Pròiseact DVD Bhràgair
Pròiseact choimearsnachd inntinneach ...

Lorg / Search: |
||||||||||||||||||||||||||||||||
Greis Gnìomhachais nan Oileanach 201214mh Gearran 2012 Tha Comunn na Gàidhlig a’ sireadh oileanaich le Gàidhlig agus buidhnean a tha ag obair tro mheadhan na Gàidhlig gus compàirteachadh ann an Sgeama Greis Gnìomhachais nan Oileanach 2012. Tha an sgeama a tha seo, a th’ air a bhith a’ ruith gu soirbheachail airson 10 bliadhna, a’ toirt cothrom do oileanaich aig a bheil Gàidhlig, 10 seachdainean a chuir seachad ag obair còmhla ri buidhnean a tha an sàs ann an leasachadh Gàidhlig agus leasachadh coimhearsnachd. Chan e a-mhàin gu bheil an sgeama a’ toirt cosnadh do na h-oileanaich, tha i cuideachd a’ toirt a’ chothrom dhaibh eòlas a thogail air a bhith an luib àite-obrach, na sgilean Gàidhlig aca a leasachadh, eòlas fhaighinn air an seòrsa obair a tha na buidhnean ris agus cuideachd a’ toirt a’ chothrom dhaibh na tha seo a dhèanamh nan coimhearsnachdan fhèin. A thuilleadh air na buannachdan a th’ ann do na h-oileanaich, tha buannachd san sgeama do luchd fastaidh leis gu bheil an cothrom aca oileanaich aig am bheil sgilean sònraichte fhastadh airson mìosan an t-samhraidh gu buannachd na buidhne. Tha e cuideachd a’ toirt a’ chothrom dhaibh sùil a thoirt air oileanaich a bhios a’ ceumnachadh ann an ùine nach bidh ro fhada, le sùil air dreuchdan a bhios iad airson a lìonadh sna bliadhnachan ri teachd. Thuirt Dòmhnall MacNèill, Ceannard ChnaG, “’S e sgeama air leth chudromach a tha seo bho thaobh gach cuid a’ Ghàidhlig agus ag ullachadh oileanaich airson cothroman obrach aon uair agus gun ceumnaich iad. Sa chiad dol a-mach, tha an sgeama a’ toirt cothrom do na h-oileanaich an cuid Gàidhlig a neartachadh an àrainneachd far am bheil iad mun cuairt a’ Ghàidhlig fad an latha, ach cuideachd, tha na h-oileanaich a’ faighinn eòlas air na seòrsaichean obraichean a tha ri fhaighinn an diofar cheàrnaidhean de dh’Alba do dhaoine òg aig am bheil deagh Ghàidhlig.” Thuirt Niall Ros, Ceannard Fàs Coimhearsnachd aig Iomairt na Gàidhealtachd ’s nan Eilean, “ Tha HIE a’ cur luach mhòr air an sgeama sa gach cuid airson a’ bhuannachd a th’ann dhan chànan ach cuideachd, agus gu sònraichte cudromach do HIE, a bhuannachd a th’ann bho thaobh coimhearsnachd. Tha an sgeama seo a’ toirt oileanaich air ais dhan coimhearsnachdan aca fhèin, air feadh a’ Ghàidhealtachd ’s nan eilean, airson mìosan an t-samhraidh, gus minig, oileanaich a tha a’ frithealadh colaistean is oilthighean am meadhan na h-Alba agus a dh’fheumadh fuireach air Ghalltachd airson obair samhraidh fhaighinn mìosan an t-samhraidh mur a biodh an sgeama sa. Le bhith a’ cur mìosan an t-samhraidh seachad nan coimhearsnachdan fhèin, tha e nas dualtach gun till air ais iad dhan coimhearsnachdan aca fhèin, an dèidh dhaibh ceumnachadh, mas e agus gum bidh na cothroman ann dhaibh. Seo dòigh air leth math a tha seo airson ar coimhearsnachdan a neartachadh.” Thuirt an Comhairliche Hamish Friseil, Cathraiche Comataidh Gàidhlig, Chomhairle na Gàidhealtachd, “Tha a’ Chomhairle toilichte a bhith a’ cur an taic ri Sgeama Greis Gnìomhachais nan Oileanach aon uair eile, agus gu sònraichte agus i a’ comharrachadh an deicheamh bliadhna.” Lean e air, “Tha e cudromach gu faigh oileanaich aig am bheil Gàidhlig an cothrom a cleachdadh an àrainneachd far am bheilear ga cleachdadh gu cunbhalach. A thuilleadh air an sin tha an sgeama a’ toirt a chothrom dhaibh eòlas fhaighinn san àite obrach am measg ghnìomhachasan, buidhnean h-ealain is leasachadh coimhearsnachd agus an roinn phoblach. Thig na h-oileanaich air adhart bho thaobh fileantas cànain agus nan giùlain fhèin agus bidh seo gu mòr na bhuannachd dhaibh ag ullachadh airson margaidh cosnaidh an latha an diugh.” Bu chòir do bhuidhnean, a tha a’ stiùireadh an gnìomhachas tro mheadhan na Gàidhlig, a tha airson pàirt a ghabhail san Sgeama fios a chuir gu CnaG aig an oifis ann an Inbhir Nis. Tha Sgeama Greis Gnìomhachais nan Oileanach 2012 air a mhaoineachadh le Iomairt na Gàidhealtachd ’s nan Eilean, Bòrd na Gàidhlig, Comhairle na Gàidhealtachd agus Comhairle nan Eilean Siar agus air a stiùireadh le Comunn na Gàidhlig. |
