Skip Navigation

Sradagan

Comann nam Pàrant

 

Ainmeachadh an iar chuairt dheireannach

9mh Samhain 2011
Deasbad BT Alba

An dèidh feasgar de dheasbad a bha inntinneach agus cruaidh dha rìreabh, chaidh ainmeachadh cò na sgiobaidhean a thèid troimhe chun an iar chuairt dheireannach de Dheasbad BT Alba 2011. Bha dusan sgioba a strì an aghaidh a-chèile feasgar an-diugh anns An Lanntair ann an Steòrnabhagh le na ceithir sgiobaidhean aig an robh na comharran as àirde a’ dol troimhe chun an ath chuairt a thèid a chumail ann an Dùn Èideann air Dimàirt 29 Samhain 2011. ’S iad Sgoil MhicNeacail à Leòdhas a bhios a coinneachadh ri Àrd-sgoil Gheàrrloch agus bidh Àrd-sgoil Sheumais Ghillespie à Dùn Èideann an aghaidh Acadamaidh Allt a’ Mhuillin à Inbhir Nis.

Thuirt Calum Iain MacLeòid, Cathraiche Comataidh Riaghlaidh Deasbad BT Alba:

“Às leth a’ chomataidh bu mhath leam meal-a-naidheachd a chur air a h-uile sgioba a thug dhuinn dà là air leth de dheasbad ’s de spòrs. Bha taghaidhean gu math duilich aig na britheamhan againn air a’ bhliadhna seo. ’S e aon de na rudan sònraichte mun Deasbad gu bheil e a’ toirt cothrom do sgoilearan a tha fileanta sa Ghàidhlig a thighinn cruinn còmhla agus càirdeas a dhèanamh le sgoilearan eile mhaireas iomadach bliadhna. Tha mi a’ guidhe a h-uile soirbheachas dha na ceithir sgiobaidhean ’s iad a’ falbh a-nis gus tòiseachadh ag ullachadh mu choinneamh Dhùn Èideann”.

’S ann an Ionad Sgeulachd na h-Alba ann an Dùn Èideann a bhios an iar-chuairt dheireannach a’ gabhail àite air Dimàirt 29 Samhain. Thèid a’ chuairt mu dheireadh a chumail ann am Pàrlamaid na h-Alba an oidhche an dèidh sin, Diciadain 30 Samhain 2011 agus bidh seo ri chluinntinn air BBC Radio nan Gàidheal.

Bidh Sgoil MhicNeacail a’ deasbad an aghaidh Àrd-sgoil Gheàrrloch air a’ chuspair, “’S e amaideas a th’ ann a bhith a’ cosg ùine no airgead air a bhith fasanta” agus cluinnear Àrd-sgoil Sheumais Gillespie agus Acadamaidh Allt a’ Mhuillin a’ deasbad air a’ chuspair, “Bu chòir an Crannchur Nàiseanta a stad”. Seach gu bheil a’ chuairt dheireannach a’ gabhail àite air Làtha Naomh Anndrais, ’s ann air a’ chuspair “Tha thìde aig Alba ìomhaigh ùr a shireadh an àite seann eachdraidh, pìobaireachd agus tartain” a bhios iad a’ cnuasachadh.

Tha a’ Chomataidh Rianaidh airson taing a thoirt do BhT Alba, na prìomh luchd taic, airson an taic a tha iad air a thoirt seachad.

Tha Comunn na Gàidhlig, am BBC, Comhairle nan Eilean Siar, Bòrd na Gàidhlig, MG Alba, Buidheann Stiùiridh Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig cuideachd a’ cur taic ri Deasbad Nàiseanta BT Alba 2011.

BT Gaelic Debate 2011 Semi Finalists Announced

9th November 2011
Deasbad BT Alba 2011 Competitors

Following an afternoon of intense debate, the four teams who will compete in the semi-finals of the BT Gaelic Debate 2011 have been announced. Twelve teams battled it out at An Lanntair in Stornoway with the four highest scoring teams going through to the semi-final stages which will be held in Edinburgh on Tuesday the 29th of November 2011. The semi-final draw will see the Nicolson Institute battle against Gairloch High School and James Gillespie High School will battle it out on home turf against Millburn Academy from Inverness.

Calum Iain MacLeod, Chair of the BT Alba management committee said:

“On behalf of the organising committee I would like to congratulate all twenty teams who have given us a thoroughly entertaining two days of debating. Our three judges have had some extremely difficult choices to make. What is so special about the BT Alba Gaelic Debate is the opportunity it gives Gaelic speaking pupils from across Scotland to come together and build friendships, some of which will last for life. I wish the four teams entering the semi-final stages in Edinburgh every success as they begin their final preparations”.

The semi-finals will be held in the Scottish Storytelling Centre in Edinburgh on Tuesday 29th November 2011. The Final will be held in the Scottish Parliament on Wednesday the 30th of November 2011 and will be broadcasted on BBC Radio nan Gàidheal.

The Nicolson Institute and Gairloch High School will battle on the topic, “’S e amaideas a th’ ann a bhith a’ cosg ùine no airgead air a bhith fasanta” and James Gillespie High School and Millburn Academy will debate on the subject “Bu chòir an Crannchur Nàiseanta a stad”. As the final will take place on St Andrews Day the appropriate debate topic for the two finalists will be, “Tha thìde aig Alba ìomhaigh ùr a shireadh an àite seann eachdraidh, pìobaireachd agus tartain”.

The Management Committee would like to thank BT Scotland, the main sponsors, for their continued support of the Debate.

The BT Scotland 2011 debate is also supported by Comunn na Gàidhlig, the BBC, Comhairle nan Eilean Siar, Bòrd na Gàidhlig, MG ALBA and the Management Review Group for Gaelic.

Bràgair

Pròiseact DVD Bhràgair

Pròiseact choimearsnachd inntinneach ...

tuilleadh...


Cur is Fàs

Cur is Fàs Ùr

Foghar 2011

more...


dachaigh :: naidheachdan :: taic-airgid :: blog :: iomairtean :: mun Ghàidhlig :: foillseachaidhean :: ceangalan :: cuir fios gu
home :: news :: funding :: blog :: initiatives :: about Gaelic :: publications :: links :: contact
©2012 CnaG
site by reefnet