Cùrsaichean Fèin Leasachaidh
Gàidhlig agus spòrs aig Loch Iall...

Lorg / Search: |
|||||||||||||||||||||||
Oifigear Fiosrachaidh FTMG22mh Sultain 2008 Tha Comunn na Gàidhlig air Iona Nic An t-Sagairt fhastadh bho chionn ghoirid mar Oifigear Fiosrachaidh Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig. Tha an dreuchd ùr seo, a tha air a mhaoineachadh le Comhairle nan Eilean Siar (CNES), Bòrd na Gàidhlig (Am Bòrd) agus Comunn na Gàidhlig (CnaG), air a bhith stèidhichte gus Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig adhartachadh sna h-Eileanan Siar, comhairle a thoirt seachad, fiosrachadh a lorg do phàrantan, obrachadh còmhla ri buidhnean ionadail a tha an sàs ann am foghlam/leasachadh na Gàidhlig agus taic san fharsaingeachd a thoirt do phàrantan a tha air Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig (GME) a thaghadh airson an cuid chloinne. Togaidh seo air an obair a chaidh a dheanamh cheana tro Sgeama Tadhal Dhachaigh CNES/CnaG. Bidh Iona cuideachd ag obair gu math dlùth leis na buidhnean ionadail aig Comann nam Pàrant agus Comann nam Pàrant Nàiseanta. Chuir Rosemary Nic a’ Bhàird, Àrd Oifigear an Gnìomh a’ Bhùird, fàilte gun deach an dreuchd seo a stèidheachadh, ag ràdh, “Feumaidh Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig (GME) a bhith air adhartachadh air feadh nan Eilean Siar ma thathar a’ dol a choileanadh nan targaidean fàis a thathar air a mhìneachadh sa Phlana Nàiseanta. Tha Bòrd na Gàidhlig a’ miannachadh tuilleadh leudachaidh fhaicinn sna h-àireamhan de chloinn ann an GME agus feumaidh cothrom a bhith aig pàrantan fiosrachadh iomchaidh fhaighinn air na buannachdan a th’ ann a bhith dà-chànanach agus na cothroman obrach a bhios ann san àm ri teachd don cloinn far a bheil e riatanach Gàidhlig a bhith aca. Mar a bhios leudachadh a’ tighinn air àireamh nam Planaichean Gàidhlig a bhithear a’ cur an gnìomh, bidh àrdachadh a’ tighinn air an iarrtas airson daoine is buidhnean a bhith a’ tabhann raon de sheirbheisean sa Ghàidhlig. Tha Bòrd na Gàidhlig an dòchas gun tèid gu math do dh’Iona san dreuchd ùr aice agus tha sinn a’ coimhead air adhart ri i bhith ag obair gu dlùth còmhla ri sgioba foghlaim a’ Bhùird agus ar co-obraichean aig Comann nam Pàrant.” Thuirt Catriona Dunn, Roinn an Fhoghlaim CNES, “Tha an co-obrachadh eadar Comhairle nan Eilean Siar agus Comunn na Gàidhlig ann a bhith ag adhartachadh GME air a bhith èifeachdach ann a bhith a’ toirt fiosrachadh fìor do phàrantan agus air dèanamh cinnteach gu bheil na h-àireamhan a tha air a bhith a’ dol gu GME air leudachadh san beagan bhliadhnaichean a chaidh seachad. Leis gu bheil sinn dhan làn bheachd gu bheil clàradh airson GME na iuchair do shlighe foghlaim soirbheachail do sgoilearan, tha sinn airson faicinn barrachd sgoilearan a’ roghnachadh an t-solair seo agus tha sinn toilichte a bhith ag ainmeachadh an dreuchd ùir seo a chuireas ri bhith a’ coileanadh an amais a tha sin. Bidh Iona cuideachd a’ cur air adhart an com-pàirteachas le NHS nan Eilean Siar agus Comunn na Gàidhlig a chaidh a mhaoineachadh le Bòrd na Gàidhlig gus pacan Gàidhlig gu Leòr a thoirt do phàrantan ùra. Thuirt Iona, “Tha triùir chloinne agam, a tha uile a’ dol tro GME an-dràsta. Tha an triùir air a thighinn tron t-siostam bho thòisich iad san Sgoil Àraich. ’S e neach-ionnsachaidh a th’ annam-sa ach tha an duine agam fileanta. Tha mi an dòchas, leis gu bheil mi fhèin air a dhol troimhe, gur dòcha gum bi pàrantan deònach ceistean a thogail rium mu GME agus bruidhinn mu rudan a tha a’ cur dragh orra.” Thuirt Magaidh Wentworth, Oifigear Nàiseanta Chomann nam Pàrant, “Tha sinn a’ cur fàilte air an taic a bhios an dreuchd seo a’ tabhann do phàrantan air feadh nan Eilean Siar, a tha a’ beachdachadh air GME airson an cuid chloinne. Bidh e comasach do Iona comhairle is fiosrachadh ceart a thoirt do phàrantan a leigeas leotha a thighinn gu co-dhùnadh mu fhoghlam an cuid chloinne a bhios air a stèidheachadh air deagh fhiosrachadh.” Ged a bhios i stèidhichte ann an Steòrnabhagh, bidh Iona ag obair air feadh nan Eilean Siar agus tha i an dòchas tadhal air na sgìrean eadar-dhealaichte gu math luath. Coinnichidh Iona ri duine sam bith aig a bheil ùidh ann an GME agus tha i an dùil fiosrachadh air GME a dhèanamh nas fhasa fhaighinn le bhith an làthair air Làithean Fosgailte, ag obrachadh còmhla ri na tha os cionn nan Cròileagain agus a bhith ag ullachadh agus a’ sgaoileadh pasganan fiosrachaidh. Bidh e comasach dhi tadhal air pàrantan nan dachaigh ma thèid sin a chuir air dòigh ro làimh. Faodar fios a chuir gu Iona aig oifis ChnaG ann an Steòrnabhagh air 01851 701802 no air post-dealain iona@cnag.org.uk |
