Skip Navigation

Sradagan

Comann nam Pàrant

 

CnaG ag amas air Grantaichean Coimhearsnachd

28mh Dàmhair 2008

Tha a’ bhuidheann-leasachaidh Gàidhlig, Comunn na Gàidhlig (CnaG), air aire a tharraing gu cothroman a th’ann do choimhearsnachdan a tha an sàs ann am pròiseactan tro thaic ionmhais.

Fo sgeama air a mhaoineachadh le Iomairt na Gàidhealtachd (HIE), agus a tha frithealadh buidhnean coimhearsnachd air feadh sgìre HIE, gheibhear taic do phròiseictsan a tha a’ cur ris an àireamh dhaoine a tha a’ cleachdadh Gàidhlig, no a’ brosnachadh suidheachadh a’ chànain. Air a’ bhliadhna romhainn, bidh CnaG gu sònraichte ag amas air òigridh, clann-sgoile, teaghlaichean agus coimhearsnachdan. Tha an taic a-nis ri fhaotainn anns na roinnean cudromach sin.

Thuirt Àrd Oifigeir ChnaG, Eairdsidh MacGillEathain, “Tha na grantaichean beaga seo air an tairgse do bhuidhnean a tha a’ neartachadh coimhearsnachdan ann an gnothaichean co-cheangailte ri cleachdadh na Gàidhlig. Tha sinn airson cluinntinn bho bhuidhnean a tha stèidhichte ann an sgìre HIE, agus bidh sinn a’ sùileachadh barrachd taic a thoirt do sgìrean a th’air an comharrachadh “cugallach” fo thomhasan HIE fhèin. Chan eil suimean mòra airgid rim faotainn, ach gu math tric tha an taic seo a’ ciallachadh diofar eadar is gun tèid aig coimhearsnachd air a dhol an sàs ann am pròiseict, no nach tòisich e idir. Bhiodh e math nam b’ urrainn dhuinn a leithid a thairgse gu nàiseanta, ach taobh staigh ar stòrais aig an àm seo, tha sinn an dòchas gun tig buidhnean air adhart a tha a’ cuideachadh le suidheachaidhean òigridh no chloinne, ma dh’fhaoidte airson àirneis no uidheamachd a cheannach, no airson taic a chur ri pròiseictsan nas fharsainne a bhiodh stèidhichte air co-bhanntachd le grunn bhuidhnean a’ tighinn còmhla.”

Tha an taic airgid fon sgeama seo ri fhaotainn fad na bliadhna, ach mhol Eairdsidh gum bu chòir do bhuidhnean a bhith a’ coimhead ri tairgse a dhèanamh cho luath sa ghabhas le deireadh na bliadhna air fàire. Thuirt e: “Faodar suas gu 80% dhen chosgais gu lèir fhaighinn airson pròiseict fon sgeama seo, agus bidh sinn a’ sùileachadh gun tèid aig buidhnean air cur ris na suimean a tha iad ag iarraidh bhon stòras aca fhèin, no le taic bho bhuidhnean eile. Tha e gu bhith na fheum dhan h-uile duine nan rachadh aig buidhnean air a bhith a’ dealbh an cuid phlanaichean, agus a’ coimhead air na a dhìth orra ro dheireadh na bliadhna. Tha an t-airgead ri fhaighinn an dràsta fhèin agus tha sinn ro dheònach buidhnean a chuideachadh no a chomhairleachadh air an t-slighe air adhart ach an tèid againn air barrachd thaic a chur ri coimhearsnachdan, agus gu sònraichte gnothaichean anns a bheil òigridh an sàs.”

Thuirt Niall Ross, Ceannard sgioba Fàs Choimhearsnachdan HIE: “Tha HIE air am misneachadh gu bheil sinn an co-bhanntachd le CnaG mar seo, a treòrachadh bhuidhnean Gàidhlig agus gan cuideachadh aig ìre coimhearsnachd. Tha sinn a’ coimhead air adhart gu mòr ri toradh na h-obrach fhaicinn. Bidh sinn cuideachd a’ sùileachadh gum bi CnaG a’ sireadh, a’ brosnachadh agus a’ cumail taic ri iarrtasan bho shàr-phròiseictean.”

Feumaidh buidhnean a tha a’ sireadh taic fon sgeama seo gach cosgais a tha an luib chùisean a dhearbhadh.

Airson barrachd fiosrachaidh agus comhairle air mar bu chòir a dhol an sàs anns an sgeama seo agus tagradh a dhèanamh, tadhalaibh air an duileag seo no cuiribh fios gu Dòmhnall Morris air 01463 234138 no domhnallmorris@cnag.org.uk

Gaelic Community Grants scheme highlighted

28th October 2008

Gaelic development agency Comunn na Gàidhlig (CnaG) has highlighted the opportunities available under its community-oriented small grants scheme.

Funded by Highlands and Islands Enterprise (HIE) and available to community groups throughout the HIE area, the funds are available to organizations to avail themselves of assistance with projects which promote the use and acquisition of Gaelic as a spoken language. This year CnaG will be focusing on children, youth, families and communities and funding is now available to promote Gaelic in these priority areas.

Archie MacLean, CnaG’s Chief Executive, said: “These small grants are aimed at organizations who have a contribution to make through strengthening their communities in Gaelic-related activities. Applications are invited from across the HIE area although priority will be given to applications from organizations based in the areas designated as fragile by HIE. The grants awarded are not large sums, but very often they can represent the difference between a project getting off the ground and not happening at all. In ideal circumstances this type of funding would be available on a national basis but within the resources we have, we would hope that community-based projects, and particularly initiatives which have a relevance to youth groups and other young children would come forward to purchase items of equipment or contribute to wider projects which might need a partnership approach.”

The funding in this scheme is available to groups throughout the year, but Archie pointed out that with the end of the calendar year approaching, now would be an ideal time for groups to make applications. He added: “The CnaG scheme is able to grant up to 80% of total project costs and we expect that the organisations applying will either allocate some of their own resources or seek some matching funding elsewhere. Obviously the calendar year end is approaching and if groups are to plan and purchase their requirements, it is everybody’s interests to move this on as quickly as possible. The funding is available now and we would be very happy to advise groups or individuals about how best to progress that so that we can help support community and in particular young people’s activities as quickly as possible.”

Neil Ross, Head of HIE's Community growth team, said, "HIE is encouraged that our CnaG partners are expediting this grass roots support for Gaelic development and look forward to realisation of the outcomes these interventions will achieve. We expect CnaG will also act proactively to encourage applications from the most promising projects."

All organisations or projects seeking financial assistance under CnaG’s scheme will have to submit evidence of expenditure for all costs.

For further advice on how to approach the issues involved in making an application, and in order to receive an application form, please visit this page or contact Donald Morris on 01463 234138 or domhnallmorris@cnag.org.uk

Bràgair

Pròiseact DVD Bhràgair

Pròiseact choimearsnachd inntinneach ...

tuilleadh...


Cur is Fàs

Cur is Fàs Ùr

Foghar 2011

more...


dachaigh :: naidheachdan :: taic-airgid :: blog :: iomairtean :: mun Ghàidhlig :: foillseachaidhean :: ceangalan :: cuir fios gu
home :: news :: funding :: blog :: initiatives :: about Gaelic :: publications :: links :: contact
©2012 CnaG
site by reefnet