Skip Navigation
 

Seachdain Gàidhlig airson teaghlaichean

5mh Màrt 2008

26 Iuchar do 1 Lùnastal 2008

Às dèidh tachartas gu math soirbheachail an-uiridh tha Comunn na Gàidhlig agus Comann nam Pàrant a’ cur air bhonn seachdain Gàidhlig a-rithist ann an Leòdhas airson teaghlaichean le chlann ann an foghlam tro mheadhan na Gàidhlig. Tha e aithnichte a-nis gu bheil ath-stèidheachadh na Gàidhlig mar ‘cainnt màthaireil’ agus cleachdadh na Gàidhlig anns an dachaigh agus anns an teaghlach deatamach do ath-bheothachadh na cànain agus cuiridh an t-seachdain seo ris an taic a tha ri fhaighinn mar tha do phàrantan a tha airson barrachd Gàidhlig a chleachdadh anns na dachaighean aca.

Bidh na h-inbhich aig clasaichean Gàidhlig gach latha fhad ’s a tha a’ chlann aig an Fhèis ann an Steòrnabhagh.

Bidh gach teaghlach a’ fuireach ann an taigh le dà sheòmar-cadail aig Hebridean Cottages, Steòrnabhagh.

Cosgaidh an t-seachdain £250 gach buidheann teaghlaich agus feumaidh compàirtichean am biadh agus an cuid siubhail a phàigheadh.

Ma tha sibh ag iarraidh àite air an t-seachdain neo barrachd fiosrachaidh cuiribh fios gu Magaidh Wentworth air 01463 234138 neo magaidh@cnag.org.uk

Gaelic Holiday Week for families

5th March 2008

26th July to 1st August 2008

Following last year’s very successful event Comunn na Gàidhlig and Comann nam Pàrant are organising another Gaelic week in Lewis for families with children in Gaelic medium education. The re-establishment of Gaelic as a ‘mother tongue’ and the crucial role Gaelic use within the home and family has to the revival of the language is now widely recognised and this week will add to the support already available to parents who are keen to increase their use of Gaelic in their home.

Adults will attend Gaelic classes each day whilst the children are at the Fèis in Stornoway.

Accommodation is in two bedroomed chalets at Hebridean Cottages, Stornoway.

The week will cost £250 per family group and participants will be liable for their own travel and food expenses.

If you would like a place for the week or more information please contact Magaidh Wentworth on 01463 234138 or magaidh@cnag.org.uk

Cùrsaichean Fèin Leasachaidh

Gàidhlig agus spòrs aig Loch Iall...

tuilleadh...


Children playing a game

Sradagan Drama Afternoon

Enjoyable session in Kilmarnock ...

more...


dachaigh :: fiosrachadh :: ar dèanadas :: seirbheisean :: leasachadh :: mun Ghàidhlig :: foillseachaidhean :: ceangalan :: cuir fios gu
home :: news & events :: what we do :: services :: development :: about Gaelic :: publications :: links :: contact
©2008 CnaG
site by reefnet