Cùrsaichean Fèin Leasachaidh
Gàidhlig agus spòrs aig Loch Iall...

Lorg / Search: |
||||||||||||||||||||||||||||||||
Luchd-ceumnachaidh ChnaG aig Colaisde a’ Chaisteil14mh Samhain 2009 Air a’ chùrsa, a bha stèidhte ann an Steòrnabhagh, fhuair an luchd-ceumnachaidh comhairle agus cuideachadh ann a bhith a’ sgrìobhadh is a’ leasachadh an dealbhan-obrach is ann a bhith a’ deisealachadh airson agallamhan. Fhuair iad cuideachd cothrom coinneachadh ri buidhnean is companaidhean a tha ag obair tro mheadhan na Gàidhlig. Rè na seachdain thadhail an luchd-ceumnachaidh air diofar bhuidhnean a tha an sàs ann an leasachadh Gàidhlig, nam measg, MG ALBA, BBC Radio nan Gàidheal, Stiudio Alba is Pròiseact nan Ealan. Thuirt Anna NicSuain, Ceannard na Gàidhlig aig Colaisde a’ Chaisteil agus a tha cuideachd na Ball de Bhòrd na Gàidhlig, “Bha e na thlachd ùine a chuir seachad còmhla ri buidheann de dh’òigridh Gàidhlig, aig a bheil ùidh sa chànan, agus ris am bi e an urra an cànan a lìbhrigeadh dhan ath ghinealach. Bha e cuideachd math conaltradh a dhèanamh leotha agus fiosrachadh a thoirt dhaibh mu na cothroman cosnaidh a th’ ann do luchd-labhairt na Gàidhlig.” Thuirt Caomhain Walker, neach-ceumnachaidh a th’ air greis gnìomhachais aig MNE Media an Glaschu, agus a bh’ air a’ chùrsa, “Bha e mìorbhailteach coinneachadh ri luchd-ceumnachaidh eile a th’ air an Sgeama a tha ag obair an diofar raointean-obrach agus diofar cheàrnaidhean de Alba. Tha an Sgeama na dòigh air leth math cas a-steach fhaighinn dhan àite-obrach agus, a’ leantainn a’ chùrsa fèin-leasachaidh seo tha barrachd misneachd agam airson a bhith a’ cur a-steach airson obraichean agus cuideachd a’ faireachdainn nas cofhurtail mo sgilean fhoillseachadh do luchd-fastaidh.” Bha Sìne Nicleòid à Nis, a tha na rannsaiche aig Mac TV an Steòrnabhagh air an Sgeama Luchd-ceumnachaidh ann an 2006/7, a’ faireachdainn gun rinn e feum mhòr dhi. Thuirt i, “Fhuair mise mòran bhuannachdan bho bhith air Sgeama Luchd-ceumnachaidh ChnaG. Bha mi air greis gnìomhachais aig Fosglan, Colaisde a’ Chaisteil, agus thug e dhomh cothrom mòran sgilean ùra a thogail mu eadar-theangachadh, sgilean a tha air leth feumail dhomh a-nis nam obair sna meadhanan. Thug a’ bhliadhna cothrom dhomh mo sgilean cànain a leasachadh ann an àrainneachd Ghàidhlig, ag ionnsachadh bho luchd-obrach a bha fìor eòlach air an cuid obrach. Ged a fhuair mise mo chuid foghlaim sna h-Eileanan an Iar, tha mi den bheachd gu bheil an Sgeama math airson cothrom a thoirt dhan òigridh, a th’air an cuid foghlaim fhaighinn an colaisdean/oil-thaighean air tìr-mòr, cothrom obair a lorg air ais nan coimhearsnachdan fhèin, rud a tha math do eaconamaidh na Gàidhealtachd’s nan Eilean.” Tha naoinear luchd-ceumnachaidh an ceartuair air an Sgeama, ag obair an diofar raointean-obrach air feadh Alba. Tha Sgeama Luchd-ceumnachaidh ChnaG air a maoineachadh le Riaghaltas na h-Alba, Iomairt na Gàidhealtachd ’s nan Eilean agus Bòrd na Gàidhlig. |
CnaG Gaelic Graduates at Lews Castle College14th November 2009
The week-long course which was based in Stornoway, included advice on how to prepare and improve CVs and interview skills and also gave the graduates an opportunity to meet up with potential employers. During the week, the graduates visited and met up with representatives from various agencies involved in Gaelic development including MG Alba, BBC Radio nan Gàidheal, Studio Alba and Pròiseact nan Ealan. Annie Macsween, Head of Gaelic Studies at Lews Castle College and who is also a member of Bòrd na Gàidhlig said, “It was a pleasure to spend time with a number of enthusiastic Gaelic speakers who are in the process of taking the Gaelic language baton from the older generation and running with it for the advancement of the language. It was good to be able to share experiences with them and to introduce them to the very many opportunities that are out there for Gaelic speakers.” Kevin Walker, one of the graduates on the course and who is on placement with MnE Media in Glasgow said, “It was fantastic to meet up with other graduates who are on the Graduate Placement Scheme in different areas of work and in different parts of Scotland. The Scheme is an excellent way of getting access into the workplace and, following the course at the Lews Castle College, I now feel more confident when applying for jobs and also, selling my skills to potential employers.” Jayne Macleod, from Ness, who is a researcher with Mac TV in Stornoway, and who undertook a year-long placement on the Graduation Scheme in 2007, said, “I benefited greatly from taking part in the Graduate Placement Scheme. I worked with Fosglan at Lews Castle College, which gave me an opportunity to learn about all aspects of translation, which is beneficial to me in my current job in Gaelic media. The year gave me a chance to really work on developing my language skills and also gave me an opportunity to work in a Gaelic environment, learning from people with years of experience. Although I undertook all my studies in the Western Isles, I believe the CnaG Graduate Placement Scheme presents graduates who have studied outwith the Highlands and Islands with an opportunity to obtain work back in their own communities which can only be good for the local economy." There are currently 9 graduates on the scheme, working with various businesses across Scotland. The Comunn na Gàidhlig Graduate Placement Scheme is funded by the Scottish Government, Highlands and Islands Enterprise and Bòrd na Gàidhlig. |
|||||||||||||||||||||||||||||||
|
dachaigh :: naidheachdan :: taic-airgid :: tachartasan :: iomairtean :: mun Ghàidhlig :: foillseachaidhean :: ceangalan :: cuir fios gu home :: news :: funding :: events :: initiatives :: about Gaelic :: publications :: links :: contact |
©2010 CnaG
site by reefnet |
|||||||||||||||||||||||||||||||