Pròiseact DVD Bhràgair
Pròiseact choimearsnachd inntinneach ...

Lorg / Search: |
||||||||||||||||||||||||||||||||
Ceuman beaga gu soirbheachas aig ‘Fàs Mòr’11mh Dàmhair 2011
Aig an ìre sa tha 75 duine cloinne clàraichte leis an ionaid, far am bheil a h-uile tachartas is conaltradh ga chumail sa Ghàidhlig – is le sin tha iad a’ cuir gu mòr ri neart na cànain san sgìre sin airson na bliadhnachan ri teachd. Seo an dàrna bliadhna a thathas air tiotal ‘Gnìomhachas Gàidhlig na Bliadhna’ a thoirt seachad ann am farpais a th’ air a stiùireadh le Comunn na Gàidhlig (CnaG) le taic bho Iomairt na Gàidhealtachd ’s nan Eilean (HIE). Thathas ag amas air am farpais mar mheadhan air inbhe is cliù tharraing chun Ghàidhlig le bhith a’ comharrachadh na th’ ann de ghnìomhachasan is companaidhean a tha chleachdadh aig cridhe an cuid obrach bho latha gu latha. Thòisichear ‘Fàs Mòr’, a tha stèidhichte air làrach Sabhal Mòr Ostaig, ach a tha na ghnìomhachas uile gu lèir fa-leth, bho chionn 7 bliadhna. Thathas a’ tabhann cùram chloinne do chlann eadar 0 agus dà bhliadhn’ deug a dh’aois le h-uile càil dha dhèanamh ’sa Ghàidhlig – ged a bhitheadh a chlann an làthair fad an latha, neo dìreach uair a thìde na dhà. Chaidh tagraidhean na farpais am meas le pannal de bhritheamhan, a’ cunntas riochdairean ChnaG, HIE agus Bòrd na Gàidhlig. Bha iad aontaichte gun robh Fàs Mòr airidh air a cheud àite san fharpais leis cho bunaiteach ’s a bha a’ Ghàidhlig ri obair làitheil na buidhne – chan ann a mhàin anns an còmhradh ris a’ chlann, ach anns a h-uile sanas, poileasaidh agus fiosrachadh a tha ri sgaoileadh dha pàrantan, agus air an làrach-lìn. ’S i Kathryn NicAoidh a tha na stiùiriche air Fàs Mòr, is thuirt ise: “Tha sinn air leth toilichte gun do choisinn sinn an duais Gnìomhachas Gàidhlig na Bliadhna agus taingeil do Chomunn na Gàidhlig agus do InG airson an taic-airgid a tha na chois. Ann am Fàs Mòr bidh sinn a’ brosnachadh agus a’ cleachdadh na Gàidhlig leis a h-uile pàiste, ged nach biodh facal Gàidhlig aca nuair a thòisicheas iad. Tha Fàs Mòr gu mòr an crochadh air buidhnean agus tabhartasan dhen t-seòrsa seo agus tha e na bhrosnachadh don sgioba againn air fad gu bheilear ag aithneachadh cho cudromach 's a tha an obair anns a bheil sinn an sàs.” Tha duais de £3,000 ga thoirt seachad dhan gnìomhachas a ghlèidheas a’ cheud duais, agus duaisean de £1,500 is £500 a’ dol dha na tagraidhean a chuir na britheamhan san dàrna is an treasaibh àite. Am bliadhna b’ iad sin companaidh ùr ‘Facal’ a tha stèidhichte ann an ceann a tuath Chataibh is a tha tabhann eadar-theangachadh is seirbhisean Gàidhlig eile; agus bùth Cho-chomainn Èirisgeigh. Thuirt John Watt, Stiùiriche Leasachadh Coimhearsnachdan aig Iomairt na Gàidhealtachd: “Tha sinn làidir dhan bheachd gum bheil, anns an sgìre seo, cothroman cosnaidh agus cothroman gnìomh anns a’ Ghàidhlig, agus chan eil dearbhadh nas fhèarr air a sin ach na tagraidhean a bhitheas sinn a’ faicinn airson am farpais seo. Tha mise gu sònraichte toilichte gum bheil companaidh mar Fàs Mòr air an duais seo ghlèidheadh, oir tha a’ Ghàidhlig gu follaiseach aig cridhe na tha iad a’ dèanamh, agus a bharrachd air sin gum bheil iad an sàs ann an obair òigridh – is tha mi cinnteach gun cuir an òigridh sin ri misneachadh na coimhearsnachd sin ‘sna bliadhnachan ri teachd.” Chaidh duais na bliadhna-sa thoirt seachad dha Fàs Mòr le Cathraiche ùr ChnaG, a tha cuideachd na chomhairle sgìreil air Comhairle na Gàidhealtachd, Hamish Friseal: “Bha e na adhbhar fhìor thoileachas dhòmhsa a bhith a’ toirt an duais a tha seo do ghnìomhachas a tha cho mòr an sàs ann a bhith a’ neartachadh a’ Ghàidhlig sa choimhearsnachd sa. Tha a’ choimhearsnachd a tha seo a’ tuigsinn luach dà-chànanas do chloinne agus tha e na adhbhar thlachd is misneachd a bhith a’ faicinn a’ chlann is an luchd-obrach seo cho dlùth an sàs anns a’ Ghàidhlig. Tha iad airidh air a’ chliù, agus tha mi a’ guidhe gach soirbheachas dhaibh sna bliadhnachan ri teachd.” |
