Pròiseact DVD Bhràgair
Pròiseact choimearsnachd inntinneach ...

Lorg / Search: |
||||||||||||||||||||||||||||||||
Stiùireadh nas fheàrr do dhreuchdan Gàidhlig28mh Samhain 2011 A bhith dèanamh cinnteach gum bheil margaidh-obrach na Gàidhlig ag obair ann an dòigh cho èifeachdach ’s a bu chòir – seo a’ phrìomh amas aig seiminear sònraichte a chumar ann an Inbhir Nis a-màireach (Dimàirt 29mh Samhain). Tha na ceudan de dh’obraichean an luib eaconamaidh na Gàidhlig, ann am farsaingeachd de dhiofar raointean, bho craobh-sgaoileadh gu foghlam, na roinne poblaich gu na gnìomhachasan cruthachail. A dh’aindheoin sin bith trioblaidean aig luchd-fastaidh fhathast daoine a’ lorg le measgachadh freagarrach de sgilean cànain is sgilean dreuchd; agus tha an òigridh uaireannan ga fhaighinn duilich comhairle is taic freagarrach fhaighinn bho na buidhnean taic. ’S iad seo na cuspairean air an tèid cnuasachadh a dhèanamh a-màireach le riochdairean bho saoghal na Gàidhlig, agus bho shaoghal ionnsachaidh is sgilean. Thèid am prìomh òraid a thoirt seachad leis an t-Oll. Alasdair Allan, BPA, am Ministear airson Foghlam Fad-beatha agus Sgilean, agus le uallach airson na Gàidhlig. Thuirt am Ministear: “Tha cosnadh ceangailte ris a’ Ghàidhlig a’ cur gu mòr ri eaconamaidh na h-Alba, le bhith a’ cruthachadh obraichean air feadh na dùthcha, sgìrean iomallach, dùthchail nam measg. “Tha Riaghaltas na h-Alba an sàs gu dlùth ann a bhith a’ cuir ris a seo, agus ann a bhith a’ cur a’ chànan fhèin air bun-stèidh nas seasmhaiche. Tha mise toilichte dha rìreabh gum bheil tachartas mar seo ga chumail, is bhithinn an dòchas gun gabh a h-uile buidheann a tha an sàs ann an cothrom coimhead ris na tha iadsan a’ dèanamh airson a’ Ghàidhlig, agus beachd a’ ghabhail air mar a b’ urrainn dhaibh a bhith ag obair còmhla ri càch airson an tuilleadh a dhèanamh.” Tha an seiminear ga chuir air bhonn le Comunn na Gàidhlig (CnaG), ann am compàirt ri Iomairt na Gàidhealtachd is nan Eilean (HIE), Leasachadh Sgilean na h-Alba (LSA) agus Bòrd na Gàidhlig, is thèid a chumail ann an Taigh Cowan, oifisean HIE agus LSA ann an Inbhir Nis. A rèir an rannsachadh às ùire ann an margaidh obrach na Gàidhlig, tha mu 735 dreuchdan ann an Alba air an comharrachadh mar obraichean far am bheil comasan Gàidhlig riatanach, le mu 440 eile ann far am bitheadh comasan Gàidhlig feumail. Tha 65% dhiubh seo air Ghàidhealtachd agus anns na h-Eileanan an Iar, le 35% eile sgapte air feadh an còrr den dùthcha. Ach thog an rannsachadh cuideachd gun robh feum air oidhirp chunbhalach a dhèanamh gus fiosrachadh ùr is mionaideach a thional san àm ri teachd. Tha an aithisg seo, le Hecla Consulting, cuideachd a’ toirt am follais gum bheil luchd-labhairt na Gàidhlig feumach air an tuilleadh trèanadh a thaobh sgilean cànain; agus gum bu chòir do na diofar bhuidhnean a tha an sàs ann an leasachadh na margaidhean-obrach a bhith ag obair nas dlùithe ri chèile. B’ e an aithisg is na molaidhean seo a th’air cùl an seiminear fhèin. Tha dùil ri suas ri 40 neach, bho grunn dhiofar bhuidhnean is gach taobh den ghnothach, bho luchd-fastaidh gu saoghal an fhoghlaim, iadsan a tha an sàs ann an leasachadh a’ churraicealam agus feadhainn a bhitheas a’ toirt seachad comhairle cosnaidh ann an sgoiltean. Tha dòchas ann gun ruigear aonta air gnìomhan chudromach, is a bhith ag obair nas dlùithe ri chèile Thuirt Cathraiche Comunn na Gàidhlig, agus Comhairliche Gàidhealach Hamish Friseal: “Tha fios againn gum bheil an tuilleadh san tuilleadh buidhnean poblach is prìobhaideach a’ toirt feart dhan Ghàidhlig, is gum bheil iad a’ dèanamh nas urrainn dhaibh airson a leasachadh. Ach aig a’ cheart àm tha beachd againn gum faod an obair seo a bhith uaireannan caran sgaoilte, is le sin nach eil e cho buadhmhor ’s a dh’fhaodadh e bhith a thaobh a bhith cruthachadh obraichean, misneachadh an òigridh, neo dèanamh na ceangalan ceart eadar luchd-obrach is cothroman-trèanaidh. “Tha sinn gu math toilichte a bhith ag obair còmhla ri HIE, LSA agus Bòrd na Gàidhlig gus an seiminear seo a’ chuir an cèill. Tha e soilleir dhan h-uile buidheann tha seo gum faod a’ Ghàidhlig an tuilleadh feum a’ dhèanamh de dh’ Alba san latha th’ ann, gach cuid ann an seadh eaconamach neo cultarail, agus ‘s dòcha gum bith an tachartas seo na aon cheum eile gu ruige a’ cheann uidhe sin. Aig deireadh an latha ’s e tha fainear dhuinn an seo ach luchd-obrach misneachail is dìcheallach, agus às a sin gum bith a’ Ghàidhlig agus an eaconamaidh nas làidire.” A measg na seòrsa de phrògraman a dh’fhaodar a dheasbad, tha leudachadh ann an cothroman-cosnaidh aig diofar ìrean, leithid preantasan Gàidhlig, neo sgeamaichean luchd-ceumnachaidh. Tha sgeama leithid sin bho stiùir Chomunn na Gàidhlig mu thràth, is air a mhaoineachadh le Bòrd na Gàidhlig. A measg na ceathrar dhreuchdan a tha a’ faighinn taic bhon sgeama an dràsta tha aon a thaobh taic phàrantan aig a’ bhuidheann Comann nam Pàrant. Tha Coinneach MacCoinnich à Inbhir Pheofharain anns an dreuchd seo. Thuirt esan: “Dh’ionnsaich mise Gàidhlig anns an sgoil agus an oilthigh, agus bha miann agam obair Gàidhlig fhaighinn, ach sann ann am bùthan a bha a mhòr chuid de na dreuchdan pàirt ùine a bh’ agam chun seo. Leis mar a tha an saoghal-obrach an dràsta, às aonais an sgeama seo, tha min dùil gum bithinn ag obair ann am bùth, agus nach bithinn a’ cleachdadh mo Ghàidhlig idir. A bharrachd air sin, tha mi ’n dùil gum biodh agam ri bhith air gluasad a Dhùn Èideann neo Ghlaschu agus tha an obair seo le Comann nam Pàrant air cothrom thoirt dhomh gach cuid a bhith ag obair tron Ghàidhlig agus fuireach air Ghàidhealtachd.” |
