Pròiseact DVD Bhràgair
Pròiseact choimearsnachd inntinneach ...

Lorg / Search: |
||||||||||||||||||||||||||||||||
Sgeama Taic nan Oileanach2mh Dùbhlachd 2008 Tha Comunn na Gàidhlig toilichte a’ foillseachadh an diugh gu bheil iad air taicean-airgid faisg air £20,000 a thoirt do chòrr air 50 oileanaich a tha dol tro fhoghlam aig àrd-ìre, gu sònraichte feadhainn a tha an-sàs ann an cùrsaichean Gàidhlig ann an oilthighean is colaistean na h-Alba. Tha seo fo Sgeama Taic nan Oileanach a th’ air a stiùireadh le Comunn na Gàidhlig (CnaG), le taic bho Bhòrd na Gàidhlig agus Iomairt na Gàidhealtachd ’s nan Eilean. Thuirt Ceannard ChnaG, Eàirdsidh MacIlleathain, “Tha prìomhachas fon sgeama seo aig oileanaich a tha a’ leantainn cùrsaichean teagaisg ach tha e nar rùn a bhith a’ sgaoileadh an taic cho math agus as urrainn dhuinn, taobh a-staigh crìochan an ionmhais. Air a’ bhliadhna seo, chuir sinn a-mach faisg air £20,000 gu 55 oileanach, agus tha an taic a tha sinn a’ toirt seachad na fheum mhòr dhan fheadhainn a tha ’ga fhaotainn. Tha sinn cuideachd air leth toilichte gu bheil Iomairt na Gàidhealtachd ’s nan Eilean ag aithneachadh am feum a tha an Sgeama a’ dèanamh ann a bhith a toirt taic do dh’oileanaich airson an uidheamachadh gus cothroman cosnaidh fhaighinn, gu sònraichte air a’ Ghàidhealtachd agus anns na h-Eileanan, agus gu bheil iad a-nis a’ co-mhaoineachadh an Sgeama.” Mhìnich Mgr MacIlleathain mar a tha an Sgeama ag obair: “Tha dà sheòrsa taic ’ga thabhann tron sgeama seo agus tha làn-chead aig oileanaich tagradh a chur thugainn airson an dà sheòrsa. A bharrachd air a bhith a’ toirt seachad taic le na cosgaisean àbhaisteach a thig air oileanaich, bheir CnaG cuideachd taic do dh’ oileanaich le cìsean oideachaidh far nach eil buidheann eile gam pàigheadh. Thèid taic-airgid a thoirt do gach tagraiche a tha a’ cur a-steach airson taic le cìsean oideachaidh fhad ’s a tha dearbhadh againn gu bheil an iarrtas iomchaidh, agus nach eil dòigh aca air taic fhaighinn bho bhuidheann sam bith eile.” Thuirt Eilidh Ghreumach, oileanach à Leòdhas a fhuair taic-airgid fon Sgeama, “Tha an taic-airgid a fhuair mi bho ChnaG na chuideachadh mhòr dhomhsa. Tha iomadach rud a’ toirt buaidh air ionmhas agus tha taic mar seo a’ dèanamh feum mhòr. Airson gu robh mise airson Ceum le Urram a dhèanamh, ghluais mi dhan Eilean Sgitheanach (gu Sabhal Mòr Ostaig) am bliadhna seo agus chiallaich sin gu do thuit cosgaisean a bharrachd orm. Chuidich an taic-airgid mi cuideachd ann a bhith a’ ceannach leabhraichean a tha deatamach airson a’ chùrsa. Tha mi air leth taingeil do ChnaG, Bòrd na Gàidhlig agus Iomairt na Gàidhealtachd ’s nan Eilean.” Thuirt tè eile a fhuair taic fon Sgeama, Lorna NicDhiarmaid às an Eilean Sgitheanach, “Tha mi cho taingeil gun d’ fhuair mi airgead bho Sgeama Taic nan Oileanach. Rinn an t-airgead feum mhòr dhomh agus chaidh agam air laptop a cheannach. Tha an laptop cho feumail dhomh air sgàth 's gu bheil mi ag obair uaireannan bhon taigh, uaireannan bhon a cholaiste agus uairean eile bhon oilthigh. Leis an laptop ’s urrainn dhomh m’ obair a dhèanamh ann an àite sam bith. Às aonais airgead ChnaG cha bhiodh e comasach dhomh fhèin laptop a cheannach.” A’ co-obrachadh le chèile, tha CnaG, Bòrd na Gàidhlig agus Iomairt na Gàidhealtachd ’s nan Eilean air am misneachadh leis an adhartas a th’air tighinn air an Sgeama agus an dòchas gum brosnaich an Sgeama seo mòran dhaoine gus cùrsaichean Gàidhlig aig àrd-ìre a dhèanamh. Thuirt Cathraiche eadar-amail a’ Bhùird, Art MacCarmaig: “Tha sinn gu mòr dhen bheachd gu bheil còir againn a bhith a’ treòrachadh agus a’ cumail taic ri oileanaich a tha dol tro chùrsaichean foghlaim an Gàidhlig aig àrd-ìre agus gu sònraichte ag aithneachadh gu bheil cuid ann a tha fo ìmpidh mhòr a thaobh cosgaisean. Gu math tric tha an taic a tha sinn a’ toirt seachad an seo a’ dèanamh an diofar eadar an urrainn no nach urrainn do dh’oileanaich cumail air adhart. Tha sinn mothachail da-rìreabh air an oidhirp a tha oileanaich a dèanamh agus ’s e dleastanas nam buidhnean air am bheil uallach Am Plana Nàiseanta a chuir an cèill, a bhith gan cuideachadh.” Tha an sgeama air a mhaoineachadh le Bòrd na Gàidhlig agus Iomairt na Gàidhealtachd ’s nan Eilean agus air a làimhseachadh le Comunn na Gàidhlig. |
