Pròiseact DVD Bhràgair
Pròiseact choimearsnachd inntinneach ...

Lorg / Search: |
||||||||||||||||||||||||||||||||
Làrach-lìn ùr airson Gàidhlig ann an Loch Abair7mh Dàmhair 2009
Tha Iomairt Ghàidhlig Loch Abair ag amas air àireamhan luchd-labhairt àrdachadh agus cothroman a chruthachadh don Ghàidhlig. Tha sinn a’ cur prìomhachas air foghlam tron Ghàidhlig, òigridh, trèanadh ’s cùram chloinne. Bidh Bun-sgoil Ghàidhlig a’ Ghearasdain a’ toirt togail dhan chànan sa sgìre. Dh’aontaich Comhairle na Gàidhlig ri Bun-sgoil Ghàidhlig agus tha Iomairt Ghàidhlig Loch Abair a’ cur an làn taic rithe. A’ cur fàilte air an naidheachd, thuirt Ailean MacEanraig, Probhaist Loch Abair, "Tha a’ Ghàidhlig a’ dol bho neart gu neart ann an Loch Abair agus tha mi gu math toilichte fàilte a chur air an làrach-lìn ùr seo. Tha Iomairt Ghàidhlig Loch Abair a’ toirt daoine còmhla gus fàs a thoirt air a’ Ghàidhlig. Tha mi cuideachd a’ cur taic ri Bun-sgoil Ghàidhlig a’ Ghearasdain ’s an dòchas gun tèid a togail ann an ùine nach bi fada." Tha an Iomairt air pròiseactan a chur an gnìomh mu choinneimh nam prìomhachas seo agus a’ rannsachadh fheumalachdan sa sgìre gus goireasan-leasachaidh a chruthachadh san àm ri teachd. Gheibhear fiosrachadh air prìomhachasan ’s pròiseactan air an làrach-lìn. Thèid sreath de thachartasan a chur air adhart a’ toirt a-steach trèanadh, òigridh, ionnsachadh Gàidhlig agus tachartasan sòisealta. Thoir sùil air www.iomairt-lochabair.org airson tuilleadh fiosrachaidh. Chaidh an làrach-lìn a leasachadh le Comunn na Gàidhlig mar phàirt le Iomairt Ghàidhlig Loch Abair ’s thèid cairt-puist a sgaoileadh le fiosrachadh anns an fharsaingeachd. Tha Iomairt Ghàidhlig Loch Abair a’ cur fàilte air duine sam bith le ùidh sa Ghàidhlig. Leig fios thugainn tron làrach-lìn. |
New website launched for Gaelic in Lochaber7th October 2009
Iomairt Ghàidhlig Loch Abair aims to increase the numbers of Gaelic speakers in the area and develop opportunities to use Gaelic. The current priorities are to increase the numbers going to Gaelic Medium Education, youth activities, training and childcare. The delivery of a dedicated Gaelic Primary School for Fort William is also a priority. Highland Council have agreed in principle to provide the school and the Iomairt fully supports this aim. Welcoming the launch of the new website, Allan Henderson, Provost of Lochaber said “Gaelic is going from strength to strength in Lochaber and I am very pleased to see the new website go live. Iomairt Ghàidhlig Loch Abair brings organisations and individuals together and works towards the growth of Gaelic. I am also keen to see a dedicated Gaelic Medium School for Fort William and hope that this is delivered in the near future”. Iomairt Ghàidhlig Loch Abair has been delivering projects tailored to the language priorities and additionally surveying the needs of the areas in order that capacity can be built for future developments. Information on the Gaelic priorities for Lochaber and the projects can be found on the website. A series of events will be delivered over the coming months taking in training, youth, Gaelic learning and social events. Keep an eye on www.iomairt-lochabair.org for the latest information. The new website was developed by Comunn na Gàidhlig as part of Iomairt Ghàidhlig Loch Abair and a postcard will also be distributed with general information about the Iomairt. Iomairt Ghàidhlig Loch Abair welcomes anyone with an interest in Gaelic. Please contact us through the website if you would like to take part. |
|||||||||||||||||||||||||||||||
|
dachaigh :: naidheachdan :: taic-airgid :: blog :: iomairtean :: mun Ghàidhlig :: foillseachaidhean :: ceangalan :: cuir fios gu home :: news :: funding :: blog :: initiatives :: about Gaelic :: publications :: links :: contact |
©2012 CnaG
site by reefnet |
|||||||||||||||||||||||||||||||