Pròiseact DVD Bhràgair
Pròiseact choimearsnachd inntinneach ...

Lorg / Search: |
||||||||||||||||||||||||||||||||
CnaG a’ cumail taic ri iomain na h-Alba9 Dàmhair 2008 Comunn na Gàidhlig a’ cumail taic ri iomain na h-Alba D’fhoillsich a’ bhuidheann leasachaidh Gàidhlig, Comunn na Gàidhlig, an diugh gu bheil iad a-rithist gu bhith a’ cumail taic ri luchd-camanachd na h-Alba anns na geamanan eadar-nàiseanta le Eirinn air an ath sheachdain. Tha a’ phrìomh sgioba eadar-nàiseanta a’ coinneachadh ri Eirinn ann an Cill Chainnigh DiSathairne, 18 Dàmhair, agus tha na sgiobaidhean fo aois 21 a’ coinneachadh an Daru ann an Co Laois air an aon latha. Anns an dà gheam anns am bi na fireannaich a’ cluich, bidh strì mhòr eadar na cluicheadairean feuch cò ghlèidheas buinn airgid sònraichte an t-sàr-chluicheadair, a tha a’ dol chun chluicheadair as fheàrr anns gach gèam. Chaidh na buinn airgid a thoirt seachad son a’ chiad turas le Comunn na Gàidhlig ann an 1992 nuair a chaidh e chun chluichdeadair Èireannach Barry Egan à Corcaigh aig Pàirc a’ Bhught ann an Inbhir Nis. Thuirt Eairdsaidh MacIlleathain, Àrd Oifigeir Chomunn na Gàidhlig: “Tha CnaG air leth toilichte a bhith a’ cur ris an oidhirp a tha Alba a’ dèanamh anns na gèamaichean Eadar-nàiseanta agus tha sinn an dòchas gun soirbhich na trì sgiobaidhean nan oidhirpean na duaisean a thoirt air ais dhachaigh. Tha e air leth cudromach do dh’obair Chomunn na Gàidhlig gu bheil sinn an-sàs ann an leasachaidhean coimhearsnachd tro spòrs, agus gu sònraichte spòrs a bhoinneas do dhualchas na Gàidhlig. Tha sinn a’ coimhead air adhart ri saoghal ùr far am bi sinn, tha sinn an dòchas, a’ faicinn gu leòr a bharrachd de chamanachd air an t-sianal ùr Gàidhlig BBC ALBA. Tha e cuideachd cudromach gum bi sinn ag obair gu dlùth còmhla ri Buidheann Riaghlaidh na Camanachd, agus iad fhèin cho cudromach anns na coimhearsnachdan againn, agus cuideachd Cumann Luthchleas Gael (GAA) ann an Eirinn. Seo prìomh àrd-ìre cluiche na h-iomain agus tha na gèamanan seo gar misneachadh ann a bhith a’ togail air ceanglan le Èirinn tro spòrs aig gach ìre, tro leasachaidhean sgoile agus coimhearsnachd, agus cuideachd innleachdan foirmeil leithid Colmcille. ’Se coluadar agus co-bhanntachd mar seo a tha a’ misneachadh chluicheadairean òga ann an sgìrean anns a bheil iomain a’ fàs, leithid Uibhist a Tuath agus Comunn Camanachd Leòdhais. Bidh na cluidheadairean òga an sin a’ coimhead air adhart iad fhèin ris an latha far am faodadh iad a bhith a’ cluich ann an gèamanan eadar-nàiseanta air an telebhisean.” Chuir Comunn na Camanachd fàilte air an naidheachd gu bheil na buinn a-rithist mar dhuais aig na gèamanan. Thuirt an t-Àrd-Oifigeir Gill Dòmhnallach: “Shoirbhich le Alba glè mhath a thaobh duais an t-sàr-chluicheadair le Tormod Caimbeul bho Bhail Ur an t-Slèibh ga bhuinnig airson an treas uair anns a’ Ghearasdan an uiridh. ’Se an aon duine a rinn seo, agus tha e mì-fhortannach nach bi e a’ cluich am bliadhna. Tha fhios againn gu bheil urram mhòr aig na cluicheadairean airson an duais a tha seo agus tha iad a’ cur ris na gèamanan mar thachartas a tha airidh air luchd-amhairc fad is farsaing. Tha sinn airson taing mhòr a thoirt do Chomunn na Gàidhlig airson an taic agus tha sinn an dòchas gun tèid againn air nas urrainn dhuinn de na duaisean a thoirt dhachaigh leinn.” Chuir Eairdsaidh MacIlleathain cuideachd a thaic is gach dùrachd gu na cluicheadairean eile a tha a’ riochdachadh Alba ann an gèam iomain ann an Eirinn an t-seachdain seo – sgioba de luchd-labhairt na Gàidhlig a tha a’ cluich ann an Gallaibh – an dàrna bliadhna a tha an gèam Gàidhlig air a chluich. Thèid an gèam a chluich mar phàirt de Iomain Cholmcille 2008 eadar 10mh agus 13mh Dàmhair le taic bho Colmcille (the Columba Initiative). Thuirt Eairdsaidh: “Tha fhios agam gu robh sgioba na h-Alba gu math tàmailteach an uiridh an uair a chaill iad anns an Oban, ach bidh sinn beò agus an dòchas gun glèidh iad an turas seo.” |
