Skip Navigation
 

Foillseachadh SGG nan Oileanach - Samhradh 2008

22mh Gearran 2008

Tha Comunn na Gàidhlig (CnaG) air an Sgeama Greis Gnìomhachais nan Oileanach aca airson Samhradh 2008 fhoillseachadh an t-seachdain seo. Tha an Sgeama, a chaidh a stèidheachadh ann an 2002, ag amas air oileanaich aig a bheil Gàidhlig agus a’ toirt dhaibh cothrom air greis gnìomhachais fad deich seachdainean còmhla ri luchd-fastaidh a tha a’ stiùireadh an cuid obrach tro mheadhan na Gàidhlig.

Tha an Sgeama air còrdadh an dà chuid ri oileanaich agus ri luchd-fastaidh agus ann an 2007, fhuair 30 oileanach greis gnìomhachais ann an Leòdhas, Na Hearadh, An t-Eilean Sgitheanach, Inbhir Nis, Glaschu agus Ìle.

Tha an Sgeama a’ toirt cothrom do na h-oileanaich barrachd eòlais fhaighinn ann an àrainneachd obrach Ghàidhlig, a’ leudachadh am mothachadh agus an tuigse air leasachadh Gàidhlig agus a’ toirt cothrom do luchd-ionnsachaidh an ìre fileanantachd a chuir am meud. Tha an Sgeama cuideachd a’ toirt cothrom cosnaidh do na h-oileanaich air am bheil cruaidh fheum thairis mìosan an t-samhraidh. Tha an Sgeama na chuideachadh mòr do luchd-fastaidh oir tha e comasach dhaibh feum a chuir air na sgilean àraid a tha aig na h-oileanaich gus pròiseactan sònraichte a ghabhail os làimh cho math ri bhith a’ cur ri obair làitheil na buidhne.

Thuirt Eairdsidh MacIlleathain, Ceannard aig CnaG, “Tha sinn toilichte le mar a tha ùidh san Sgeama a’ sìor dhol am meud. Tha an Sgeama na bhuannachd an dà dhòigh. Tha e a’ gabhail a-staigh leasachadh sgilean agus leasachadh Gàidhlig agus cuideachd tha e a’ cruthachadh cothrom cosnaidh. Tha sinn taingeil do Bhòrd na Gàidhlig agus Iomairt na Gàidhealtachd airson an cuid taic thairis nam bliadhnaichean agus a’ dèanamh fiughair rin taic leantainneach leis a’ phròiseact chudromach seo. Tha sinn a-nise a’ brosnachadh oileanaich agus buidhnean aig am bheil ùidh an Sgeama na bliadhna-sa fios a leigeil dhuinn.”

Bu chòir oileanaich a tha an dùil pàirt a ghabhail ann an Sgeama na bliadhna-sa iarrtas a chuir gu CnaG, 5 Caolshràid Mhìcheil, Inbhir Nis, IV2 3HQ, ro 28 Màrt 2008. Airson an tuilleadh fiosrachaidh agus Foirmean Iarrtais, tadhailibh aig, www.cnag.org.uk/leasachadh/oigridh/greis.php Bu chòir buidhnean a tha a’ stiùireadh an gnìomhachas tro mheadhan na Gàidhlig agus a tha airson pàirt a ghabhail san Sgeama fios a chuir gu CnaG aig an oifis ann an Inbhir Nis.

Tha Greis Gnìomhachais na Oileanach air a mhaoineachadh le Bòrd na Gàidhlig agus Iomairt na Gàidhealtachd agus air a’ ruith le CnaG.

Bòrd na Gàidhlig

2008 Summer Students Placement Scheme Launch

22nd February 2008

Comunn na Gàidhlig (CnaG) has this week launched its Summer Student Placement Scheme for 2008. The Scheme, which was established in 2002, is aimed at Gaelic speaking students and provides them with a ten-week placement working with employers who conduct their business through the medium of Gaelic.

The Scheme has proved popular with students and employers alike and, in 2007, 30 students participated with placements in Lewis, Harris Uist, Skye, Inverness, Glasgow and Islay.

The Scheme provides students with the opportunity to gain experience in a Gaelic working environment, increases their awareness and knowledge of Gaelic development and provides Gaelic learners with the opportunity to increase their level of fluency in the language. It also provides the students with much needed income over the summer months. The Scheme is of great assistance to the participating employers as they are able to use the specific skills of the students to undertake the special projects as well as assisting in the day-to-day work of the organisation.

Eairdsidh Maclean Chief Executive of CnaG, said, “We are delighted with the growth in popularity of the Scheme. The Scheme is beneficial on a number fronts. It’s about developing skills, it’s about Gaelic development and of course it is also about employment. We are very grateful to both Bòrd na Gàidhlig and Highlands & Islands Enterprise for their support over the years and look forward to their continuing support on such an important project. We now urge students and also organisations who wish to participate in this year’s Scheme to get in touch.”

Students wishing to take part in this year’s Scheme are asked to submit their applications to CnaG, 5 Mitchell’s Lane, Inverness, IV2 3HQ, by 28 March 2008. For further information and Application Forms, please visit, www.cnag.org.uk/leasachadh/oigridh/greis.php. Organisations who conduct their business in Gaelic and who wish to participate in this year’s Scheme are also asked to contact CnaG at the Inverness office.

The Summer Student Placement Scheme is funded by Bòrd na Gàidhlig and Highlands & Islands Enterprise and run by CnaG.

Iomairt na Gàidhealtachd

Cùrsaichean Fèin Leasachaidh

Gàidhlig agus spòrs aig Loch Iall...

tuilleadh...


Children playing a game

Sradagan Drama Afternoon

Enjoyable session in Kilmarnock ...

more...


dachaigh :: fiosrachadh :: ar dèanadas :: seirbheisean :: leasachadh :: mun Ghàidhlig :: foillseachaidhean :: ceangalan :: cuir fios gu
home :: news & events :: what we do :: services :: development :: about Gaelic :: publications :: links :: contact
©2008 CnaG
site by reefnet