Little steps to success at ‘Fàs Mòr’11th October 2011
At this stage there are 75 children registered with the centre, where all activities and conversations take place in Gaelic – and which means the centre is contributing significantly to the future strength of the language in that area. This is the second year that the ‘Gaelic Business of the Year’ title has been awarded, in a competition run by Comunn na Gàidhlig (CnaG) and supported by Highlands and Islands Enterprise (HIE). The competition is intended to raise the profile of Gaelic by highlighting the number of companies who use Gaelic daily as part of their normal activity. Fàs Mòr, based on the Sabhal Mòr Ostaig college campus but an independent business, was established 7 years ago. They offer Gaelic-medium childcare for children between the ages of 0 and twelve, everything takes place through the medium of Gaelic – whether the children are there all day, or just for an hour or two. Applications for the award were assessed by a panel of judges, including representatives from CnaG, HIE and Bòrd na Gàidhlig. They were unanimous that Fàs Mòr deserved the first prize because of the fundamental part Gaelic played in their activities – not only in dealing with the children, but in every poster and publication and on the company website. Kathryn MacKay is the Fàs Mòr manager. She said: “We are delighted to have won the Gaelic Business of the Year award, and grateful to CnaG and HIE for the prize money that comes with it. Within Fàs Mòr, we encourage and use Gaelic with every child, even if they have no Gaelic when they first arrive. Fàs Mòr relies on funding and grants like this and it’s a real boost to all our staff to get such recognition for the work we’re doing.” The first place in the Awards includes a sum of £3,000, with prizes of £1,500 and £500 going to the second and third placed companies. This year they were ‘Facal’, based in the north of Sutherland and who offer Gaelic translation and language services, and the Eriskay Community Co-operative shop. John Watt, Director of Strengthening Communities at HIE said: "We're strongly of the opinion that Gaelic offers employment and business opportunities, particularly in this area, and there's no better proof of that than the applications we've seen for this competition. I am especially pleased that it's a business like 'Fàs Mòr' which has won, because Gaelic is so clearly at the heart of what they do, but also because they're working with young people - and I'm sure these young people will contribute to their communities' confidence in the years ahead." This year’s prize was presented to Fàs Mòr by new CnaG chairman, and local Highland Councillor, Hamish Fraser, who said: “It was an immense pleasure for me to present this award to a business that plays such an important role in strengthening the language in this community. The value of bilingualism to our young people is clearly understood in this area and it is heartening to see all these youngsters and the staff deeply immersed in Gaelic. They fully deserve this award, and I wish them every success in the years ahead.” |
|||||||||||||||||||||||||||||||
|
dachaigh :: naidheachdan :: taic-airgid :: blog :: iomairtean :: mun Ghàidhlig :: foillseachaidhean :: ceangalan :: cuir fios gu home :: news :: funding :: blog :: initiatives :: about Gaelic :: publications :: links :: contact |
©2012 CnaG
site by reefnet |
|||||||||||||||||||||||||||||||