Cùrsaichean Fèin Leasachaidh
Gàidhlig agus spòrs aig Loch Iall...

Lorg / Search: |
||||||||||||||||||||||||||||||||
Gnìomhan ChnaG a’ dearbhadh an luach!24mh Sultain 2009 Tha Comunn na Gàidhlig an sàs aig cridhe na coimhearsnachd gus fìor luach Achd na Gàidhlig agus amasan a’ Phlana Nàiseanta Gàidhlig a chuideachadh gu buil. Tha aithisg na bliadhna 2008-09 aig CnaG a’ nochdadh gum bheil 7 Iomairt Cànain stèidhichte aig a’ bhuidheann ann an coimhearsnachdan air feadh Alba, le oifigearan leasachaidh a’ cumail taic ri muinntir nan sgìrean sin gus amasan leasachaidh a chur an gnìomh. Tha iomairtean a’ dol air adhart ann an Uibhist; Iar-thuath Leòdhais; Trondairnis; Lochabar; Dùn Èideann; Iar-thuath Chataibh, agus ann an Glaschu. Le 27 pròiseact coimhearsnachd cuideachd a’ dol air adhart gu soirbheachail, agus 30 oileanach air greisean gnìomhachais, chan ioghnadh ged a bhiodh moit as na tha a’ bhuidheann air a dhèanamh as na coimhearsnachdan Gàidhlig air feadh Alba rèidh na bliadhna sin. Tha an aithisg gu sònraichte a’ comharrachadh an aithne a fhuair obair na buidhne an luib oileanaich agus luchd-ceum, le Prìomh Mhinistear na h-Alba a toirt £70 mìle a bharrachd dhaibh airson nan iomairtean sònraichte sin eadar 2008-09 agus 2010-11. Ann a bhith a’ toirt taing bhlàth dha Riaghaltas na h-Alba; Bòrd na Gàidhlig; Iomairt na Gàidhealtachd ’s nan Eilean; Comhairlean, agus luchd taice eile, thuirt Cathraiche ChnaG, Dòmhnall Dòmhnallach, “Tha obair ChnaG a’ cur ri amasan Plana Nàiseanta na Gàidhlig gus an cànan a leasachadh as an dachaigh, as a’ choimhearsnachd agus as an ionad-obrach. Tha CnaG a’ cur seo air adhart le bhith a’ cuimseachadh air cridhe nan coimhearsnachdan as am bheil meas air Gàidhlig, is air a’ cultar, agus as am bheil iarrtas airson taic agus leasachadh. Chan eil e na annas mar sin gur ann mun obair againn as na coimhearsnachdan sin a tha prìomh sgeulachdan na bliadhna, agus nach math an comharradh gum bheil uimhir de dh’ obair leasachaidh a’ tachairt. Thuirt Ceannard ChnaG Eairdsidh MacIlleathain, “B’ e bliadhna shoirbheachail eile a bh’ aig Comunn na Gàidhlig ann an 2008/2009, le raon farsaing de phròiseactan agus thachartasan air an coilionadh agus cothroman fa leth air an gabhail gus a’ Ghàidhlig a leasachadh ann an diofar sgìrean air feadh Alba. Bha na h-iomairtean sin a’ gabhail a staigh fòghlam; sgeamaichean òigridh agus iomairtean taice nàiseanta leithid craoladh Gàidhlig, cho math ris an obair mhòr as an robh sinn an sàs as a’ choimhearsnachd. Tha mise agus an sgioba obrach air leth toilichte gum bheil uimhir de luach ga chur air na tha sinn a’ dèanamh.” A’ leantainn a’ bhliadhna shoirbheachail a bh’ aig CnaG, tha an Ceannard, Eairdsidh MacIlleathainn air ainmeachadh gu bheil e a’ seasamh sìos bho a’ dhreuchd agus e an dùil tionndadh gu gnothaichean eile a dhèanamh. Thuirt e, “Tha mi toilichte a bhith a’ fàgail ChnaG ann an suidheachadh cho làidir agus tha mi air leth moiteil as an obair a tha sinn air a dhèanamh thairis air a’ bhliadhna mu dheireadh gus a’ Ghàidhlig a neartachadh ann an diofar sgìrean air feadh Alba. Chòrdadh e rium cuideachd taing a thoirt dhan luchd-obrach agus do bhuill a’ Bhùird Stiùiridh a thug taic dhomh anns an dreuchd seo thairis air na trì bliadhna mu dheireadh agus tha mi a' guidhe gach soirbheachadh dhan bhuidheann agus iad a’ gluasad air adhart gus an obair chudromach seo a thoirt gu buil." Thuirt Dòmhnall Dòmhnallach, Cathraiche ChnaG, “Tha sinn air leth taingeil airson an obair a tha Eairdsidh air a dhèanamh às leth ChnaG agus às leth coimhearsnachd na Gàidhlig. Tha CnaG ann an suidheachadh làidir agus gu math ullaichte gus cuideachadh le bhith a’ libhrigeadh amasan gach cuid Plana Nàiseanta na Gàidhlig agus Plana Ro-innleachd Eaconamach an Riaghaltais. Tha sinn a’ guidhe gach soirbheachadh do dh’Eairdsidh ann an ge bith dè a bhios e ris san àm ri teachd.” |
