Skip Navigation
 

Pròiseact Dhràma Siorrachd Rois agus Chataibh

11mh Màrt 2008

Tachartas aig Spa Pavillion, Srath Pheothair, a’ tòiseachadh aig 7f, Diardaoin 13 Màrt

Tha Fèisean nan Gàidheal ag obair còmhla ri ceithir bun-sgoiltean ann an Siorrachd Rois agus Cataibh son oidhche dhràma a chuir air dòigh an ath-sheachdain.

Tha sgoilearan bho Geàrrloch, Drochaid a Bhana, Cnoc na Creige agus Inbhir Pheofhairain air a bhith a' leudachadh dealbhan-cluiche sònraichte airson an cuirm.

Còmhla ris a' chloinn bi luchd-ciùil ionadail bho Fhèis Rois.

Thuirt Douglas Beck, Oifigeir Dhràma Fèisean nan Gàidheal “’S e deagh chothrom a th’ann airson na sgoilearan a bhith a’ cleasachd air an àrd-ùrlar. Tha sinne a’ faireachdainn gu bheil dràma Ghàidhlig cudthromach airson Gàidhlig na cloinne a leudachadh”.

Bha am pròiseact seo gu math soirbheachail anns an Earra-Ghàidheal ann an 2006 agus mar sin tha sinn air leudachadh a phròiseact gu Siorrachd Rois agus Cataibh an Eilean Sgitheanach agus Leòdhas.

Thèid na dealbhan-cluiche air an àrd-ùrlar air an 13 Màrt anns am Pavillion, Srath Pheothair, a’ tòiseachadh aig 7f. Gheibhear ticeadan air an dorus air an oidhche agus cosgaidh iad £5 airson inbhich agus bidh e saor an asgaidh airson clann fo 12 bliadhna a dh’aois.

Tha a’ phròiseact dhràma seo air maoineachadh le Fèisean nan Gàidheal, Iomairt na Gàidhealtachd agus nan Eilean, Comhairle na Gàidhealtachd, Comhairle nan Eilean Siar agus Comhairle Ealain na h-Alba.

Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh bho Deirdre Ghreumach air 07762158125, neo deirdre@feisean.org.

Ross-shire and Sutherland Schools’ Drama Project

11th March 2008

Performance at Pavillion, Strathpeffer on the Thursday 13 March at 7pm

Fèisean nan Gàidheal have teamed up with four primary schools throughout Ross-shire and Sutherland for what promises to be a night of fun, entertaining drama.

Pupils from Gairloch, Bonar Bridge, Criaghill and Dingwall primaries will be performing individual plays that they have written and developed themselves.

Also joining the youngsters will be live music from local Fèis Rois participants.

Fèisean nan Gaidheal Drama Officer, Douglas Beck explains, “This is a great opportunity for the children to perform on the stage. We feel that Gàidhlig drama is an essential part of language development and that spoken word activity such as this is particularly beneficial”.

The project was launched successfully in Argyll in 2006, and as a result has extended to Ross-shire and Sutherland, Skye and Lewis this year.

Tickets cost £5 for adults and are available on the door on the night. Under 12’s go free.

The project is funded by Fèisean nan Gaidheal, Highlands and Islands Enterprise, Bòrd na Gaidhlig, Comhairle na Gaidhealtachd, Comhairle nan Eilean Siar and the Scottish Arts Council.

For further information, please contact Deirdre Graham on 07762158125 or deirdre@feisean.org.

Cùrsaichean Fèin Leasachaidh

Gàidhlig agus spòrs aig Loch Iall...

tuilleadh...


Children playing a game

Sradagan Drama Afternoon

Enjoyable session in Kilmarnock ...

more...


dachaigh :: fiosrachadh :: ar dèanadas :: seirbheisean :: leasachadh :: mun Ghàidhlig :: foillseachaidhean :: ceangalan :: cuir fios gu
home :: news & events :: what we do :: services :: development :: about Gaelic :: publications :: links :: contact
©2008 CnaG
site by reefnet