Tobar an Dualchais: Luchd-ealain air muinntireas (pàirt-ùine)
C£22-£25k (pro rata)
Le taic bho Alba Chruthachail, tha Tobar an Dualchais a’ tairgsinn cothroman-cosnaidh pàirt-ùine do luchd-ealain a tha airson an eòlas a th’ aca air cruinneachaidhean Tobar an Dualchais a leudachadh agus a bhith ag obair mar thosgairean airson an làrach-lìn a-measg luchd-ealain agus ann am foghlam. Bidh cothroman ann cuideachd a bhith a’ cur ris an làrach-lìn.
Bidh aon neach ag obair tron Ghàidhlig agus an tè/fear eile eile ann an Albais. Faodar a bhith ag obair ann an àite sam bith ann an Alba.
’S e deagh chothrom a tha seo do dhaoine aig a bheil eòlas air co-dhiù aon de na h-ealain traidiseanta a tha a’ nochdadh air an làrach-lìn (ceòl, òrain no sgeulachdan). Bu choir fìor ùidh a bhith agad ann an Tobar an Dualchais agus dealas airson an luchd-cleachdaidh a leudachadh. Feumaidh tu bhith fileanta sa Ghàidhlig, le deagh sgilean conaltraidh, agus bu chòir dhut cuideachd a bhith eòlach air a bhith ag obair còmhla ri luchd-ealain eile no ann am foghlam. Bidh na h-uairean obrach sùbailte, a’ gabhail a-steach mu 70 latha eadar Màrt agus Dùbhlachd 2012.
Airson tuilleadh fiosrachaidh agus foirm iarrtais cuiribh fios gu: dualchas@uhi.ac.uk
Iarrtasan ro: 10 Gearran 2012 |