2012 Students Summer Placement Scheme14th February 2012 Comunn na Gàidhlig is offering Gaelic-speaking students and organisations which work through the medium of Gaelic the opportunity to participate in this year’s Summer Placement Scheme. The scheme, which has been operating very successfully for the past 10 years, gives Gaelic-speaking students the opportunity to work for 10 weeks with organisations engaged in Gaelic and community development activity. As well as providing the students with employment, the scheme also gives them invaluable hands-on experience in the workplace, an opportunity to improve their Gaelic fluency, an insight into the roles of the different organisations, and all this, based in their own communities. As well as the obvious benefits to the students, the scheme can also be of great benefit to employers who are able to take advantage of the students’ skills over the summer months to the benefit of their organisation. The scheme also enables employers to assess students with a view to future recruitment. Donald MacNèill, Chief Executive of Comunn na Gàidhlig, said, “This is an important scheme both for the future of the language and also for preparing students for work, following their graduation. The scheme not only provides students with the opportunity to improve their Gaelic fluency, by working in an environment where Gaelic is the language of the workplace, but also gives them a working knowledge of the employment opportunities available across Scotland, to young people with excellent Gaelic skills.” Neil Ross, Head of Community Growth at Highlands and Islands Enterprise said, “Highlands and Islands Enterprise rates highly the benefits of this scheme, both from the benefits to the language but also, and highly important to HIE, the benefits to communities. The scheme brings students back to their own communities, across the Highlands and islands, often, students who are studying in the Central Belt, and who would have to remain in the Central Belt over the summer months to get summer employment, were it not for this scheme. Having the opportunity to spend the summer months back in their own communities makes it more likely these young people will return home for work, once they have graduated, if the opportunities are there. This is an extremely effective way to maintain and strengthen communities.” Councillor Hamish Fraser, Chairman of the Highland Council’s Gaelic Committee said, ”The Council is pleased to be supporting the Students Summer Placement Scheme once again, and particularly so, with the scheme in its 10th year.” Councillor Fraser continued, “It is important that Gaelic-speaking students have the opportunity to use their language skills within a Gaelic speaking environment. In addition, they will gain practical experience of working in the business, arts and community development, and public sectors. They will also enhance both their linguistic and presentational skills and this will help to prepare the students for the current labour market.” Organisations which work through the medium of Gaelic and wish to participate in the scheme should contact CnaG at the Inverness office. Telephone: 01463 234138 and E-mail: oifis@cnag.org.uk The 2012 Student Summer Placement Scheme is funded by Highlands & Islands Enterprise, Bòrd na Gàidhlig, Highland Council and Comhairle nan Eilean Siar and administered by Comunn na Gàidhlig. |
|||||||||||||||||||||||||||||||
|
dachaigh :: naidheachdan :: taic-airgid :: blog :: iomairtean :: mun Ghàidhlig :: foillseachaidhean :: ceangalan :: cuir fios gu home :: news :: funding :: blog :: initiatives :: about Gaelic :: publications :: links :: contact |
©2012 CnaG
site by reefnet |
|||||||||||||||||||||||||||||||