Cùrsaichean Fèin Leasachaidh
Gàidhlig agus spòrs aig Loch Iall...

Lorg / Search: |
||||||||||||||||||||||||||||||||
Taic airson cuach na cloinne8mh Ògmhìos 2009 Tha Comunn na Gàidhlig (CnaG) air leth toilichte ainmeachadh gu bheil MG ALBA a’ dol a thoirt taic dha na h-oidhirpean aige a bhith ag adhartachadh is a’ leasachadh na Gàidhlig aig ìre coimhearsnachd tro chom-pàirteachadh san Fharpais Nàiseanta Ball-Coise airson Sgoiltean 2009 a tha CnaG a’ cur air adhart. Tha cuideachd Lìog Ball-coise na h-Alba a tha a’ cur air dòigh Cupa Dùbhlan ALBA a’ cur fàilte air a’ cho-fharpais a tha a’ faighinn sponsaireachd bho MG ALBA. An dèidh mar a shoirbhich leis an fharpais an-uiridh, tha CnaG air farpais 2009 a chur air dòigh agus bidh na cuairtean deireannach a’ gabhail àite sa Ghearastan air Disathairne 13mh Òg-mhios. Am bliadhna, airson a’ chiad turas, bidh MG ALBA a' leudachadh an sponsaireachd de Chupa Dùbhlan ALBA le bhith a’ toirt a’ chothroim don sgioba a bhios soirbheachail a bhith an làthair mar urrachan aig Cuairt Dheireannach Cupa Dùbhlan ALBA a bhios air a chraoladh beò air BBC ALBA san t-Samhain 2009. Chan e a-mhàin gu bheil farpais ChnaG, a tha fosgailte do chloinn air Prìomh 4-7 Bun-sgoile agus a tha a’ dol tro Fhoghlam tro Mheadhan na Gàidhlig, a’ toirt dhan chloinn an cothrom faighinn troimhe chun Chuairt Dheireannach Nàiseanta agus eadhoin duais Cuach na Cloinne a bhuannachadh, ach tha e cuideachd a’ toirt dhaibh an cothrom coinneachadh ri cloinn le Gàidhlig bho air feadh na dùthcha. Thuirt Eairdsidh MacIlleathain, Ceannard ChaG, 'Tha sinn air leth toilichte gu bheil MG ALBA a’ toirt taic do cho-fharpais na bliadhna-sa. Tha seo a’ toirt togail mhòr don fharpais agus a’ cur ri cliù. Tha e riatanach gum bi cloinn a tha a’ dol tro Fhoghlam tro Mheadhan na Gàidhlig a’ faighinn cothrom a bhith a’ cleachdadh an cànain taobh a-muigh an rùm-sgoile agus ‘s e fìor dheagh mheadhan a tha ann am farpaisean spòrs airson seo. Tha sinn air leth taingeil do MG ALBA airson an taic choibhneil agus tha sinn a’ coimhead air adhart ri bhith ag obair còmhla riutha air a’ phròiseact seo.’ Cluichidh deich sgiobannan a bha soirbheachail sna farpaisean roinneil a chaidh an cumail ann an Steòrnabhagh, Lìonacleit, Am Ploc, Inbhir Nis agus Sruighlea airson a’ Chupa sa Chuairt Dheireannaich a bhios air a cumail sa Ghearastan air 13mh Òg-mhios. B’ e inntrigidhean na bliadhna seo a b’ aìrde a bha ann riamh le 39 sgioba, bho 27 sgoil, a’ com-pàirteachadh sna farpaisean roinneil. Thuirt Dòmhnall Caimbeul, Ceannard MG ALBA, ‘’S e eileamaid air leth cudromach de chlàr BBA ALBA a tha ann an spòrs agus tha sinn air leth toilichte a bhith ag obair còmhla ri buidhnean leithid Comunn na Gàidhlig air pròiseactan mar Farpais Ball-Coise nan Sgoiltean aig a bheil an comas taic a thoirt don chlàr. Tha Cuach na Cloinne a’ freagairt gu mòr air an amas a tha againn a bhith a’ toirt BBC ALBA a-steach do choimhearsnachdan air feadh Alba, agus tha sinn a’ coimhead air adhart ri bhith a’ co-obrachadh le Lìog Ball-coise na h-Alba, mar sponsairean air Cupa Dùbhlan ALBA, agus le Comunn na Gàidhlig, mar sponsairean air Cuach na Cloinne.’ Thuirt Daibhidh Longmuir, Ceannard Lìog Ball-coise na h-Alba ‘Tha an SFL air leth toilichte a bhith a’ toirt taic do MG ALBA agus a chom-pàirtichean Gàidhlig, nan oidhirpean a bhith a’ leasachadh is ag adhartachadh ball-coise agus Gàidhlig aig ìre coimhearsnachd agus tha sinn a’ coimhead air adhart ri bhith a’ co-obrachadh leotha air an iomairt seo.’ Tha Cuach na Cloinne a’ faighinn taic bho MG ALBA agus Bòrd na Gàidhlig agus air a chur air dòigh le Comunn na Gàidhlig. |
