Cùrsaichean Fèin Leasachaidh
Gàidhlig agus spòrs aig Loch Iall...

Lorg / Search: |
||||||||||||||||||||||||||||||||
Sgoilear à Inbhir Nis a buannachd Ri Chèile 200919mh Dàmhair 2009 Tha buidheann de dheugairean Gàidhlig air tilleadh air ais à Doire, Èirinn a Tuath bhon Fhòram Cainte eadar-nàiseanta Gàidhlig Ri Chèile a tha air a chuir air dòigh gach bliadhna le Comunn na Gàidhlig (CnaG) ann an Alba agus Gael Linn ann an Èirinn. Thàinig sgoilearan bho dhiofar sgìrean ann an Èirinn a Tuath agus Èirinn a Deas còmhla ri sgoilearan bho, Glaschu, Steòrnabhagh, Comar nan Allt, Baile Dhubhthaich agus Inbhir Nis. A bharrachd air an deasbad fhèin, thadhail iad air an Talla Guild ann an Doire far an do thachair iad air Pòl Flemming, Mòr-mhaor a bhaile, ghabh iad cuairt coiseachd mun cuairt nam Ballachan Derry agus turas a-mach gun an Giant’s Causeway. ’S i Caitlin Nic a' Ghobhainn à Acadamaidh Allt a' Mhuilinn, Inbhir Nis a bhuannaich a’ phrìomh dhuais, bha Eilis Ní Bhraonáin, Pobalscoil Chloch Cheann Fhaolaí anns a’ chiad àite airson Èirinn agus Mairead NicLeòid à Àrd-sgoil MhicNeacail, Eilean Leòdhais anns a’ chiad àite airson Alba. Thuirt Dòmhnall Dòmhnallach, Cathraiche CnaG: “Tha CnaG air leth toilichte a bhith a’ cur taic ris an fharpais seo ann an compàirt ri Gael Linn. Tha Ri Chèile cudromach ann a bhith a’ dèanamh ceangal eadar an dà choimhearsnachd cànain”, agus mhìnich e "tha na cuairtean seo a' toirt cothroman do dh'òigridh Ghàidhlig an cuid sgilean cànain a leasachadh troimh bhith ag ullachadh agus a' gabhail pàirt anns an deasbad, a tha a’ gabhail a-staigh iomadach cuspair anns na naidheachdan. Bha sinn toilichte cuideachd cho math ’s a rinn a’ chloinn bho Alba am bliadhna agus tha sinn an dòchas gun cùm an t-adhartas sin a’ dol anns na bliadhnaichean a tha romhainn.” A rèir Catrìona Nic a’ Phì, tidsear bho Àrd-sgoil Allt a’ Mhuilinn, Inbhir Nis " 'S e cothrom air leth a bha seo airson na sgoilearan a ghabh pàirt. Chan e a-mhàin gun tug e misneachd dhaibh ann a bhith a' labhairt gu poblach, ach gun tug e dhaibh an cothrom a bhith a' siubhal gu dùthaich eile, a' coinneachadh ri sgoilearan eile agus ag ionnsachadh mu eachdraidh na sgìre dhan deach iad. Deagh ionnsachadh anns a h-uile dòigh, a-mach às a' chlas. Bha mi cho moiteil as na sgoilearan air fad ach chuir e loinn air an turas nuair a bhuannaich tè as an sgoil againn fhin!" An lùib chuspairean na bliadhna seo, bha ‘Am bu chòir do dh’Alba a bhi na dùthaich neo-eisimeileach’, ‘Ball-coise: cùis beatha no bàs?’, ‘Buirbe do Bheathaichean’ agus ‘Slàinte ann an Alba’. |
Inverness School Pupil wins Ri Chèile 200919th October 2009 A group of Gaelic speaking teenagers visited Derry, Northern Ireland as part of the annual international Fòram Cainte ‘Ri Cheile’ organised by Comunn na Gàidhlig in Scotland and Gael Linn in Ireland. Pupils came from different areas in Northern Ireland and the Republic of Ireland and were joined by pupils from Glasgow, Stornoway-Isle of Lewis, Cumbernauld-North Lanarkshire, Tain and Inverness. Over and above the debate they visited Derry Guild Hall where they met with Mayor Paul Flemming, had a walking tour of the Derry Walls and also took a trip out to the Giant’s Causeway. Caitlin Smith, Millburn Academy, Inverness was the overall winner, with Eilis Ní Bhraonáin Falcarragh Community School coming first for Ireland and Mairead NicLeòid, Nicolson Institute, Isle of Lewis coming first for Scotland. Donald MacDonald, Chair of CnaG, said: “CnaG is delighted to be supporting this event in partnership with Gael Linn. Ri Chèile is important for the linking of the two language communities. It provides an opportunity for young Gaelic speakers to develop their language skills through their preparation for and participation in the debate, which covers a number of topical issues. We were also very pleased with how well the Scottish pupils performed in this year’s competition and we hope that success continues in future years”. According to Catriona MacPhee, teacher of Millburn Academy , “This was a great opportunity for the scholars that took part. Not only that it gave them confidence to speak publically but it gave them the opportunity to travel to another country, meeting up with other scholars and learning about the history of the area they visited. In every way an good out of class learning experience. I was so proud of all scholars but it crowned the trip when one of our own scholars won. Topics covered this year were ‘Should Scotland be an independent country’, ‘Football – A matter of life and death?’, ‘Animal Cruelty’, and ‘Health in Scotland’. |
|||||||||||||||||||||||||||||||
|
dachaigh :: naidheachdan :: taic-airgid :: tachartasan :: iomairtean :: mun Ghàidhlig :: foillseachaidhean :: ceangalan :: cuir fios gu home :: news :: funding :: events :: initiatives :: about Gaelic :: publications :: links :: contact |
©2010 CnaG
site by reefnet |
|||||||||||||||||||||||||||||||