Skip Navigation

Sradagan

Comann nam Pàrant

 

Sgeama Luchd Ceumnachaidh

Sgeama Luchd Ceumnachaidh Chomunn na Gàidhlig a’ dol bho neart gu neart
13mh Lùnastal 2008
Eyeline Media

Tha luchd-ceumnachaidh bho air feadh Alba, a tha air crìoch a chur air cùrsaichean Gàidhlig, a’ faighinn buannachd bho bhith gabhail pàirt ann an sgeama ceumnachaidh a tha air a ruith le Comunn na Gàidhlig (CnaG). Tha na cùmhnantan, a tha a’ ruith fad bliadhna, a’ toirt cothrom do luchd-ceumnachaidh a bhith an sàs ann an raon fharsaing de dhreuchdan Gàidhlig agus a bhith ag obair ann an àrainn Ghàidhlig. Tha an sgeama cuideachd feumail do na buidhnean a bhios a’ fastadh nan oileanach, oir tha iad a’ faighinn cothrom a bhith a’ leudachadh an cuid obrach agus na seirbheisean a tha iad a’ tabhann.

De na ceathrar luchd-ceumnachaidh a fhuair àiteachan o chionn ghoirid, tha triùir dhiubh an sàs ann an obair-telebhisein – is tha an ceathramh neach ag obair do Urras Leabhraichean nan Eilean, buidheann stèidhichte sna h-Eileanan an Iar a tha an sàs ann a bhith a’ leudachadh foillseachadh aig ìre ionadail.

“Tha an sgeama seo a’ leigeil le Ghàidheil òga a’ chiad cheum a ghabhail ann an saoghal nam meadhanan aig àm sònraichte nuair a tha MG Alba agus am BBC ag obair còmhla airson an t-Seirbheis Dhidseatach ùir.” a rèir an Stiùiriche Susbaint aig Media nan Eilean (MNE) ann an Glaschu, Alasdair MacFhionghain. “Tha Sgeama Luchd-ceumnachaidh ChnaG a’ toirt cothrom do chompanaidhean dhar leithid fhèin eòlas-obrach, misneachd agus trèanadh cudromach a thoirt do dhaoine òga aig a bheil Gàidhlig a chuireas rin cunntas-beatha agus a bheir dhaibh cothrom nas fheàrr nuair a tha iad a’ lorg obair còmhla rinn fhèin no companaidhean eile sa gnìomhachas.” Còmhla ri MNE ann an Glaschu, tha Anna Mhoireasdan, à Lacasdail, faisg air Steòrnabhagh, a rinn ceum ann an Gàidhlig is Iomall a’ Chuain Siar aig Colaisde a’ Chaisteil ann an Steòrnabhagh. Tha i a-nise ag obair mar Preseantair is Rannsaiche aig a’ chompanaidh an dèidh pàirt a ghabhail sa phrògram ùr aig MNE Sear gu Siar, far an do thadhal i air Bhietnam agus Sìona gus eòlas a chur air dùthchannan eile. Tha am prògram mar aon de shreath de cheithir phrògraman, maoinichte le MG ALBA, a chaidh an clàradh ann an suidheachaidhean dùbhlanach air feadh an t-saoghail, a bhios air an craoladh air an t-Seirbheis Dhitseataich ùir a tha tòiseachadh as t-Foghar.

’S e Eyeline Media Earranta companaidh eile a tha an sàs san sgeama. Thuirt Stiùiriche Eyeline, Terry Wolsey, gun robh i a’ faireachdainn gun robh an sgeama na bhuannachd do Eyeline Media, seach gu bheil iad stèidhichte ann an Obar Dheathain, agus gu bheil “an sgeama a’ leigeil dhuinn obair a thabhann a mhaireas fad bliadhna. Tha a’ mhargaidh neo-cheangailte Gàidhlig gu mòr stèidhichte ann am meadhan na h-Alba agus ann an Steòrnabhagh, agus tha e uaireannan doirbh na daoine cearta fhaighinn airson cùmhnantan goirid.” Ann an Obar Dheathain, còmhla ri Eyeline Media, tha Erin Christian, à Sròn na h-Aibhne, a rinn Gàidhlig agus Beurla ann an Oilthigh Obar Dheathain mus do chuir i seachad bliadhna ann an Sabhal Mòr Ostaig san Eilean Sgitheanach a’ dèanamh teisteanas sna Meadhanan Gàidhlig. Thuirt Terry Wolsey “Tha Eyeline Media na sholaraiche trèanaidh stèidhichte agus mar sin ’s urrainn dhuinn trèanadh a thabhann do Erin anns na raointean a tha i air a thaghadh, gu h-àraidh obair le camara bhideo agus deasachadh. Thàinig Erin còmhla rinn an toiseach airson greis 6 mìosan bho Shabhal Mòr Ostaig agus mar sin bha eòlas againn air na comasan aice. Tha Sgeama Ceumnachaidh ChnaG a’ leigeil dhuinn seo a leantainn air adhart agus obair cheart a thoirt do Erin.

