Cùrsaichean Fèin Leasachaidh
Gàidhlig agus spòrs aig Loch Iall...

Lorg / Search: |
||||||||||||||||||||||||||||||||
Taic ri Duaisean eadar-nàiseanta na Camanachd7mh Dàmhair 2009 Tha Comunn na Gàidhlig (CnaG), am buidheann leasachaidh Gàidhlig, air daingneachadh gum bi iad a’ cur taic uair eile ri oidhirpean nan sgiobaidhean camanachd Albannach anns an t-sreath eadar-nàiseanta aca de gheamannan an aghaidh Èirinn aig deireadh an Dàmhair. A’ cur fàilte air daingneachadh dhuaisean 2009, thuirt Donnchadh Camshron, Ceann-suidhe Chomann na Camanachd, agus e a’ bruidhinn anns an Òban air thoiseach air gèam Cupa a’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail eadar Lochside Rovers agus Oban Celtic air Disathairne 10 Dàmhair: “Tha buinn nan sàr-chluicheadairean an-diugh am measg nan duaisean as àirde cliù do chluicheadairean camanachd fa leth, agus thathar gu mòr ga sireadh, agus tha fios agam gu bheil sùil aig na cluicheadairean Èireannach annta nuair a bhios iad a’ com-pàirteachadh sna geamannan. Tha gach buadhaiche a choisinn na buinn thar nam bliadhnaichean air a bhith barraichte nan cluiche, agus tha na cluicheadairean sin bho gach taobh a’ coimhead air na duaisean sin a bhuannachadh mar shochair ionmholta. Tha mi cuideachd toilichte gu bheil gèam nam mnathan air àrdachadh a thaobh inbhe, gu ìre a bhith aithnichte mar àrd-ùrlar freagarrach airson an onair cheudna fhaighinn. Tha mi taingeil do Chomunn na Gàidhlig airson an dealais leantainneach a thaobh nan duaisean agus tha an taic aca a’ dol gu foirfe leis an taic a bharrachd a tha sinn a’ faighinn am-bliadhna bho phròiseact Cholmcille agus Bòrd na Gàidhlig. Chan eil àrd-ùrlar taisbeanaidh nas fheàrr ann airson nan ceanglaichean spòrs agus cultarach a th’ againn eadarainn, na na geamannan dùbhlain eadar-nàiseanta.” |
CnaG to support Shinty international awards7th October 2009 Gaelic development agency Comunn na Gàidhlig, (CnaG) has confirmed that it will once again be supporting the efforts of the Scottish shinty teams in their international series of matches with Ireland at the end of October. Welcoming the confirmation of the 2009 awards, Camanachd Association President Duncan Cameron, speaking from Oban in advance of the Royal national Mod Cup match between Lochside Rovers and Oban Celtic on Saturday October 10, said: “The sàr-chluicheadair medals are now amongst the most highly prized awards for individuals in shinty and much sought-after and I know that the Irish players have their eyes on them when they take part in the matches. All of the winners of the medals over the years have produced outstanding performances and some legends of both playing codes regard it as a great privilege to have won the awards. I am also delighted that the women’s game has been elevated in terms of its standing to be recognized as a fitting platform to have the same honour attached to it. I am grateful to Comunn na Gàidhlig for their continuing commitment to the awards and their contribution sits perfectly with the additional support that we are receiving this year from the Colmcille project and Bòrd na Gàidhlig. There is no better showcase for the sporting and cultural links which we share than the international challenge matches.” |
|||||||||||||||||||||||||||||||
|
dachaigh :: naidheachdan :: taic-airgid :: tachartasan :: iomairtean :: mun Ghàidhlig :: foillseachaidhean :: ceangalan :: cuir fios gu home :: news :: funding :: events :: initiatives :: about Gaelic :: publications :: links :: contact |
©2010 CnaG
site by reefnet |
|||||||||||||||||||||||||||||||