Pròiseact DVD Bhràgair
Pròiseact choimearsnachd inntinneach ...

Lorg / Search: |
||||||||||||||||||||||||||||||||
Partaidh Nollaig na Sradagan aig Deas15mh Dùbhlachd 2009
Chruinnich 85 pàiste bho cheithir bhuidhnean Sradagan còmhla Disathairne aig Partaidh Nollaig na Sradagan aig Deas ann an Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu. Abair gun robh deagh phartaidh aca; fhuair iad cothrom cairtean a dhèanamh, bha iad a’ seinn agus a’ cluich gheamannan, rinn iad bodaich sneachda le siùcairean, bha dithis ann a’ teagaisg sgilean siorcais agus nochd Bodach na Nollaig fhèin! Ged a bha tòrr ann fhuair gach pàiste cothrom facal fhaighinn air Santa a nochd nuair a chuala e iad a’ seinn ‘Tha Bodach na Nollaig a’ tighinn a-nochd’! Thuirt Coinneach Combe, Oifigear Leasachaidh aig Comunn na Gàidhlig, a bha an sàs san ullachadh;“Tha mi toilichte gun robh mi aig obair aig tachartas spòrsail mar seo a chòrd ris na cloinn far an d’fhuair iad cothrom tachairt ri co-aoisean bho sgìrean eile aig a bheil Gàidhlig.” Thuirt Magaidh Wentworth, Comann nam Pàrant (Nàiseanta); Thuirt Eddy Cabhin, Cultar agus Spòrs Ghlaschu; Tha sinn airson taing a thoirt dha na daoine a chuidich leis a’ phartaidh, gu sònraichte an luchd stiùiridh agus comataidh Sradagan Ghlaschu agus Comann nam Pàrant (Nàiseanta) a chuidich le cosgaisean a’ phàrtaidh agus Cultar is Spòrs Ghlaschu a phàigh cosgaisean an talla. |
South Sradagan Christmas Party15th December 2009
85 youngsters from four different Sradagan groups gathered together last Saturday at the South Sradagan Christmas Party in Glasgow Gaelic School. Coinneach Combe, Development Officer at Comunn na Gàidhlig who was involved in the preparation said; We would like to thank everyone who helped with the party especially the leaders and committee of Sradagan Ghlaschu. Also Comann nam Pàrant (Nàiseanta) helped with the costs of the party and Culture and Sport Glasgow provided the venue.
|
|||||||||||||||||||||||||||||||
|
dachaigh :: naidheachdan :: taic-airgid :: blog :: iomairtean :: mun Ghàidhlig :: foillseachaidhean :: ceangalan :: cuir fios gu home :: news :: funding :: blog :: initiatives :: about Gaelic :: publications :: links :: contact |
©2012 CnaG
site by reefnet |
|||||||||||||||||||||||||||||||