Pròiseact DVD Bhràgair
Pròiseact choimearsnachd inntinneach ...

Lorg / Search: |
||||||||||||||||||||||||||||||||
Ri Chèile 200830mh Sultain 2008 Air 2 Dàmhair ann an Taigh a’ Bhaile, Inbhir Nis, bithidh buidheann dheugairean le Gàidhlig a’ gabhail pàirt anns an Fhòram Cainte eadar-nàiseanta Gàidhlig 'Ri Chèile' a tha air a chur air dòigh gach bliadhna le Comunn na Gàidhlig (CnaG) ann an Alba agus Gael Linn ann an Èirinn. Tha sgoilearan a’ tighinn bho dhiofar sgìrean ann an Èirinn còmhla ri sgoilearan bhon Ghearasdan, an t-Òban, Glaschu, Inbhir Pheofharain, Comar nan Allt, Inbhir Nis agus Steòrnabhagh. A bharrachd air an deasbad fhèin, tha cuairt gu Taigh Tasgaidh Inbhir Nis a’ toirt a staigh cuairt coiseachd do dh’ Inbhir Nis agus Cuirm Catharra le aoigheachd bho Chomhairle na Gàidhealtachd. A rèir Risteard MacGabhann, Cathraiche Cholmcille, “ Tha Ri Chèile a’ toirt cothrom do dhaoine òga bho Alba agus bho Thuath agus Deas Èirinn coinneachadh agus deasbad ann an suidheachadh beòthail. Tha tòrr obair agus toileachas na lùib dha na daoine òga cho math ris an luchd-teagaisg. Tha e na phròiseact chudromach do Cholmcille, tha sinn fìor thoilichte a bhith a’ gabhail pàirt ann agus tha sinn a’ cur meala-naidheachd air CnaG agus Gael-Linn agus na tha an sàs na shoirbheachadh leantainneach.” Thuirt Sìne NicIlleathain bho Chomunn na Gàidhlig “Tha sinn gu math toilichte a bhith comasach an fharpais seo a chur air dòigh an compàirt le Gael Linn. Tha Ri Chèile cudromach ann a bhith a’ dèanamh ceangal eadar an dà choimhearsnachd cànain”, agus mhìnich i "Chan e a-mhàin gu bheil na cuairtean seo a' toirt cothroman do dh'òigridh Ghàidhlig an cuid sgilean cànain a leasachadh troimh bhith ag ullachadh agus a' gabhail pàirt anns an deasbad, a tha a’ gabhail a-staigh iomadach cuspair anns na naidheachdan, ach cuideachd tha e a' toirt cothrom dhaibh measgachadh le deugairean ann an suidheachadh mion-chànain coltach riutha fhèin.” An lùib chuspairean na bliadhna seo, tha “Mar a tha boireannaich air an saoghal atharrachadh”, “ Prògraman Tbh Gàidhlig - math neo dona?”, “Fònaichean-làimh e”, agus “Pìobaireachd”. |
Ri Chèile 200830th September 2008 On 2 October in the Town House, Inverness, a group of Gaelic speaking teenagers will take part in the annual international Public Speaking Forum Cainte, ‘Ri Chèile’ organised by Comunn na Gàidhlig (CnaG) in Scotland and Gael Linn in Ireland. Pupils from Fort William, Oban, Glasgow, Dingwall, Cumbernauld, Inverness and Stornoway are joined by pupils from different areas of Ireland. As well as taking part in the forum, the pupils will visit Inverness Museum, take in a walking tour of Inverness and attend a civic reception with hospitality provided by Highland Council. According to Risteard MacGabhann, Chairperson of Colmcille, “Ri Chèile provides a lively Gaelic-speaking meeting place for young people from Scotland and from Northern and Southern Ireland, to meet and debate in a lively and enjoyable environment. It involves hard work but is also an enjoyable experience for the young people and teaching staff. It is an important project for Colmcille and we are delighted to be associated with it. We congratulate CnaG and Gael Linn and all those involved in its continuing success". Sheena MacLean of CnaG said “We are delighted to be able to support this event in partnership with Gael Linn. Ri Chèile is important for the linking of the two language communities. It provides an opportunity for young Gaelic speakers to develop their language skills through their preparation for and participation in the debate, which covers a number of topical issues but also gives them an opportunity to mix with teenagers in a similar minority language situation to themselves.” Topics covered this year will include, “How women have changed the world”, “Gaelic Television programmes – good or bad?”, “Mobile Phones” and “Piping”. |
|||||||||||||||||||||||||||||||
|
dachaigh :: naidheachdan :: taic-airgid :: blog :: iomairtean :: mun Ghàidhlig :: foillseachaidhean :: ceangalan :: cuir fios gu home :: news :: funding :: blog :: initiatives :: about Gaelic :: publications :: links :: contact |
©2012 CnaG
site by reefnet |
|||||||||||||||||||||||||||||||