Tha Studio Alba ann an Steòrnabhagh cuideachd an sàs san sgeama. Tha Lorraine NicRisnidh à Nis ann an Leòdhas ag obair air fo-thiotalan air an sruth a tha sìor fhàs de phrògraman telebhisean Gàidhlig. Bha i na h-oileanach aig Colaisde a’ Chaisteil, a’ dèanamh Gàidhlig is Iomall a’ Chuain Siar, agus chuir i seachad 10 seachdainean aig Studio Alba an-uiridh air Sgeama Greis Gnìomhachais samhraidh ChnaG. Tha Mgr Uilleam MacLeòid, manaidsear an stiùidio, an dòchas gum bi an t-iarratas airson fo-thiotalan a’ fàs leis an t-sianail Ghàidhlig a tha san amharc agus tha e a’ faicinn buannachdan anns an Sgeama Ceumnachaidh. “Tha sinn an dòchas gum bi i an sàs ann am pròiseactan eile agus ann an raointean obrach eile,” thuirt e. Mhol Lorraine an taic a fhuair i bhon mhanaidsear riochdachaidh, Amy NicAmhlaidh, ann a bhith a’ leasachadh nan sgilean aice a thaobh fo-thiotalan.

Thug cothrom-obrach còmhla ri Urras Leabhraichean nan Eilean Emma Leitch bho na Crìochan gu Beinn na Faoghla far a bheil i ag obair còmhla ri comataidh ionadail an Urrais gus obair Urras nan Leabhraichean a leasachadh ann an Uibhist agus Barraigh. Às leth an Urrais air fad, tha i cuideachd a’ leasachadh a phoileasaidh Gàidhlig. Tha an Urras am beachd leabhar fhoillseachadh a dh’aithghearr de chuimhneachain òige bho Bheinn na Faoghla agus tha iad airson an cuid obair sa Ghàidhlig a leasachadh. Thuirt Iain Randall, Cathraiche Urras Leabhraichean nan Eilean, gun robh i a’ cuideachadh le planaichean an Urrais inbhe a thogail ann an Uibhist agus Barraigh agus, ged nach ann an Gàidhlig a bhios an obair aice air fad, tha an obair aice a’ ciallachadh gu feum i a bhith air a bogadh sa chultar ionadail ann an coimhearsnachd làidir Gàidhlig. Thuirt e gun robh a’ Ghàidhlig na prìomhachas dhan Urras agus gu bheil iad a’ coimhead ri ciamar is urrainn dhaibh barrachd thachartasan a chumail tro mheadhan na Gàidhlig, le seirbheis eadar-theangachaidh. Fhuair Emma ceum ann an Cànan agus Cultar na Gàidhlig bho Shabhal Mòr Ostaig, agus chuir i an uair sin seachad bliadhna a’ dèanamh cùrsa ann an ceòl traidiseanta ann an Colaisde Bheinn na Faoghla. Bha i ag obair do Urras Leabhraichean nan Eilean san t-samhradh 2007, tro sgeama ChnaG, stèidhichte ann an Ionad Baile nan Cailleach far am bi an Urras gu tric a’ cumail thachartasan agus thaisbeanaidhean.

Thuirt Eardsaidh MacIlleathain, Àrd Oifigear ChnaG, “Tha CnaG taingeil airson an taic a tha sinn a’ faighinn bho Iomairt na Gàidhealtachd ’s nan Eilean agus Bòrd na Gàidhlig gus leigeil don sgeama leantainn air agus a bhith air a leasachadh. Ann a bhith cur air chois gnìomhan eaconomach an lùib na Gàidhlig, tha àite cudromach aig an sgeama ann a bhith a’ ceangal chùrsaichean oilthigh ris an àite-obrach agus ann a bhith a’ fosgladh suas chothroman cosnaidh do luchd-ceumnachaidh ùra.

Tha Sgeama Luchd Ceumnachaidh air a mhaoineachadh le Bòrd na Gàidhlig agus Iomairt na Gaidhealtachd’s nan Eilean agus air a ruith le Comunn na Gàidhlig.

Graduate Placement Scheme

Comunn na Gàidhlig Graduate Placement Scheme goes from strength to strength
23th August 2008

Lorraine NicRisnidh aig Stiùidio Alba

Graduates from across Scotland who have completed Gaelic courses are benefitting from a placement scheme operated by Comunn na Gàidhlig (CnaG). The year-long placements enable graduates to access a wide range of Gaelic-related career opportunities and to work in a Gaelic environment. The scheme also greatly benefits the host organisations, allowing them to expand their range of work and services.

Of the four graduates who have recently been offered placements, three are in television-related work – while the fourth is working for the Islands Book Trust, an organisation based in the Western Isles which is dedicated to expanding the range of local publishing activity.