Gaelic Medium Education Information Officer22nd September 2008 Comunn na Gàidhlig has recently appointed Iona Mactaggart as Gaelic Medium Education Information Officer. The newly created post, which is funded by Comhairle nan Eilean Siar (CNES), Bòrd na Gàidhlig (Am Bòrd) and Comunn na Gàidhlig (CnaG), has been established to promote Gaelic Medium education in the Western Isles, provide advice, source information for parents, liaise with other local organisations involved in Gaelic education/development and generally support parents who have chosen Gaelic Medium Education (GME) for their children. This will build on the work previously done through the CNES/CnaG Home Visiting Scheme. Iona will also work very closely with local Comann nam Pàrant groups and Comann nam Pàrant Nàiseanta. Rosemary Ward, Acting Chief Executive of Am Bòrd, welcomed the establishment of the post, adding, “The promotion of Gaelic Medium education (GME) across the Western Isles is essential if the growth targets set out in the National Plan for Gaelic are to be achieved. Bòrd na Gàidhlig wishes to see a further increase in the number of pupils entering GME and parents need to have access to relevant information and facts on the benefits of being bilingual and the increasing opportunities later in their children’s lives for work where Gaelic is an essential requirement. As more Gaelic Language Plans are implemented so to will the increase for individuals and agencies to provide a range of services in Gaelic. Bòrd na Gàidhlig wishes Iona well in her new post and is looking forward to her working closely with the education team within the Bòrd and Comann nam Pàrant colleagues.” Catherine Dunn, Education Department CNES, said, “ The joint efforts of Comhairle nan Eilean Siar and Comunn na Gaidhlig in the promotion of Gaelic medium education has been effective in providing accurate information to parents and has ensured that the numbers opting for Gaelic medium education have increased in recent years, As we firmly believe that enrolment in Gaelic medium education is the key to a successful educational pathway for pupils we wish to see more pupils opting for this provision and are pleased to announce this new appointment which will contribute to achieving that goal. Iona will also progress our recent Bòrd na Gàidhlig funded partnership with NHS Western Isles and Comunn na Gàidhlig in providing the Gaelic Galore packs for new parents. Iona said, “I have three children, all of whom are currently going through Gaelic Medium Education (GME). All three have come through the system from Sgoil Àraich. I am a Gaelic learner although my husband is a fluent speaker. I hope that having first hand experience in this situation will perhaps enable parents to feel free to ask me questions on GME or share any concerns they may have”. Magaidh Wentworth, National Officer, Comann nam Pàrant, said, “We welcome the support that this post will offer to parents throughout the Western Isles who are considering Gaelic medium education for their children. Iona will be able to advise and provide accurate information to parents which will enable them to make a fully informed decision on their children’s education.” Although based in Stornoway, Iona will cover the entire Western Isles and hopes to visit all areas in the near future. Iona will be making herself available to meet with anyone interested in GME and intends to make information on GME more widely available by attending Open Days, liaising with Cròileagan leaders and preparing and distributing information packs. Home visits to parents will be available by arrangement with prior notice. Iona can be contacted on 01851 701802 at the CnaG office in Stornoway or by e-mail at iona@cnag.org.uk |
||||||||||||||||||||||
|
dachaigh :: fiosrachadh :: ar dèanadas :: tachartasan :: leasachadh :: mun Ghàidhlig :: foillseachaidhean :: ceangalan :: cuir fios gu home :: news & events :: what we do :: events :: development :: about Gaelic :: publications :: links :: contact |
©2008 CnaG
site by reefnet |
||||||||||||||||||||||