|
|
|
|
|
|
|
Coinneamh Bhliadhnail CnaP (N)
14mh Cèitean 2008
Coinneamh Bhliadhnail Comann nam Pàrant (Nàiseanta)
Thàinig pàrantan à diofar sgìrean ann an Alba còmhla anns a’ Ghearasdan air 9 Cèitean airson coinneamh bhliadhnail Comann nam Pàrant (Nàiseanta), far an cuala iad mu dheidhinn soirbheachas nan sgoiltean Gàidhlig ann an Glaschu agus Inbhir Nis agus mu dheidhinn an iomairt anns a’ Ghearasdain airson sgoil Ghàidhlig.
Às dèidh na coinneimh fhoirmeil, thug Donalda NicThom, Ceannard, Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu seachad òraid inntinneach air a’ chuspair, ‘An dè, an diugh is a-màireach. Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu’.
As dèidh sin bha cothrom ceistean a chur air phannal air an robh Donaidh Dòmhnallach, Ceannard Seirbheisean Foghlam aig Comhairle na Gàidhealtachd agus Coinneach Moireach, Ceannard Bòrd na Gàidhlig a bharrachd air Donalda.
Thuirt Coinneach Moireach an dèidh na coinneimh, “Bha e na thoileachadh do Bhòrd na Gàidhlig coinneachadh ri Comann nam Pàrant (Nàiseanta) agus tha sinn taiceil dha na còmhraidhean misneachail a tha a’ gabhail àite eadar riochdairean choimhearsnachdan ionadail agus Comhairle na Gàidhealtachd air solar sgoiltean Gàidhlig. “Tha am Bòrd fìor dheònach taic a chumail ri fàs foghlam tro mheadhan na Gàidhlig, agus nì sinn ar n’ uile dhìcheall adhartas agus leasachaidhean a chuideachadh agus a bhrosnachadh air feadh na h-Alba.”
Thuirt Dawn Morgan, neach-cathrach ùr Comann nam Pàrant (Nàiseanta), “Tha e an-còmhnaidh math a bhith a’ cluinntinn mun adhartas iongantach ga dhèanamh aig a h-uile ìre de dh’fhoghlam tro mheadhan na Gàidhlig ann an Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu. Tha sinn an dòchas an aon rud fhaicinn ann am Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis a dh’fhosgail am-bliadhna agus tro ùine ann an sgoiltean Gàidhlig air feadh na h-Alba. ’S ann tro lèirsinn agus dealas nam pàrantan a thàinig na sgoiltean Gàidhlig ann an Glaschu agus Inbhir Nis am bith. Tha e gu math brosnachail a bhith a’ cluinntinn mu ùidh ann an sgoiltean fa leth ag èirigh ann am buidhnean Chomann nam Pàrant air feadh Alba, leithid an iomairt anns a’ Ghearasdain. Tha sinn a’ guidhe gach soirbheachas dhaibh uile agus a’ tabhann ar làn-thaic orra.
“Cho math ri bhith a’ cur ris an iarrtais agus a’ coimhead airson cothroman leudachaidh tro sgoiltean Gàidhlig, leanaidh sinn oirnn leasachadh ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig aig ìre na h-àrdsgoile a shireadh agus tha sinn cuideachd an dòchas aire dhaoine tharraing gu foghlam tro mheadhan na Gàidhlig agus àireamhan sgoilearan àrdachadh tro lionradh de phàrantan. “Bu mhath leinn taing a thoirt do Bhòrd na Gàidhlig agus gu Comunn na Gàidhlig airson an taic a-rithist am-bliadhna. Bu mhath leinn cuideachd taing a thoirt dhan a h-uile duine - pàrantan, tidsearan, luchd-taic - a tha an sàs ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig agus a tha ag obair gu cruaidh airson a dhèanamh cho soirbheachail.”
Airson barrachd fiosrachaidh cuiribh fios gu Magaidh Wentworth air 01463 234138 neo magaidh@cnag.org.uk
www.parant.org.uk
|
|
Comann nam Pàrant (Nàiseanta) AGM
14th May 2008
Comann nam Pàrant (Nàiseanta) Annual General Meeting
Parents from throughout Scotland gathered in Fort William for the Annual General Meeting of Comann nam Pàrant (Nàiseanta) on 9th May, where they heard about the success of the Gaelic schools in Glasgow and Inverness and of the growing campaign in Fort William to have a dedicated Gaelic school.
Following formal proceedings, Donalda McComb, Head teacher at Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu gave a short very informative presentation titled ‘Yesterday, today and tomorrow. Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu.’
This was followed by a panel session with Donnie MacDonald, Head of Education Services at Highland Council and Kenneth Murray, Chief Executive at Bòrd na Gàidhlig as well as Donalda for discussion and questions.
After the meeting Kenneth Murray said ““Bòrd na Gàidhlig was pleased to meet with CnP(N) and is supportive of the positive talks between local community representatives and The Highland Council on the provision of Gaelic schools. “The Bòrd is keen to support the growth of GME and will do its utmost to facilitate progress and encourage developments across Scotland.”
Dawn Morgan, newly elected chair of Comann nam Pàrant (Nàiseanta), said ”It is always encouraging to hear about the fantastic progress being made at all levels of Gaelic-medium education in Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu. We hope that this will be emulated by the newly opened Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis and through time in Gaelic schools throughout Scotland. The Gaelic schools in Glasgow and Inverness came about through the vision, commitment and dedication of parents. It is extremely encouraging to hear of emerging interest in stand-alone Gaelic schools within Comann nam Pàrant branches throughout Scotland, such as the growing campaign in Fort William. We wish these groups every success and offer them our full support.
“As well as supporting the demand for, and exploring opportunities to increase provision through dedicated Gaelic schools, we shall continue to seek improvements in Gaelic-medium provision in secondary schools and we also hope to raise awareness of and numbers of entrants to Gaelic-medium education mainly through a network of parental advocates.
“We would like to thank Bòrd na Gàidhlig and Comunn na Gàidhlig for their support again this year. We would also like to thank everyone who is involved in Gaelic-medium education – parents, teachers and support staff – who all work very hard to make it so successful.”
For more information please contact Magaidh Wentworth on 01463 234138 or magaidh@cnag.org.uk
www.parant.org.uk
|
|
Cùrsaichean Fèin Leasachaidh
Gàidhlig agus spòrs aig Loch Iall...
tuilleadh...
|
Sradagan Drama Afternoon
Enjoyable session in Kilmarnock ...
more...
|
|
|
|
|
|
dachaigh :: fiosrachadh :: ar dèanadas :: seirbheisean :: leasachadh :: mun Ghàidhlig :: foillseachaidhean :: ceangalan :: cuir fios gu
home :: news & events :: what we do :: services :: development :: about Gaelic :: publications :: links :: contact
|
|