Support for Cuach na Cloinne8th June 2009 Comunn na Gàidhlig (CnaG) is delighted to announce that MG ALBA is to support its efforts in the promotion and development of Gaelic at community level through its involvement in the CnaG National Schools Football competition 2009. The competition has also been welcomed by the Scottish Football League who organise the ALBA Challenge Cup and which is sponsored by MG ALBA. Following on from the success of last year’s competition, CnaG has organised the 2009 competition with the Finals set to take place in Fort William on Saturday 13th June. This year, for the first time, MG ALBA will extend their sponsorship of the ALBA Challenge Cup to offer the winners of Cuach na Cloinne the chance to enjoy some VIP treatment at the ALBA Challenge Cup Final which will be broadcast live on BBC ALBA in November 2009. The CnaG competition which is open to Primary 4 – 7 school pupils who are in Gaelic-medium education not only gives the children the chance to make their way through to the National Finals and indeed win the Cuach na Cloinne trophy but also provides them with excellent an opportunity to meet up with other Gaelic-speaking children from across the country. Eairdsidh MacIlleathain, Chief Executive of CnaG, said, “We are delighted that MG ALBA is supporting this year’s competition. This gives a boost to the competition and adds to its prestige. It is vital that children who are going through Gaelic-medium education have opportunities to use their language out with the classroom and sporting competitions are an excellent vehicle for this. We are grateful to MG ALBA for their generous support and look forward to working with them on this project.” Ten teams who have qualified from regional competitions held in Stornoway, Liniclate, Plockton, Inverness and Stirling will compete for the Trophy at the Finals which will be held in Fort William on 13 June. This year’s entries were the highest to date with 39 teams, from 27 schools, participating in the regional competitions. Donald Campbell, Chief Executive of MG ALBA said, “Sport is a hugely important element of the BBC ALBA schedule and we are delighted to be able to work with organisations such as Comunn na Gàidhlig on projects such as the Schools Football competition which have the potential to support the schedule. Cuach na Cloinne is a great fit with our objective to bring BBC ALBA into communities throughout Scotland, and we look forward to working in partnership with both the Scottish Football League, as sponsors of the ALBA Challenge Cup, and with Comunn na Gàidhlig, as sponsors of Cuach na Cloinne.” David Longmuir, Chief Executive of the Scottish Football league said “The SFL is delighted to support MG ALBA and its Gaelic partners in their efforts to develop and promote football and Gaelic at community level and we look forward to working with them on this initiative” Cuach na Cloinne is supported by MG ALBA and Bòrd na Gàidhlig and is organised by Comunn na Gàidhlig. |
|||||||||||||||||||||||||||||||
|
dachaigh :: naidheachdan :: taic-airgid :: tachartasan :: iomairtean :: mun Ghàidhlig :: foillseachaidhean :: ceangalan :: cuir fios gu home :: news :: funding :: events :: initiatives :: about Gaelic :: publications :: links :: contact |
©2010 CnaG
site by reefnet |
|||||||||||||||||||||||||||||||