CnaG to support Scottish effort in Ireland9 October 2008 Comunn na Gàidhlig to support Scottish effort in Ireland Gaelic development agency Comunn na Gàidhlig, (CnaG) has confirmed that it will once again be supporting the efforts of the Scottish shinty team in its international series of matches with Ireland later this month. The Scottish men’s senior team and the women team meet Ireland in Kilkenny on Saturday, October 18 and the under 21s meet in Durrow, Co Laois on the same day. At stake in the two men’s matches will be sàr-chluicheadair medals which will be presented to the best players in each game. The solid silver medals have been presented annually by CnaG since 1992 when Barry Egan of Cork was the first recipient at the Bught Park, Inverness. Archie Maclean, Chief Executive of CnaG, said: “CnaG is delighted to be supporting the Scottish effort in the international matches once again and we wish all three teams the best as they try and return with as many of the trophies as possible. It is very important to CnaG to be involved with sport in its Gaelic dimension and we look forward to seeing much more of shinty on the new Gaelic television channel BBC ALBA. It is very fitting that we maintain our link with shinty’s governing body because of its significant role in the community and also Comunn Luthchleas Gael (GAA) in Ireland. The international series is the pinnacle of the sports representation and we look forward to developing more links with the Irish through sport at all levels, through other school, and community initiatives and formal agencies such as Colmcille. It is exchanges such as these which offer the inspiration to players in areas such as North Uist and Comunn Camanachd Leòdhais that they, too, might one day go on to represent their country at the highest level.” Welcoming the confirmation of the awards, Camanachd Association Chief Executive Gill McDonald said: “Scotland has done very well in terms of winning the sàr-chluicheadair medals with Norman Campbell winning it for the third time at Fort William last year, the only player to have done so. I know that the individual awards are much sought after and highly prized. They add another dimension to what is a thrilling spectacle and one which deserves to be seen by as wide an audience as possible. The Camanachd Association is grateful to Comunn na Gàidhlig for its continued assistance and looks forward to bringing as many of the trophies as possible back to Scotland. Archie also wished the Gaelic-speaking team from throughout the Gàidhealtachd and beyond who have been chosen to represent Scotland in the second annual Alba v Eirinn Gaelic compromise rules international, to be played in Inverin, County Galway, this week, good luck. The game will be played in Ireland as part of Iomain Cholmcille 2008 which runs from the 10th to the 13th of October 2008 and is supported by Colmcille (the Columba Initiative). He said: “I know that the Scottish Gaelic team was disappointed not to have won on their first meeting in Oban last year, but hopefully they too will be in a position to return with silverware.” |
|||||||||||||||||||||||||||||||
|
dachaigh :: naidheachdan :: taic-airgid :: blog :: iomairtean :: mun Ghàidhlig :: foillseachaidhean :: ceangalan :: cuir fios gu home :: news :: funding :: blog :: initiatives :: about Gaelic :: publications :: links :: contact |
©2012 CnaG
site by reefnet |
|||||||||||||||||||||||||||||||