Comunn na Gàidhlig delivers for Gaelic communities!24th September 2009 Comunn na Gàidhlig (CnaG) is working in communities across Scotland to help realise the full benefits of the Gaelic Language Act and the aspirations of the National Plan for Gaelic. CnaG’s 2008-09 Annual Report shows that there are 7 Gaelic Language Initiatives now established with field officers supporting local people to implement development objectives in South Uist; North West Lewis; Trotternish; Lochaber; Edinburgh; North West Sutherland, and Glasgow. With a further 27 community projects also successfully underway, and with 30 students on business experience placements in the year, it is not surprising that CnaG is taking pride in its achievements over the year. The Report also highlights the recognition which CnaG’s work with students and graduates has earned, with Scotland’s First Minister announcing an extra seventy thousand pounds for these special placement schemes between 2008-09 and 2010-11. Acknowledging the support of Scottish Government; Bòrd na Gàidhlig; Highlands and Islands Enterprise; Councils, and other funders, CnaG Chairman Donald MacDonald said, “CnaG’s work is helping to deliver key objectives of the National Plan for Gaelic by promoting Gaelic in the home, the community and the workplace. CnaG is achieving this by focussing its principal development activity at the core of those communities where the language and its culture are appreciated, and where there is a demand for development support. It is not surprising therefore that the highlights of our work over this past year relate to our activities within these communities, and isn’t it encouraging that there is so much development activity taking place. CnaG is delighted to be able to support Comann nam Pàrant Nàiseanta and to work with it and Bòrd na Gàidhlig towards the realisation of the objectives of a National Gaelic Education Strategy” CnaG Chief Executive Archie Maclean added, “2008/09 was another successful year for CnaG with a wide range of projects and activities being undertaken, and delivered, across Scotland. These projects included education, youth activities, and national campaigns such as Gaelic broadcasting, as well as the extensive programme of community activity which we undertook. My colleagues and I are proud of the recognition which our work has received.” Following on from CnaG’s successful year, the Chief Executive, Archie Maclean has announced that he is to stand down from his post to enable him to pursue other business interests. He said, "I am delighted to be leaving CnaG in such a strong position and I am understandably proud of the work which we have done over the past year to strengthen the Gaelic language in communities across Scotland. I would like to thank the staff and CnaG's Board of Directors who have supported me in this role over the past three years and I wish them every success as they move forward in their crucial role within Gaelic development." Donald Macdonald, Chairman of CnaG, said, “We are greatly indebted to Archie for all he has achieved on behalf of both CnaG and the Gaelic community. CnaG is in excellent shape to help with the delivery of both the National Plan for Gaelic and the Government’s Economic Strategy. We wish Archie all the best for the future.” |
|||||||||||||||||||||||||||||||
|
dachaigh :: naidheachdan :: taic-airgid :: tachartasan :: iomairtean :: mun Ghàidhlig :: foillseachaidhean :: ceangalan :: cuir fios gu home :: news :: funding :: events :: initiatives :: about Gaelic :: publications :: links :: contact |
©2010 CnaG
site by reefnet |
|||||||||||||||||||||||||||||||