Skip Navigation
 

Dùbhlan ro Dhealbhadairean Saoghal nan Gàidheal a Ghlachadh

Tha cothrom aig dealbhadairean neo-phroifeiseanta air duais luach £2000 airson inbhich no luach £500 airson òganaich le co-fharpais dhealbhan-camara a tha a’ tighinn gu crìch air 1mh an t-Sultain, anns a bheilear ag iarraidh air daoine Saoghal nan Gàidhlig a ghlacadh air camara. Tha na daoine a tha a’ cumail na co-fharpais a’ cur dhaoine gu dùbhlan agus iad ag iarraidh orra beachdachadh air a’ chuspair le inntinn fhosgailte, cheasnachail gus dealbhan drùidhteach, cumhachdach a dhèanamh a tha a’ sealltainn saoghal Ghàidheil na h-Alba agus na h-Èireann.  

Chaidh a’ cho-fharpais, Saoghal nan Gàidheal, fhoillseachadh na bu thràithe air a’ bhliadhna agus tha còrr is ceud duine air dealbh a chur a-steach mu thràth. Ge-tà, tha cothrom aig dealbhadair neo-phroifeiseanta sam bith fhathast dealbh didseatach a chur a-steach agus aon de na duaisean a ghleidheadh sa cho-fharpais seo a tha Colmcille a’ cumail – a’ bhuidheann chultarach a tha a’ brosnachadh cheanglaichean eadar Gàidheil Èirinn a Tuath, Poblachd na h-Èireann agus na h-Alba.

Mhìnich an t-Oifigear Phròiseactan airson Alba aig Colmcille, Màiri S NicLeòid: “Chùm sinn a’ cho-fharpais seo ann an 2006 an toiseach, agus chuir e iongnadh mòr oirnn na sàr chomasan a nochd daoine sna dealbhan aca agus an caochladh chuspairean agus stoidhlichean a nochd sna dealbhan, agus b’ ann gu math doirbh a bha e do na britheamhan roghainn a dhèanamh eadar na daoine a chuir stuth a-steach. Tha tòrr de dhealbhan na bliadhna-sa a’ sealltainn an aon seòrsa liut agus tha iad a’ cheart cho ealanta. Ge-tà, mholainn do dhuine sam bith a tha am beachd dealbh a chur a-steach cnuasachadh nach beag a dhèanamh air dè tha Saoghal nan Gàidheal a’ ciallachadh nuair a tha e nochdte ann an dealbh? ’S dòcha gu bheil dealbh àlainn den Ghàidhealtachd no taobh siar na h-Èirinn a’ samhlachadh nan Gàidheal do chuid a dhaoine, ach feumaidh daoine cuimhneachadh gu bheil Gàidheil an latha an-diugh gu math eadar-dhealaichte bho na Gàidheil thraidiseanta, agus tha e a’ cheart cho furasta Gàidheal a lorg sa bhaile mhòr dhùmhail ’s a tha e fear no tè a lorg air an dùthaich, agus tha iad ag obair agus a’ fuireach air feadh an t-saoghail. 

“’S math dh’fhaodte gu dearbh gun smaoinich cuid a dhaoine, nuair a tha iad a’ coimhead air dealbh de chruth-tìre na Gàidhealtachd, air mar chaidh na Gàidheil fhuadachadh bhon tìr sin an àite coimhead air mar shamhla air Saoghal nan Gàidheal; mar sin, gu ìre mhòr tha sinn a’ coimhead airson dealbhan smaoineachail, a tha beagan dùbhlanach ’s dòcha, agus a tha sealltainn nan Gàidheal fhèin, ann an aon den iomadach suidheachadh anns am faic thu iad. Gabhar ri dealbhan eile mar a tha dealbhan den tìr no a’ mhuir gu dearbh, ach feumaidh iad a bhith ceangailte ris na Gàidheil ann an dòigh a tha follaiseach don duine a tha a’ coimhead air an dealbh. Agus ’s ann air sgàth sin a tha am fo-thiotal a thig leis an dealbh cudromach. Tha sinn ag iarraidh air duine sam bith a chuireas dealbh a-steach, fo-thiotal Gàidhlig no Gaeilge a chur a-steach cuideachd le tionndadh Beurla. Ged a tha na dealbhan fhèin fìor chudromach, tha na fo-thiotalan a’ toirt cothrom do dh’fharpaisich sealltainn gu soilleir ciamar a tha an dealbh aca a’ glacadh brìgh saoghal nan Gàidheal. Gheibh daoine tuilleadh fiosrachaidh mun cho-fharpais le bhith tadhal air ar làrach-lìn aig www.colmcille.net

