Pròiseact DVD Bhràgair
Pròiseact choimearsnachd inntinneach ...

Lorg / Search: |
||||||||||||||||||||||||||||||||
Duaisean ChnaG a’ dol tarsainn Sruth na Maoile2mh Samhain 2009 Bha gach aon de na trì geamannan Disathairne, a bha air an cluich ann an Inbhir Nis air beulaibh na h-àireamh de luchd-amhairc a bu mhotha a chunnacas airson bliadhnaichean agus a bha beò air telebhisean, air am buannachadh le Èirinn a thuilleadh air buinn airgid nan trì Sàr-chluicheadairean, a fhuair taic bho Chomunn na Gàidhlig le cuideachadh bho HIE. A’ bruidhinn às dèidh a’ gheama thuirt Dòmhnall Dòmhnallach, Cathraiche ChnaG: “Tha sinn gun teagamh a’ cur meal-a-naidheachd air na h-Èireannaich airson an dànadas a thighinn a dh’Alba agus na trì duaisean, le Cuach ùr Cholmcille san Àrd-gheam nam measg, a thogail còmhla ris na trì Buinn Airgid againn fhìn. Bha cluiche gun choimeas againn air an latha agus bha dà ghèam nam fear gu h-àraid air am moladh airson na h-oidhirp ionmholta bho na cluicheadairean. Chuir gèam na h-Àrd-sgiobaidh crìoch do-chreidsinneach air an latha leis na h-Èireannaich a’ buannachadh aig an àm a bharrachd. Cuideachd, bha sinn air leth toilichte duais an t-Sàir-chluicheadair a thoirt do na mnathan airson a’ chiad uair agus bha an caiptean Èireannach, Collette Nic Shomhairle à Árd Mhacha, glè airidh air an duais a thogail.” Airson a’ chiad uair ann am mòran bhliadhnaichean sguab na h-Eireannaich gach nì romhpa sna trì geamannan. Bhuannaich iad a’ chiad ghèam airson fo aois-21 le dìreach aon phuing, a’ buannachadh 1-8 (11) to 0-10 (10), le fàilligeadh nan Albannach air tadhal fhaighinn a’ cosg gu mòr dhaibh. Dh’fhailnich air mnathan na h-Alba tadhal fhaighinn cuideachd agus ruith na h-Èireannaich a-mach nam buadhaichean le 2-2 (8) to 0-0 (0). Ann an àrd-ghèam a bha fìor-thogarrach bha coltas ann gun robh Alba a’ dol a chumail grèim air duais ùr Cholmcille nuair a fhuair iad tadhal co-ionnan sna diogan mu dheireadh. Ach, bhris na h-Èireannaich air falbh aig a’ cheann eile gus an gèam a bhuannachadh le tadhal aig àm leòn; an sgòr deireannach - 1-8 (11) do dh’Alba mu choinneamh 1-11 (14) do dh’Èirinn. Gu h-ìoranach, tha soirbheachadh na h-Èireann a’ coimhead math don t-sreath, leis na buidhnean Gàidhlig, ‘s e sin Bòrd na Gàidhlig, Comunn na Gàidhlig agus Colmcille, uile dealasach a thaobh dòighean a lorg air ìomhaigh nan iomlaidean spòrs agus cultarach a thogail aig ìrean cluba, sgoile agus eadar-nàiseanta. Thathar an dùil gun tog na trì duaisean ùidh anns a’ ghèam riaghailtean co-rèiteachaidh ann an Èirinn. |
Comunn na Gàidhlig Awards cross the sea to Ireland2nd November 2009
All three of Saturday’s matches, played at Inverness in front of the biggest audience for many years and live on television, were won by Ireland, as were the three Sàr-chluicheadairean (Player of the Match) silver medals, supported by Comunn na Gàidhlig with HIE assistance. Speaking after the game, CnaG Chairman, Donald MacDonald, said: “We obviously congratulate the Irish on their audacity in coming to Scotland and taking all three trophies including the new Colmcille Quaich in the senior match, as well as our own three Silver Medals. There were some outstanding performances on the day and the two men’s matches in particular were marked out by huge physical commitment by all the players. The senior match provided an unbelievable finish with the Irish winning in injury time. Also, we were particularly delighted to make the Sàr-chluicheadair award to the women for the first time and Armagh’s Collette McSorley, the Irish captain, was a fitting recipient.” For the first time in many years the Irish completed a clean sweep of all three games. They won the first match which was at under-21 by just a single point, winning 1-8 (11) to 0-10 (10), with the Scots failure to score a goal costing them dearly. Scotland women also failed to score and the Irish ran out winners by 2-2 (8) to 0-0 (0). In a thrilling senior match Scotland looked to have retained their grip on the new Colmcille trophy when they equalised in the dying seconds. However the Irish broke away at the other end to win the match with a goal in injury time; final score - Scotland 1-8 (11) to Ireland’s 1-11 (14). Ironically, the Irish wins augur well for the series with Gaelic agencies Bòrd na Gàidhlig, Comunn na Gàidhlig and Colmcille all keen to explore ways of raising the profile of the sporting and cultural exchanges at international, school and club level. The three wins are expected to increase interest in the compromise rules game in Ireland. |
|||||||||||||||||||||||||||||||
|
dachaigh :: naidheachdan :: taic-airgid :: blog :: iomairtean :: mun Ghàidhlig :: foillseachaidhean :: ceangalan :: cuir fios gu home :: news :: funding :: blog :: initiatives :: about Gaelic :: publications :: links :: contact |
©2012 CnaG
site by reefnet |
|||||||||||||||||||||||||||||||