
Lorg / Search: |
||||||||||||||||||||||||||||||||
Iomairt Ghàidhlig Loch AbairCumaidh Iomairt Ghàidhlig Loch Abair coinneamhean airson bòrd-stiùiridh ann an Gleann Fhionnainn air 17mh Sultain agus agus ann am Malaig air 10mh dhen Dùbhlachd. Tha an iomairt seo a’ chiad fhear à seachd dhiubh a thèid ainmeachadh thar na mìosan ri thighinn agus a bhios nam bun-stèidh air leasachadh na Gàidhlig aig ìre ionadail. Tha Comunn na Gàidhlig toilichte innse dhuibh gu bheil Eilidh Shaw air tòiseachadh mar Oifigear Iomairt Ghàidhlig Loch Abair. Bidh Eilidh ag obair leis a’ Choimhearsnachd agus a’ toirt air adhart prìomhachasan airson leasachadh na Gàidhlig aig gach ìre. Bidh Eilidh air a stèidheachadh sa Ghearasdan ach siubhal air feadh na sgìre.
Thèid buidhnean-stiùiridh a stèidheachadh a bhios a’ comharrachadh phrìomhachasan ’s a’ co-òrdanachadh leasachadh agus a’ toirt còmhla buidhnean choimhearsnachd ’s phroifeiseanta. Bidh a’ Bhuidheann Stiùiridh a’ co-chomhairleachadh air prìomhachasan airson na Gàidhlig agus ag obair le diofar bhuidhnean gus an àireamh de luchd-labhairt a leudachadh ’s suidhichidhean a leasachadh. Gus na leasachaidhean ùra seo a mhìneachadh chaidh sreath de choinneamh phoblach a chumail sa sgìre. Chaidh an Iomairt ùr a mhìneachadh aig na coinneamhan seo agus bha cothroman gu leòr ceistean a chur ’s puingean deasbaid a thogail. A’ leantainn air na coinneamhan, bidh an t-oifigear a’ cur air dòigh a’ chiad choinneamh den bhuidheann stiùiridh far an tèid a’ cho-chomhairle a chur air dòigh. Tha na h-iomairtean cànain air am maoineachadh le Bòrd na Gàidhlig, a’ Bhuidheann Nàiseanta le uallach airson Plana Nàiseanta na Gàidhlig a chur an gnìomh, agus Iomairt na Gàidhealtachd ’s nan Eilean. Chaidh na h-iomairtean aontachadh aig co-labhairt ann am Breascleit "Fàs na Gàidhlig aig ìre choimhearsnachd" a chaidh a chur air dòigh le Bòrd na Gàidhlig ’s Comhairle nan Eilean Siar. Airson tuilleadh fiosrachaidh cuiribh fios gu Eilidh Shaw, Comunn na Gàidhlig air 01397 701988 |
Lochaber Gaelic Language InitiativeLochaber Gaelic Language Initiative will hold meetings in Glenfinnan on 17th September and in Mallaig on 10th October to establish a steering group. This initiative is one of seven which will be announced over the coming months and which will be the foundation for Gaelic development at local levels. Comunn na Gàidhlig are delighted to announce that Eilidh Shaw has recently started as Lochaber Gaelic Initiative Officer. Eilidh will be taking forward the priorities for Gaelic Development in the area and working with the community at all levels. Eilidh will be based in Fort William but be travelling throughout the Lochaber area. The Iomairt Ghàidhlig is based on a very successful Welsh model called Menter Iaith which has operated in Wales for over two decades. Menter Iaith has not only helped increase the number of Welsh speakers, but also been of great assistance in terms of boosting the economy at a community level. The Lochaber Gaelic Language Initiative will see a Steering Group set up which will represent the various communities in the area and bring together individuals, community organisations and professional organisations to coordinate Gaelic Activity in the area. The Steering Group will consult on and establish the priorities for Gaelic Development and work with other delivery partners to increase the numbers of Gaelic speakers and the scope of the language.
Following on from the public meetings, the officer will convene the first meetings of the Iomairt Gàidhlig Steering Group who will work towards the increased use of Gaelic. Iomairtean Cànain are funded by Bòrd na Gàidhlig, the lead development agency responsible for delivering the National Plan for Gaelic and Highlands and Islands Enterprise. The Iomairtean are a direct outcome of discussions and recommendations produced at the national conference “Growing Gaelic in the community”, organised by the Bòrd and Comhairle nan Eilean Siar, which was held in Breasclete, Lewis, at the end of last year. For further information please contact Eilidh Shaw, Comunn na Gàidhlig on 01397 701988 |
|||||||||||||||||||||||||||||||
|
dachaigh :: naidheachdan :: taic-airgid :: tachartasan :: iomairtean :: mun Ghàidhlig :: foillseachaidhean :: ceangalan :: cuir fios gu home :: news :: funding :: events :: initiatives :: about Gaelic :: publications :: links :: contact |
©2010 CnaG
site by reefnet |
|||||||||||||||||||||||||||||||