Pròiseact DVD Bhràgair
Pròiseact choimearsnachd inntinneach ...

Lorg / Search: |
||||||||||||||||||||||||||||||||
Àrd-sgoil Gheàrrloch a Buannachadh Deasbad BTGhabh a’ chuairt dheireannach de Dheasbad BT Alba 2011 àite ann am Pàrlamaid na h-Alba a nochd fhèin eadar sgiobaidhean bho Àrd-sgoil Gheàrrloch agus Acadamaidh Allt a’ Mhuilinn. Anns a’ chuairt dheireannach, anns an robh ceathrar nighean, ’b iad Ceitidh Alice agus Anna Hulme, peathraichean à Geàrrloch, a bhuannaich aig a cheann thall. Cha robh a’ chùis idir furasta do na britheamhan, Ruairidh Iain MacLeòid, Jo NicDhòmhnaill agus Raonaid Nic a’ Phearsain. Chaidh moladh a thoirt do chailleagan Allt a’ Mhuilinn, Caitlin Nic a’ Ghobhainn agus Emily NicFhionghain airson an sàr ìre de dheasbad. ’B e Anna Hulme a ghlèidh duais Neach-labhairt as Fheàrr ann an Deasbad 2011 agus bha Alasdair MacLeòid bhon BhBC an làthair airson an duais a thoirt seachad. Bha na britheamhan air an beò ghlacadh leis Anna bho fhìor thoiseach am farpais agus a thuilleadh air a bhith a’ toirt seachad argamaid a bha air a dheagh rannsachadh cha robh na h-òraidean aig Anna air an sgrìobhadh sìos. Dùbhlan do dh’inbheach sam bith, bha òraidean Anna proifeasanta, air an deagh lìbhrigeadh agus làn stoidhle. Tha a’ Chomataidh Rianaidh airson taing a thoirt do BhT Alba, na prìomh luchd taic, airson an taic a tha iad air a thoirt seachad. Tha Comunn na Gàidhlig, am BBC, Comhairle nan Eilean Siar, Bòrd na Gàidhlig, MG Alba, Buidheann Stiùiridh Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig cuideachd a’ cur taic ri Deasbad Nàiseanta BT Alba 2011. |
Gairloch High School Champions of BT Gaelic DebateThe final of this year’s BT Alba Debate competition was held on Wednesday evening at the Scottish Parliament in Edinburgh between teams from Gairloch High School and Millburn Academy. The all girls final treated the audience to an excellent debate with Gairloch sisters Ceitidh Alice and Anna Hulme emerging as this year’s champions. It was a closely fought debate and posed an extremely difficult evening for this year’s judges, Roddy John MacLeod, Jo MacDonald and Rachel MacPherson. Millburn girls Caitlin Smith and Emily MacKinnon were praised for the high standard that they set in the final of the competition. Anna Hulme was presented with the Trophy for the Best Speaker of the Debate, by Alasdair MacLeod of BBC Scotland. The judges were extremely impressed with Anna throughout the competition and as well as delivering sharp, well thought out arguments Anna also won praise for her speeches which were not written down. A difficult undertaking for any adult, Anna delivered her presentations with style and professionalism which far exceeded her young years. The Management Committee would like to thank BT Scotland, the main sponsors, for their continued support of the Debate. The BT Scotland 2011 debate is also supported by Comunn na Gàidhlig, the BBC, Comhairle nan Eilean Siar, Bòrd na Gàidhlig, MG ALBA and the Management Review Group for Gaelic. |
|||||||||||||||||||||||||||||||
|
dachaigh :: naidheachdan :: taic-airgid :: blog :: iomairtean :: mun Ghàidhlig :: foillseachaidhean :: ceangalan :: cuir fios gu home :: news :: funding :: blog :: initiatives :: about Gaelic :: publications :: links :: contact |
©2012 CnaG
site by reefnet |
|||||||||||||||||||||||||||||||