“The scheme has allowed talented young Gaels to take a first step into the media industry at an opportune time when MG ALBA and the BBC are partners in establishing a new Gaelic Digital Service,” according to the Director of Content with MNE Media in Glasgow, Alasdair MacKinnon. “ The CnaG Graduate Placement Scheme gives companies such as ourselves the opportunity to give young Gaelic speakers valuable work experience, confidence and training in a professional environment which will enhance their CV and put them in a stronger position in seeking future employment whether with ourselves or elsewhere within the industry’’. With MNE in Glasgow is Anne Morrison, from Newmarket, Stornoway, who studied for a degree in Gaelic and North Atlantic Studies at Lews Castle College, Stornoway. She now works as a Presenter and Researcher with the company after taking part last year in MNE’s new Sear gu Siar programme, which took her to Vietnam and China on a young people’s gap tour experience. The programme will be one of a series of four, funded by MG ALBA, from challenging locations across the world, which will be shown on the new Gaelic Digital Service which begins in the Autumn.

Another company involved in the scheme is Eyeline Media Ltd. Eyeline director Terry Wolsey said she felt the Graduate Placement Scheme was of particular benefit to Eyeline Media because they are based in Aberdeen, and “the scheme therefore allows us to offer continuity of employment over the period of a year. The Gaelic freelance market is skewed towards the central belt and Stornoway, and so it can be difficult to source the right people for short contract periods.” In Aberdeen, with Eyeline Media is Erin Christian, from Stonehaven, who studied Gaelic and English at Aberdeen University before spending a year at Sabhal Mor Ostaig in Skye getting a diploma in Gaelic Media. Terry Wolsey said” “Eyeline Media is an established training provider, and sowe are able to offer Erin specific training in her chosen fields, namelyvideo camera and editing. As Erin joined us from Sabhal Mor Ostag initially for a 6 month placement we were already aware of her abilities and potential. The CnaG Graduate Placement Scheme has allowed us to consolidate this and offer Erin real employment.”

Also involved in the scheme is Studio Alba in Stornoway. There Lorraine Macritchie from Ness in Lewis is undertaking subtitling work on the growing flow of Gaelic TV programmes. She was formerly a student at Lews Castle College, studying Gaelic and North Atlantic Studies, and spent ten weeks with Studio Alba last summer on a summer placement also arranged through CnaG. Mr Willie Macleod, the manager of the studio, is hopeful there will be a continued growth in subtitling work with advent of the new Gaelic TV channel and sees the work placement as having long-term benefits. “We hope she will also get involved in other projects and in other areas of work,” he said. Lorraine paid tribute to the training work of production manager Amy Macaulay in developing her subtitling skills.

A work placement with the Islands Book Trust has brought Emma Leitch from the Borders to Benbecula where she is working with the local committee of the Trust to extend the activities of the Book Trust in Uist and Barra. On a Book Trust-wide basis she is also developing the Trust’s Gaelic policy. The Trust is soon to publish a bilingual book of childhood memories from Benbecula and aims to develop its work with Gaelic. Mr John Randall, the chairman of the Islands Book Trust, said she was assisting with the Trust’s plans to raise its profile in the Uists and Barra and while not all her work would be in Gaelic, her work required her to be immersed in local culture in a strongly Gaelic-speaking area. He said that Gaelic was a high priority for the Trust and it was looking at how to conduct more events in Gaelic, with translation facilities. Emma studied at Sabhal Mor Ostaig getting a degree in Gaelic Language and Culture, and then spent a year studying traditional music at Colaisde Bheinn Na Faoghla in Benbecula. She worked for the Islands Book Trust as a summer placement via CnaG in 2007 based at Nunton Steadings where the Trust puts on regular events and exhibitions.

Archie Maclean, Chief Executive of CnaG, said, “CnaG is very grateful for the support of Highlands and Islands Enterprise and Bòrd na Gàidhlig to enable the scheme to continue and develop. In the development of economic activity related to Gaelic, the scheme plays an important role in linking university courses to workplace activity and opening work opportunities for new graduates.”

The Graduate Placement Scheme is funded by Bòrd na Gàidhlig and Highlands and Islands Enterprise and is administered by Comunn na Gàidhlig.

Bràgair

Pròiseact DVD Bhràgair

Pròiseact choimearsnachd inntinneach ...

tuilleadh...


Children playing with old fashioned toys

Taigh Tasgaidh na Gàidhealtachd

Trip to the Highland Folk Museum

more...


dachaigh :: naidheachdan :: taic-airgid :: tachartasan :: iomairtean :: mun Ghàidhlig :: foillseachaidhean :: ceangalan :: cuir fios gu
home :: news :: funding :: events :: initiatives :: about Gaelic :: publications :: links :: contact
©2010 CnaG
site by reefnet