Sgeama Taic nan Oileanach2nd December 2008 More than 50 students undertaking Gaelic courses have benefited from special funding assistance offered by Gaelic development agency Comunn na Gàidhlig (CnaG) to assist them complete their courses. Funding of up to £20,000 has been made available to CnaG by Bòrd na Gàidhlig, (the Gaelic Board), and Highlands and Islands Enterprise to enable the agency to provide support to students attending universities and colleges throughout Scotland and undertaking Gaelic-related courses. CnaG’s Chief Executive Archie MacLean said, “Priority is given to students undertaking teacher-training courses under the Student Support Scheme but CnaG endeavours to assist students on Gaelic-related courses wherever possible, within the resources available to us. This year we have assisted 55 students to the extent of nearly £20,000 and this assistance makes a significant difference to the students receiving it. We are also extremely happy that Highlands and Islands Enterprise has recognised the benefits of the scheme to students in terms of preparing them for their future employment, and particularly in gaining employment in the Highlands and Islands areas and are now co-funding the project.” Mr MacLean explained the process by which students can apply for assistance. “There are two ways in which we can assist and it is open to students to apply for both if they wish. We can assist students with the normal “day-to-day living expenses” they have to cope with and we can also help with fees where students are responsible for paying these themselves. We can assist students with their fees as long as we have an appropriate application and that they can demonstrate that they must meet that payment.” Helen Graham, a student from Lewis who was awarded financial assistance under the Scheme said, “The grant from CnaG has been a great help to me. There are many demands on students’ limited resources and the financial support from CnaG was very helpful. This year, because I wanted to undertake the fourth year of an Honours Degree in Sabhal Mòr Ostaig, Skye, meant that I had to uproot my family from Lewis and find new housing, adding to my already high costs. The money from CnaG has also been extremely useful, helping me buy books which are vital for course work.” Another student, Lorna McDiarmid from Skye, who was also awarded a grant from the Scheme said, “I am extremely grateful that I was awarded financial support from the Scheme. The money helped me purchase a laptop. The laptop is very helpful to me as I undertake course work in different places, sometimes at home, sometimes in college and sometimes at the university. Having my own laptop makes things so much easier, but without the award from CnaG I would not have been able to buy one.” Working in partnership, CnaG, Bòrd na Gàidhlig and HIE are all encouraged by the Scheme’s progress to date and hopeful that in future years it will lead to further applications from students wishing to pursue Gaelic studies in Higher Education. Arthur Cormack, Interim Chair of Bòrd na Gàidhlig said: “The Bòrd is convinced of the value of this Scheme in promoting the benefits of a career in Gaelic based on Higher Education courses, and we recognise the many challenges students now face in pursuing their studies, particularly with respect to fees. Very often the assistance we offer through this scheme enables a student who might not have been able to do so otherwise to pursue his or her chosen career. We fully recognise also the sacrifices some students have to make and it is incumbent on all of the bodies supporting the National Plan for Gaelic to be as supportive as possible of students in the circumstances.” The Student Support Scheme is funded by Bòrd na Gàidhlig and Highlands and Islands Enterprise and is administered by Comunn na Gàidhlig.
|
|||||||||||||||||||||||||||||||
|
dachaigh :: naidheachdan :: taic-airgid :: blog :: iomairtean :: mun Ghàidhlig :: foillseachaidhean :: ceangalan :: cuir fios gu home :: news :: funding :: blog :: initiatives :: about Gaelic :: publications :: links :: contact |
©2012 CnaG
site by reefnet |
|||||||||||||||||||||||||||||||