Pròiseact DVD Bhràgair
Pròiseact choimearsnachd inntinneach ...

Lorg / Search: |
||||||||||||||||||||||||||||||||
Mìltean de notaichean airson Leasachadh Gàidhlig8mh Gearran 2010 Tha na mìltean de nòtaichean ùra ri’m faotainn le buidhnean coimhearsnachd agus gnìomhachasan air Ghàidhealtachd airson leasachaidhean Gàidhlig. Tha seo ga fhoillseachadh an-diugh (Diluain 8mh An Gearran) le Comunn na Gàidhlig (CnaG). Tha an airgead, £80,000 gu h-iomlan, ri fhaotainn tro thrì sgeamachan-taic a tha gu bhi a’ dol eadar seo agus deireadh an t-Sultain. ’S ann tro chùmhnant ChnaG le Iomairt na Gàidhealtachd (InG) a tha na sgeamaichean air steidheachadh. Anns a’ chiad àite, tha Sgeama Soidhnichean ’s Margaideachd. Tha luach £25,000 anns an sgeama seo uile gu lèir, agus tha e fosgailte do chompanaidhean prìobhaideach, iomairtean sòisealta, neo buidhnean coimhearsnachd agus carthannach ann an sgìre InG. Faodaidh na buidhnean neo companaidhean taic airgid de suas ri £2,000 fhaighinn aig ìre suas ri 70% de chosgaisean ma tha sin freagarrach, airson soighnichean dà-chànanach air toglaichean, carbadan, air neo airson goireasan margaideachd eile. Tha an sgeama seo air a bhi air leth soirbheachail anns na bliadhnachan a chaidh seachad, le mu ceud buidheann neo companaidhean air feum a dhèanamh dheth. ’S an dàrna àite, tha Sgeama Ùr-ghnàthachaidh Gàidhlig. Tha luach £20,000 anns an sgeama seo gu h-iomlan agus tha e fosgailte do bhuidhnean a tha stèidhichte ann an sgìre InG. Faodaidh buidheann neo companaidh suas ri £15,000, aig ìre suas ri 90% de chosgaisean, fhaighinn airson pròiseactan ùr-ghnàthaichte a chuir an sàs, ceangailte ris a’ Ghàidhlig. Bhon sgeama seo thathas gu sònraichte ag amas air pròiseactan a dh’fhaodadh a leasachadh ’s a thoirt chun mhargaidh rè ùine, anns na prìomh roinnean chudromach de dh’eaconamaidh na sgìre. ’S iad sin: gnìomhachasan cruthachail; cumhachd; seirbheisean ionmhas agus gnothachais; biadh agus deoch; saidheans beatha; agus turasachd. Mu dheireadh tha Sgeama Ath-bheothachaidh Coimhearsnachd. Tha luach £35,000 anns an sgeama seo, a tha a dh’aona-ghnothach fosgailte do bhuidhnean carthannach, buidhnean coimhearsnachd neo iomairtean sòisealta. A bharrachd air seo, tha an sgeama seo a-mhàin dha buidhnean a tha anns na ‘sgìrean dùbhlanach’, mar a tha iad seo air an comharrachadh le InG. Tha seo a’ gabhail a-steach a mhòr-chuid den chost an iar; ceann a tuath an t-Eilean Sgiathanaich; agus na h-Eileanan an Iar, ach a-mhàin sgìrean an Rubha agus a’ Bhac. Fon sgeama seo thathas gu h-àraidh ag amas air pròiseactan a bheir piseach air beatha-coimhearsnachd, agus far a bheil a’ Ghàidhlig aig cridhe a’ gnothach. Dh’fhaodadh seo toirt a-steach pròiseactan cùram-chloinne; barrachd cleachdadh Gàidhlig sa choimhearsnachd neo air rèidio ionadail; trèanadh a bheir piseach air cothroman-cosnaidh ’s a’ Ghàidhlig; neo tachartasan stèidhichte air dualchas agus cultar na sgìre. Bhon sgeama seo faodaidh buidhnean suas ri £10,000 fhaighinn aig an ìre as àirde, aig ìre 70% de chosgaisean ma tha sin iomchaidh. Thuirt Ceannard Chomunn na Gàidhlig, Dòmhnall MacNèill; “Tha sinn ro-thoilichte a bhi ag obair às leth Iomairt na Gàidhealtachd gus na sgeamaichean chudromach is feumail seo an cur an sàs. Cha ghabh e àicheadh, ’s an latha a th’ ann, gu bheil cothroman ann do chompanaidhean, agus coimhearsnachdan a tha a’ cleachdadh na Gàidhlig, buannachd a thoirt às. Aig CnaG tha sinn dhen bheachd gu bheil na sgeamaichean seo nam meadhan air daoine bhrosnachadh gus brath a’ ghabhail air na cothroman sin. “Tha e follaiseach, saoilidh mi, gu bheil na sgeamaichean seo feumail air fad, ach tha ùidh sònraichte againn anns an sgeama a tha ag amas air pròiseactan ùr-ghnàthach. Leis an taic seo, cò aig a tha fios dè dh’fhaodadh tighinn às? Teicneòlas neo pròiseact ùr a bheir a’ Ghàidhlig gu aire an t-saoghal?” Thuirt Alasdair MacLeòid, Oifigear Leasachaidh Gàidhlig Iomairt na Gàidhealtachd: “Aig Iomairt na Gàidhealtachd tha sinn fada, fada dhen bheachd gur e rud bunaiteach a th’ anns a’ Ghàidhlig air feadh a’ mhòr chuid den sgìre againn – is aig an dearbh àm, tha sinn a cheart cho làidir nar smuaintean gu bheil a’ chànan na meadhan air leth gus an tuilleadh leasachadh eaconamach is coimhearsnachd a thoirt gu buil. Leis a sin, tha sinn toilichte nis gum bheil na sgeamaichean seo air an cuir air dòigh le CnaG, agus mholadh sinn do bhuidheann neo companaidh sam bith aig a bheil ùidh unnta, sùil a thoirt air am fiosrachadh a tha ri fhaotainn, agus an uairsin bruidhinn ri oifigearan ChnaG.” Tha an tuilleadh fiosrachaidh mu na sgeamaichean ri fhaotainn air làrach-lìn ChnaG air neo le bhi fònadh oifisean ChnaG ann an Steòrnabhagh (01851 701802) neo Inbhir Nis (01463 234138). |