Seminar to provide better direction for Gaelic careers28th November 2011 Ensuring coordinated action towards the more efficient operation of the Gaelic labour market will be the focus of attention at a special seminar to be held in Inverness tomorrow (Tuesday 29th November.) There are currently hundreds of jobs within the Gaelic economy, in a wide range of sectors, from broadcasting to education, public services to the creative industries. However employers still face real challenges finding staff with the right combination of language and job skills; and young people can find it hard to get sufficient advice and support from careers and employment agencies. These are the topics to be considered by representatives from across the Gaelic, education and learning and skills sectors. The keynote address will be made by Dr. Alasdair Allan, MSP, Minister for Lifelong Learning and Skills, and with responsibility for Gaelic. The Minister said: “Gaelic-related employment contributes significantly to Scotland’s economy by supporting jobs across Scotland, including in fragile rural local economies. The seminar is being organised by Comunn na Gàidhlig (CnaG), in partnership with Highlands and Islands Enterprise (HIE), Skills Development Scotland (SDS) and Bòrd na Gàidhlig, and will take place in Cowan House, the Inverness offices of HIE and SDS. The most recent research into the Gaelic labour market, in 2008, estimated there were some 735 ‘Gaelic essential’ jobs in Scotland, with a further 440 being classified as ‘Gaelic desirable’. 65% of these are in the Highlands and Western Isles, with the remaining 35% being spread across the rest of the country. However it also identified a need for more consistent data-gathering in order to have access to up-to-date statistics in future. This report, by Hecla Consulting, also highlighted a need for further language training for Gaelic speakers and more co-ordinated activity by agencies involved in labour market, and has been the springboard behind the organisation of the seminar. Up to 40 people are expected to attend representing a wide range of bodies and points of view, from employers to the further education sector, and from those involved in curriculum development to careers advice in schools. It’s hoped that agreement can be secured on priority actions and closer partnership working. Comunn na Gàidhlig Chairman, and Highland Councillor, Hamish Fraser said: “We know that a growing number of bodies from the public to the private sectors are increasingly aware of Gaelic, and trying to do what they can to assist its development. However we also have a view that this work can perhaps be a little unco-ordinated at times and not achieving the best possible impact in terms of creating jobs; motivating young people; or matching existing employees with the right training opportunities. “We’re delighted to be working alongside HIE, SDS and Bòrd na Gàidhlig to deliver this seminar. It’s clear to all of these partners that Gaelic has much, much more to offer modern Scotland, both culturally and economically, and hopefully this event can be another step towards realising that objective. The ultimate goal here is a more confident and committed workforce, and flowing from that a stronger and more sustainable Gaelic language, and a stronger local and national economy.” Among the types of programmes that may be discussed and promoted, could be increased work-placement opportunities at a variety of levels, from Gaelic apprenticeships to Gaelic graduate placement schemes. One such scheme is already operated by Comunn na Gàidhlig, with funding via Bòrd na Gàidhlig. Of the four places currently supported, one is for a parental advisory role at Comann nam Pàrant. This is being undertaken by Dingwall-based Kenneth MacKenzie. He said: “I learnt Gaelic at school and university and wanted to work in a Gaelic job, but most of the part-time work I could get was in the retail sector. In the current job market, without this scheme, I would probably be working in a shop and not using my language skills. I’d probably also have had to move to Edinburgh or Glasgow and my job with Comann nam Pàrant has allowed me both to work in Gaelic and stay in the Highlands.” |
|||||||||||||||||||||||||||||||
|
dachaigh :: naidheachdan :: taic-airgid :: blog :: iomairtean :: mun Ghàidhlig :: foillseachaidhean :: ceangalan :: cuir fios gu home :: news :: funding :: blog :: initiatives :: about Gaelic :: publications :: links :: contact |
©2012 CnaG
site by reefnet |
|||||||||||||||||||||||||||||||