’S e an ceann-latha airson na co-fharpais 1 an t-Sultain 2008, agus feumaidh na dealbhan a bhith co-dhiù cho mòr ri 2400 x 3000 picsealan air an togail air camara 5MP no nas àirde gus dèanamh cinnteach gu bheil na dealbhan soilleir gu leòr airson taisbeanaidhean. Cha ghabhar ach ìomhaighean didseatach, ach faodaidh iad a bhith dathte no dubh is geal, agus feumaidh fo-thiotal Gàidhlig no Gaeilge a bhith an còis gach dealbh. The duaisean luach £4000 ann, le £2000 airson a’ chiad duais ann an roinn nan inbheach agus £500 airson a’ chiad duais do dh’òigridh a tha fo 16.

Photographers challenged to capture the life of the Gaels

Amateur photographers have until 1st September to capture the life of the Gaels on camera, and a chance to win the top prize of £2000 for adults, or the £500 top prize for juniors. Organisers are challenging entrants to think outside the box and produce thought-provoking and inspirational images which depict the lives of Gaelic speakers in Scotland and Ireland.

The competition Saoghal nan Gàidheal, or the Life of Gaels, was launched earlier this year and well over one hundred entries have been received to date. However, any amateur photographer still has the chance to submit digital images and claim one of the prizes in the competition being run by Colmcille – the cultural agency which encourages links between Gaelic speakers from Northern Ireland, the Republic of Ireland and Scotland.

Colmcille’s Scottish Project Officer Mairi S MacLeod explained: “We first ran this competition in 2006 and were amazed at the standard and variety of entries, and the judges found it very difficult to decide on the winners in the end. Many of this year’s early entries are again showing the same flair and imagination. However, I would suggest to anyone thinking of capturing the Life of the Gaels on camera, that they think hard about what that means. A beautiful landscape from the Highlands or west coast of Ireland may conjure up images of the Gaels for some people, but people must remember that today’s Gaels do not conform to traditional stereotypes, and are as likely to be found in a bustling city as in a rural setting, and live and work all over the world.

“The depiction of a landscape may indeed for some people conjure up thoughts of the removal of Gaels from that landscape rather than symbolising the Life of Gaels; and so in many respects what we are looking for are thoughtful and challenging images which in some way show the Gaels themselves, in any number of settings. Other images such as landscapes are of course acceptable, but they must clearly relate to the Gaels in a way which is obvious to the person looking at the picture. And this is where the caption is important to any image submitted. We ask anyone submitting a picture for the competition that they submit a Scottish or Irish Gaelic caption with the image, and an English translation. Although the images are the most important part of the competition, the captions give entrants a chance to make a compelling case as to why their picture captures the life of Gaelic speakers. People can find out more about the competition by visiting our website at www.colmcille.net

The competition closing date is on 1st September 2008, and photographs must be a minimum resolution of 2400 x 3000 pixels taken by a 5MP camera or higher in order to ensure they are sufficient resolution for exhibition display purposes. Only digital images are accepted, but they can be either colour of monochrome, and they must include a Scottish or Irish Gaelic caption. The total prize money is £4000, with £2000 for first prize in the adult section and £500 first prize in the junior section for under-16s.

Cùrsaichean Fèin Leasachaidh

Gàidhlig agus spòrs aig Loch Iall...

tuilleadh...


Children playing a game

Sradagan Drama Afternoon

Enjoyable session in Kilmarnock ...

more...


dachaigh :: fiosrachadh :: ar dèanadas :: seirbheisean :: leasachadh :: mun Ghàidhlig :: foillseachaidhean :: ceangalan :: cuir fios gu
home :: news & events :: what we do :: services :: development :: about Gaelic :: publications :: links :: contact
©2008 CnaG
site by reefnet