Thousands of pounds for Gaelic development8th February 2010 Thousands of pounds of new investment is now available to community groups and companies for Gaelic-related developments. This has been announced today (Monday 8th February) by Comunn na Gàidhlig (CnaG). The cash, £80,000 in total, is being made available via three schemes which will operate between now and the end of September, and which are being run by CnaG as part of their contract with Highlands and Islands Enterprise. The first programme is a Bilingual Signage and Marketing scheme. This is worth £25,000 in total and is open to private companies, social enterprises or community groups and charities within the HIE area. A maximum of £2000 is available for each applicant, at up to 70% of costs to install bilingual signage on buildings, vehicles, or for other marketing materials. This has been a successful scheme in previous years with some 100 companies or bodies having successfully implemented and benefitted from bilingual signage or marketing. The second strand is a Gaelic Innovation Fund worth £20,000. Successful applicants, based within the HIE area could receive up to a maximum of £15,000 and up to 90% of costs to develop innovative new projects or services using or linked to Gaelic. These awards are especially geared to projects or products which could ultimately be developed for the market-place, and in particular within the key sectors of the area’s economy: creative industries; energy; financial and business services; food and drink; life sciences; and tourism. Finally the Community Regeneration Scheme is worth a total of £35,000. This is only open to community groups and social enterprises based within HIE’s Fragile Areas, loosely described as most of the west coast of the Highlands, including Sutherland, the north of Skye and most of the Western Isles. This scheme is focussed on projects which will help revitalise communities, and where Gaelic plays an integral role within the initiative. This could include Gaelic childcare projects, increased use of Gaelic within the community or on local radio; training to encourage development of the Gaelic labour market; or projects linked to local Gaelic culture and heritage. Under this programme, a maximum of £10,000 could be paid, at up to 70% of costs if appropriate. Comunn na Gàidhlig Chief Executive, Donald MacNeill said: “We are delighted to be working with HIE and to be able to launch these important and useful award schemes. It can’t be denied these days that there are many opportunities to be found in Gaelic for companies and communities. Here at CnaG we believe these schemes are a means of encouraging people to take advantage of those opportunities. “I think its clear that these programmes are all useful, but we’re especially interested in the Innovation Fund. Using this support, who knows what might be developed? New technologies or projects that could put Gaelic on a world stage?” Alasdair MacLeod, Gaelic Development Officer at HIE said: “Highlands and Islands Enterprise is strongly supportive of Gaelic and see it as fundamentally important to most of our area – we are just as strongly of the opinion that the language can be a strong driver towards more economic and community development. Therefore we are very happy that these schemes have now been launched by CnaG and we would urge any group or company with an interest in them to study the information available or to speak to Comunn na Gàidhlig staff.” More information on these schemes can be found on the CnaG website or by phoning CnaG's offices in Stornoway (01851 701802) or Inverness (01463 234138). |
|||||||||||||||||||||||||||||||
|
dachaigh :: naidheachdan :: taic-airgid :: blog :: iomairtean :: mun Ghàidhlig :: foillseachaidhean :: ceangalan :: cuir fios gu home :: news :: funding :: blog :: initiatives :: about Gaelic :: publications :: links :: contact |
©2010 CnaG
site by reefnet |
|||||||||||||||||||||||||||||||