Cùrsaichean Fèin Leasachaidh
Gàidhlig agus spòrs aig Loch Iall...

Lorg / Search: |
|||||||||||||||||||||||
Cuach na Cloinne 200822mh den Ghiblean 2008 Ri linn ’s cho soirbheachail ’s a bha an fharpais ball-coise “Cuach na Cloinne” an uiridh, tha CnaG ga chuir air bhonn am bliadhna a-rithist ach bidh atharraichean ann gus a dhèanamh nas fhasa do sgioban air feadh Alba com-pàirt a ghabhail ann.
Chaidh farpais na bliadhna an uiridh, a bhuannaich sgioba bho Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu, a chumail air Pàirc a Bhucht ann an Inbhir Nis agus shiubhail na sgioban eile bho air feadh Alba gus pàirt a ghabhail ann air an latha. Am bliadhna bidh 5 cuairtean roinneil san fharpais leis na sgioban a bhuannaich agus an fheadhainn san dàrna àite a’ dol air adhart don chuairt dheireannach a thèid a’ chumail ann an Inbhir Pheofharain air 13mh Òg Mhìos 2008. Cumar na cuairtean roinneil ann an Leòdhas, Uibhist, Am Ploc, Inbhir Nis agus anns an Òban. Tha tòrr ùidh air a bhith air a nochdadh san fharpais le 34 sgoiltean air an clàradh ’s na còig cuairtean roinneil. Bhon a tha na cuairtean roinneil a’ dol air adhart air Disathairnean tha dòchas gun gabh teaghlaich ’s caraidean an cothrom taic a chuir riutha.. Thuirt Caroline Mhoireasdan, Oifigear Leasachaidh aig CnaG, “Am bliadhna rinn sinn co-dhùnadh rèiteach na farpais atharrachadh gus cothrom a thoirt do na b’ urrainn do sgoiltean agus do sgioban pàirt a ghabhail ann agus tha mi a’ smaoineachadh gun d’ fhuair sinn dearbhadh gun robh sinn ceart leis an àrdachadh ’s an àireamh sgoiltean is sgioban a tha air tighinn air adhart. Tha sinn an dùil ri Farpais bhrosnachail shoirbheachail eile.” Tha Cuach na Cloinne fosgailte do sgoilearan air P4-7, a tha ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig agus tha e na dheagh chothrom dhaibh an cuid Ghàidhlig a chleachdadh taobh-a-muigh na sgoile. Cleachdar na riaghailtean àbhaisteach airson sgioba-còignear ach thèid a h-uile gnothach co-cheangailte ris a’ dhèanamh tro mheadhan na Gàidhlig. Gu h-ìosal tha na cinn-là agus na h-àiteachan far am bidh na cuairtean roinneil. Àrd-sgoil a’ Phluic 26 Giblean 2008 Acadamaidh Chuilodair 17 Cèitean 2008 Ionad Spòrs Lionacleit 24 Cèitean 2008 Steòrnabhagh – Raon-cluich uil-aimsireil 31 Cèitean 2008 Àrd-sgoil an Òbain 7 Òg Mhìos 2008 Tha Cuach na Cloinne air a mhaoineachadh le Bòrd na Gàidhlig agus Iomairt na Gaidhealtachd's nan Eilean agus air a chuir air dòigh le Comunn na Gàidhlig. Airson tuilleadh fiosrachaidh cuiribh fòn gu Caroline Mhoireasdan aig 01851 701802 |
Children's Cup 200822nd April 2008 Following on from the success of last year’s 5-a side football tournament, ‘Cuach na Cloinne 2007’, Comunn na Gàidhlig (CnaG) has decided to organise the competition once again this year, but has changed the format to make it easier for teams from across Scotland to participate.
Last year’s competition, which was won by a team from Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu, was a one-day tournament, held at Bught Park, Inverness, with teams travelling from all over Scotland to participate. This year, the competition will have 5 regional tournaments with the winners and runners-up from the five regional tournaments going through to compete in the finals which will be held in Dingwall on the 13th of June 2008. The regional tournaments will be held in Lewis, Uist, Plockton, Inverness and Oban. There has been a high level of interest shown by schools with 34 schools entered for the five regional tournaments. It is hoped that because the regional tournaments are being held on Saturdays, family and friends will take the opportunity to support the events. Caroline Morrison, a Development Officer with CnaG, said, “This year, we decided to change the format of the competition to enable as many schools and teams as possible to participate in it and I think this decision has been vindicated with a big increase in the number of schools and teams participating. We are expecting another exciting and successful Competition.” Cuach na Cloinne is open to school pupils on P4-7, who are in Gaelic medium education, and is a great opportunity for them to use Gaelic outwith the school environment. Normal 5-a side rules apply but the football competition and all activities in connection with it will be through the medium of Gaelic. Below are the dates and venues for the regional tournaments. Plockton High School 26 April 2008 Culloden Academy 17 May 2008 Liniclate Sports Centre 24 May 2008 Stornoway – All-weather pitch 31 May 2008 Oban High School 7 June 2008 Cuach na Cloinne is funded by Bòrd na Gàidhlig and Highlands and Islands Enterprise and organised by Comunn na Gàidhlig. For further information, please contact Caroline Morrison on 01851 701802 |
||||||||||||||||||||||
|
dachaigh :: fiosrachadh :: ar dèanadas :: seirbheisean :: leasachadh :: mun Ghàidhlig :: foillseachaidhean :: ceangalan :: cuir fios gu home :: news & events :: what we do :: services :: development :: about Gaelic :: publications :: links :: contact |
©2008 CnaG
site by reefnet |
||||||||||||||||||||||