Skip Navigation

Sradagan

Comann nam Pàrant

 

Spòrs gu leòr aig Dràma le Astar

14mh Gearran 2012

Dràma le astarThàinig 16 sgoilearan Gàidhlig còmhla Disathairne 11mh Gearran ann an Glaschu aig an treas tachartas ‘Dràma le astar’ far an robh an òigridh a chruthachadh dràma goirid taobh staigh sreath de bhùithtean obrach a mhair latha.

Thachair an tachartas ann an Leabharlann Mhìcheil agus ann an sgioban beaga chruthaich an òigridh dràma goirid air cuspair ‘cogadh’ a thagh iad fhèin às dèidh deasbad a cleachadh rudan beaga pearsanta a thug iad a-steach gus beachdan cruthchachail a thoirt dhaibh. Fhuair na teaghlaichean chothrom na dh’ullaich iad fhaicinn mus do chrìochnaich iad feasgar, rinn gu leòr sin agus chòrd e riutha math! Tha na dealbhan air an duilleag seo a sealtainn cuid de na bha dol air an latha.

Bha Dràma le Astar na dheagh cothrom don òigridh na sgilean cànain agus dràma a leasachadh ann an dòigh spòrsail agus am brosnachadh taisbeanadh an obair aca air àrd-urlar.

Thuirt Artair Donald, stiùiriche an dràma;
“Chòrd an latha rium gu mòr. Thòisich sinn le geamaichean dràma agus an uairsin dh’innis a h-uile duine sgeulachd. Bha e fìor mhath a bhith ag obair le buidheann òigridh aig an robh ùidh ann an dràma. Dh’obraich a h-uile neach gu math cruaidh a cruthachadh agus a leasachadh an sgeulachd aca. Bha gach buidheann gu math cuideachail le chèile. Chruthaich am buidheann pìos dràma gu math làidir airson sealltainn aig deireadh an latha! Tha mi ’n dòchas gun do chòrd an latha ris a h-uile duine a ghabh pàirt!”

Thuirt Mairead NicEacharna, ball CLDRG;
“Tha dràma na h-òigridh a’ fàs nas làidire gach bliadhna. Tha CLDRG toilichte taic a thoirt do Chomunn na Gàidhlig a-rithist gus an cothrom cudtromach seo a thoirt seachad do sgoilearan. ’S fheudar do làithean mar seo a bhith ann gus am faigh iad misneachd Gàidhlig a chleachdadh taobh a-muigh na sgoile.”

Bha an seisean air a chuir air dòigh le Iomairt Ghàidhlig Ghlaschu is Comunn na Gàidhlig agus Glaschubheò agus air a mhaoineachadh le CLDRG.

Dràma le astar

Plenty of fun at Dràma le Astar

14th February 2012

16 Gaelic speaking schoolchildren took part in the third ‘Dràma le Astar ¦ Play in a Day’ event in Glasgow on Saturday February 11th where the young people created their own short drama piece during a series of workshops at the day long event.

The event took place in The Mitchell Library where the young people created a short drama piece working in small groups. They chose the topic ‘war’ after using small personal items which they had brought to the session to provide creative inspiration. The families were able to see the results of their efforts before the session finished during the afternoon and were impressed with what they saw! The pictures on this page show some of the highlights from the day.

Dràma le Astar was a good opportunity for the young people to enhance their Gaelic and drama skills in a fun way and enable / encourage them to showcase their work on stage.

Arthur Donald who co-ordinated the drama said;
“I really enjoyed the day. We started with drama games and then everybody told a story. It was very encouraging to worth with a group of young people with such an interest in drama. Everyone worked together very hard creating and developing their stories. Each group was helpful to the others. A drama piece was prepared for showcasing at the end of the day. I hope everyone who took part enjoyed themselves!”

Mairead Mackechnie, member of CLDRG added;
“Youth drama grows stronger every year. CLDRG is pleased to support Comunn na Gàidhlig once again in giving this important opportunity to school pupils. There must be days like this to give them confidence in using their Gaelic outwith a school setting.”

The session was arranged by Iomairt Ghàidhlig Ghlaschu & Comunn na Gàidhlig and funded by CLDRG with support from Glasgowlife.

Play in a day
Bràgair

Pròiseact DVD Bhràgair

Pròiseact choimearsnachd inntinneach ...

tuilleadh...


Cur is Fàs

Cur is Fàs Ùr

Foghar 2011

more...


dachaigh :: naidheachdan :: taic-airgid :: blog :: iomairtean :: mun Ghàidhlig :: foillseachaidhean :: ceangalan :: cuir fios gu
home :: news :: funding :: blog :: initiatives :: about Gaelic :: publications :: links :: contact
©2012 CnaG
site by reefnet