Skip Navigation

Sradagan

Comann nam Pàrant

 

Uibhist a Deas is Èirisgeigh a’ togail duais

22na Samhain 2011
Deasbad BT Alba

Chaidh duais, ‘Coimhearsnachd Ghàidhlig na Bliadhna 2011’ a bhuileachadh air riochdairean à Uibhist a Deas is Èirisgeigh, le Alasdair Allan BPA, Ministeir airson Ionnsachadh is Sgilean le uallach cuideachd airson Gàidhlig is Albais aig tachartas air Dihaoine 18 Samhain. A thuilleadh air an tiotal, ghlèidh a’ choimhearsnachd cuideachd seic airson £3,000.

Tha tagraidhean chun fharpais, a th’ air a ruith le Comunn na Gàidhlig, le taic o Iomairt na Gàidhealtachd ’s nan Eilean, air am measadh air ìre cleachdaidh na Gàidhlig aig ìre ionadail, cho follaiseach ’s a tha i san sgìre agus cho tric ’s a chluinnear i am measg muinntir na sgìre – le cuideam sònraichte ga chuir air cleachdadh Gàidhlig a measg an òigridh.

Bha na britheamhan aontaichte gun robh Uibhist a Deas is Èirisgeigh airidh air a’ chiad duais airson am fianais a thugadh seachad air mar a bha a’ Ghàidhlig ga fighe a-steach, agus mar phàirt chudromach de bheatha làitheil na sgìre.

Thuirt Lena Nic’Illfhiallainn, a tha an sàs an Iomairt Ghàidhlig Uibhist a Deas is Èirisgeigh, a chuir a’ choimhearsnachd air adhart airson na duais, “Bidh fios aig mòran gu bheil a’ Ghàidhlig làidir san sgìre a tha seo, ach cha b’ ann air an sin a stèidhich sinn ar tagradh chun an fharpais seo idir. Thog sinne fianais air a an obair a tha ga dhèanamh an-dràsta gus àite na Gàidhlig a neartachadh aig an àm a tha seo, agus gu sònraichte cothroman ùra chruthachadh dha na Gàidheil thighinn còmhla gus a’ chànan a cleachdadh.”

Thuirt an t-Oll. Alasdair Allan, “Tha mi glan air mo dhòigh an cothrom fhaighinn an duais a tha seo a bhuileachadh air coimhearsnachd Uibhist a Deas is Èirisgeigh, a’ toirt aithne dhan obair a tha iad a’ dèanamh gus a’ Ghàidhlig a chumail agus gu dearbha a leasachadh, gu sònraichte am measg an òigridh.

“Tha na britheamhan air aithneachadh gur e coimhearsnachd a tha seo a tha mothachail gu feum a’ Ghàidhlig a bhith air a fighe a-steach gu h-iomlan a’ bheatha làitheil na coimhearsnachd, agus gu feum seo a bhith aig ìre susbainteach, ma tha iad dha-rìreabh, mar a tha a’ choimhearsnachd sa, airson gum bith an cànan beò san àm ri thighinn.

“Feumar cuideachd meal a naidheachd a chuir air dà choimhearsnachd eile sna h-Eileanan an Iar, sgìre Oighreachd Ghabhsainn, a ghlèidh an darna àite agus sgìre Bhreasclèit, a ghlèidh an treas àite. ’S math a rinn sibh!”

Thuirt Ceannard ChnaG Dòmhnall MacNèill: “Tha fios againn gum bheil gu leòr a dhaoine, air feadh na Gàidhealtachd is Alba air fad, a’ dèanamh an dìcheall às leth na Gàidhlig, is tha e a’ toirt toileachas mòr dhuinne a bhith ann an comas an saothair seo aithneachadh tron fharpais seo. Mhìnich Uibhist a Deas is Èirisgeigh dha na britheamhan mar a tha a’ Ghàidhlig ga cleachdadh a measg seann is òg, agus aig a h-uile ìre de bheatha na coimhearsnachd, bhon àit’-obrach, chun sgoil, is clubaichean-òigridh.”

South Uist and Eriskay presented with Gaelic award

22nd November 2011
Deasbad BT Alba 2011 Competitors

Representatives from South Uist and Eriskay, which was recently named as Gaelic Community of the Year 2011, were presented with their award and a cheque for £3,000 by Alasdair Allan MSP, the Scottish Government Minister for Learning and Skills with responsibility for Gaelic and Scots, at a ceremony on Friday 18th November.

Nominations to the competition, which is run by Comunn na Gàidhlig, with support from Highlands and Islands Enterprise, are assessed on the use of Gaelic at each local level, the profile of the language within the communities, and how frequently Gaelic can be heard being spoken by local people – with special priority given to use among young people.

The judges this year were unanimous that South Uist and Eriskay be awarded first place on the basis of the evidence provided that Gaelic was an integral and important part of daily life within the community.

Lena MacLellan, who is a member of Iomairt Ghàidhlig Uibhist a Deas agus Èirisgeigh, which nominated the community for the Award said, “Many will know that Gaelic is strong is this area, but that wasn’t the basis of this application. We focussed on all the things being done at the moment to strengthen Gaelic and particularly to create new opportunities for Gaelic speakers to come together and use the language.”

Dr Alasdair Allan MSP, said, “I was delighted to be able to present this award to the community of South Uist and Eriskay, to recognise the work they are doing to maintain and develop the Gaelic language, particularly amongst young people.

“The judges have recognised that this is a community which understands that Gaelic has to be mainstreamed into every aspect of the community’s daily life, and that this has to go beyond tokenism if they are to be serious, as they clearly are, about the language having a future.

“Congratulations must also go to the two other communities in the Western Isles in Galson and Breasclete, who were awarded second and third prize respectively. Mealaibh ur naidheachd!”

CnaG chief executive Donald MacNeill said: “We know that many people, within the Highlands and Islands, and Scotland as a whole, are working hard for Gaelic, and we are delighted to be able to reward some of these efforts through this competition. South Uist and Eriskay demonstrated to the judges how Gaelic is used amongst young and old, and at every level of daily life, from the workplace to the school and clubs for younger people.”

Bràgair

Pròiseact DVD Bhràgair

Pròiseact choimearsnachd inntinneach ...

tuilleadh...


Cur is Fàs

Cur is Fàs Ùr

Foghar 2011

more...


dachaigh :: naidheachdan :: taic-airgid :: blog :: iomairtean :: mun Ghàidhlig :: foillseachaidhean :: ceangalan :: cuir fios gu
home :: news :: funding :: blog :: initiatives :: about Gaelic :: publications :: links :: contact
©2012 CnaG
site by reefnet