Fòn: 01496 810818

Simultaneous Interpretation equipment

Would you prefer to hold your meetings in Gaelic?

Why?
Gaelic speakers have naturally gone out of their way to speak English when a non-Gaelic speaker is in their midst. Many would say that this practise has accelerated the decline of the language and that it is the Gaels' willingness to speak English that leaves the Gaelic language in its current state. However, this situation has now changed thanks to new technology. Comunn na Gàidhlig has, with funding from Bòrd na Gàidhlig, Comhairle nan Eilean Siar and Western Isles Community Economic Development, obtained 8 sets of simultaneous interpretation equipment which are available to organisations on loan for use at meetings, lectures, conferences etc.

How?
This equipment is very user friendly and each set includes 20 headsets. This means that up to 20 people who don't have a word of Gaelic can attend a Gaelic meeting or event and fully understand what is being said. This now means that there is nothing preventing groups from conducting their meetings in Gaelic. The equipment enables a simultaneous interpretation giving non-Gaelic speakers the opportunity to attend Gaelic meetings and fully participate in them without being disadvantaged in any sense.
Comunn na Gàidhlig can provide an interpreter on a chargeable basis or provide assistance with locating one.

A £100 deposit must be paid before the equipment is loaned out.
If any of the equipment is damaged or lost while on loan the borrowing organisation will be liable for costs associated with restoring it to its original condition.

Where?
The sets of mobile simultaneous interpretation equipment are available on loan from:

  • CnaG, Glasgow Phone: 0141 3392022
  • CnaG, Inverness Phone: 01463 234138
  • CnaG, Stornoway Phone: 01851 701802
  • Lews Castle College, Benbecula Phone: 01851 770507
  • Lews Castle College, Stornoway Phone: 01851 770460
  • Lews Castle College, Barra Phone: 01851 770600
  • The Columba Centre, Islay Phone: 01496 810818
dachaigh :: naidheachdan :: taic-airgid :: tachartasan :: iomairtean :: mun Ghàidhlig :: foillseachaidhean :: ceangalan :: cuir fios gu
home :: news :: funding :: events :: initiatives :: about Gaelic :: publications :: links :: contact
©2010 CnaG
site by reefnet