Cùrsaichean Fèin Leasachaidh
Gàidhlig agus spòrs aig Loch Iall...

Lorg / Search: |
||||||||||||||||||||||||||||||||
SGG ChnaG 200928mh Gearran 2009 Tha a’ bhuidheann leasachaidh, Comunn na Gàidhlig (CnaG) air Sgeama Greis Gnìomhachas nan Oileanach a chuir air bhog airson 2009. Tha an Sgeama, a tha air a bhith a’ dol gu soirbheachail bho 2002, a’ toirt cothrom do dh’ oileanaich aig a bheil Gàidhlig, a bhith ag obair còmhla ri buidhnean a tha an sàs ann an leasachadh Gàidhlig agus leasachadh coimhearsnachd. A thuilleadh air a bhith a’ toirt eòlas obrach dha na h-oileanaich, tha an Sgeama cuideachd a’ toirt cothrom cosnaidh dhaibh de dheich seachdainean rè mìosan an t-samhraidh. Tha an Sgeama a’ toirt cothrom do na h-oileanaich eòlas fhaighinn air a bhith ag obair ann an suidheachadh far an cluinn iad a’ Ghàidhlig ’s far am faigh iad an cothrom a cleachdadh Tha an Sgeama na cuideachadh mòr do na buidhnean Gàidhlig cuideachd oir tha iad a’ faighinn cothrom sgilean nan oileanach a chur gu feum ann an obair làitheil na buidhne. Ann an 2008, fhuair 30 oileanach greis gnìomhachais còmhla ri buidhnean an Leòdhas, Uibhist a-Tuath, Beinn na Fadhla, Uibhist a-Deas, Barraigh, An t-Eilean Sgitheanach, Ìle, Tiriodh, Inbhir Nis, Glaschu agus Dùn Èideann. Thuirt Eairdsidh MacIlleathain, Ceannard, CnaG, “Tha sinn toilichte mar a tha an Sgeama a’ fàs gach bliadhna le àireamh nan oileanach ag èirigh bliadhna air bhliadhna. Tha seo na dheagh chomharra gu bheil ùidh sa chanan a’ fàs. Bheir na greisean gnìomhachais a tha seo blasad do na h-oileanaich air na cothroman cosnaidh a tha rim faighinn an saoghal na Gàidhlig. Tha farsaingeachd nan dreuchdan cuideachd a’ dearbhadh gu bheil cothroman cosnaidh ri fhaighinn ann an coimhearsnachdan air feadh Alba. Tha sinn taingeil do Bhòrd na Gàidhlig agus Iomairt na Gàidhealtachd ’s nan Eilean airson an taic leantainneach agus tha sinn a’ coimhead air adhart ri bhith a’ leasachadh a’ phròiseact cudromach seo. Tha sinn a-nis a’ sireadh iarrtasan bho oileanaich agus bho buidhnean a tha airson compàirteachadh ann an Sgeama na bliadhna-sa.” Thuirt Alasdair MacLeòid bho Iomairt na Gaidhealtachd ’s nan Eilean, “Tha e math a bhith a’ coimhead an Sgeama a’ dol bho neart gu neart. Tha na tha sinn a’ cluinntinn bho na h-oileanaich agus na buidhnean fastaidh a th’ air pàirt a ghabhail san Sgeama gu math misneachail agus tha sinn mothachail air a bhuaidh a th’ aig an Sgeama air a bhith a’ daingneachadh luach a’ Ghàidhlig mar sgil san mhargaidh-obrach.” Bu chòir oileanaich a tha an dùil pàirt a ghabhail ann an Sgeama na bliadhna-sa iarrtas a chuir gu CnaG, 5 Caolshràid Mhìcheil, Inbhir Nis, IV2 3HQ, ro 27 Màrt 2009. Airson tuilleadh fiosrachaidh agus Foirmean Iarrtais, tadhailibh aig www.cnag.org.uk/iomairtean/oigridh/greis.php Bu chòir do bhuidhnean a tha a’ stiùireadh an gnìomhachas tro mheadhan na Gàidhlig agus a tha airson pàirt a ghabhail san Sgeama fios a chuir gu CnaG aig an oifis ann an Inbhir Nis. Fon: 01463 234138 agus P-dealain: oifis@cnag.org.uk Tha Sgeama Greis Gnìomhachais na Oileanach air a mhaoineachadh le Bòrd na Gàidhlig agus Iomairt na Gàidhealtachd ’s nan Eilean agus air a’ ruith le Comunn na Gàidhlig. |
CnaG Student Summer Placement Scheme 200928th February 2009 Comunn na Gàidhlig (CnaG), the Gaelic development agency, this week launched its 2009 Student Summer Placement Scheme. The Scheme, which has been operating very successfully since being established in 2002, gives Gaelic-speaking students the opportunity to work with organisations engaged in Gaelic and community development activity. As well as valuable career experience, the Scheme also provides students with employment for ten weeks during the summer months. The Scheme gives students the chance to gain experience through working in an environment where they will hear Gaelic spoken and are enabled to speak and use it. The Scheme can also be of great benefit to employers who are able to take advantage of the students’ skills for the benefit of their organisation. In 2008, 30 students secured placements all across Scotland with groups in Lewis, North Uist, Benbecula, South Uist, Barra, Skye, Islay, Tiree, Inverness, Glasgow and Edinburgh. Archie Maclean, Chief Executive of CnaG, said: “We are delighted to see the Scheme developing, with student numbers increasing year on year. This is a clear indication that interest in the language is growing. The work experience gives the students a valuable insight into the employment opportunities available within Gaelic organisations. The diversity of areas where students had their placements proves that employment opportunities are available within communities throughout Scotland.” “We are grateful to Bòrd na Gàidhlig and to Highlands and Islands Enterprise for their continuing support and look forward to developing this important project. We now welcome applications from students and organisations wishing to participate in this year’s Scheme.” Alasdair MacLeòid of Highlands and Islands Enterprise commented, “It’s great to see this scheme going from strength to strength. The feedback from students and employers has been very positive and we recognise the Scheme’s impact in demonstrating the value of Gaelic as a skill in the labour market.” Students who wish to take part in this year’s Scheme should send an application to CnaG, 5 Mitchell’s Lane, Inverness, IV2 3HQ, before 27 March 2009. For further information, and to download an application form, go to www.cnag.org.uk/iomairtean/oigridh/greis.php Organisations which conduct their business through the medium of Gaelic and who wish to participate in the Scheme should contact CnaG at the Inverness office. Telephone: 01463 234138 and E-mail: oifis@cnag.org.uk The Student Placement Scheme is funded by Bòrd na Gàidhlig and Highlands & Islands Enterprise and administered by Comunn na Gàidhlig. |
|||||||||||||||||||||||||||||||
|
dachaigh :: naidheachdan :: taic-airgid :: tachartasan :: iomairtean :: mun Ghàidhlig :: foillseachaidhean :: ceangalan :: cuir fios gu home :: news :: funding :: events :: initiatives :: about Gaelic :: publications :: links :: contact |
©2010 CnaG
site by reefnet |
|||||||||||||||||||||||||||||||