Pròiseact DVD Bhràgair
Pròiseact choimearsnachd inntinneach ...

Lorg / Search: |
||||||||||||||||||||||||||||||||
Deasbad Nàiseanta BT Alba a’ tilleadh don Lanntair28mh Dàmhair 2008 Tha an Deasbad Nàiseanta do sgoiltean aig BT Alba a’ tilleadh don Lanntair, Steòrnabhagh, leis a’ chiad chuairt de dh’ fharpais 2008 a’ dol air adhart an sin air Diciadain agus Diardaoin 5mh agus 6mh den t-Samhain. Chumar na ciad chuairtean den fharpais san Lanntair roimhe bho chionn dà bhliadhna air ais. Airson a’ chiad uair bhon thòisich an fharpais tha 20 sgioba bho 16 sgoiltean ag amas air a’ phrìomh dhuais a bhuannachd. A-rithist, tha an fharpais air a mhaoineachadh le BT Alba le taic bho Chomhairle nan Eilean Siar, MG ALBA, Comunn na Gàidhlig, Bòrd na Gàidhlig agus Craoladh nan Gàidheal. Thuirt Cathraiche a’ Chomataidh Stiùiridh, Calum Iain MacLeòid: “Tha e iomchaidh gum biodh an fharpais a’ tilleadh do na h-Eileanan Siar oir se Sgoil Lionacleit a bhuannaich an uiridh, leis a’ phrìomh dhuais fa leth a’ dol gu Innes MacSuain bho sgioba Sgoil Mhic Neacail. Tha sinn fada an comain BT Alba aon uair eile airson an taic leantainneach don fharpais thaitnich seo. Tha a’ mhòr chuid de na h-Àrd Sgoiltean ann an Alba le sgoilearan Gàidhlig a’ nochdadh ùidh san Deasbad agus tha sinn air leth toilichte am bliadhna gu bheil, airson a’ chiad uair riamh, 20 sgioba a’ sàs san fharpais. Am bliadhna a-rithist sann am Pàrlamaid na h-Alba a thèid a’ chuairt dheireannach air adhart air Diardaoin 20 Samhain, leis air iar-chuairt dheireannach an oidhche roimhe sin aig Ionad Sgeulachdan na h-Alba.” Thuirt Brendan Dick, Stiùiriche BT Alba, “Tha BT Alba toilichte a bhith a’ cur taic aon uair eile ri Deasbad Nàiseanta Ghàidhlig nan Sgoiltean agus clann a bhrosnachadh gu bhith a’ bruidhinn a’ chànain. Tha BT air £10m a chur ris an iomairt aca “Better World” a tha air a dhealbh gus cinnt a dhèanamh gu faigh daoine òga ann am Breatann na sgilean agus na cothroman gus adhartachadh a thoirt air an comasan conaltraidh. Tha e mar amas againn cuideachadh a thoirt do dhaoine conaltradh a chleachdadh gus saoghal nas fheàrr a chruthachadh. Tha labhairt agus èisteachd, na prìomh sgilean conaltraidh, nas deatamaiche buileach anns an t-saoghal digiteach agus tha feum air cuideam às ùr a chur air a bhith a’ toirt nan sgilean sin gu ìre am measg dhaoine òga.” Thuirt Agnes Rennie, Cathraiche Comataidh Buileachaidh Plana Gàidhlig Chomhairle nan Eilean Siar, “Le bhith a’ gabhail pàirt ann an Deasbad Nàiseanta BT Alba, tha daoine òga a’ faighinn deagh chothrom an dà chuid an sgilean deasbaid a leasachadh agus cuideachd coinneachadh le daoine òga eile bho air feadh Alba. Se farpais nàiseanta dà rìreabh tha seo agus tha sinn air leth toilichte gur ann ’s na h-Eilean Siar, airson aon uair eile, a tha na cuairtean fosglaidh.” |
BT Scotland Schools Debate returns to An Lanntair28th October 2008 The BT Scotland National Schools Debate returns to An Lanntair, Stornoway, with the first rounds of the 2008 competition taking place there on Wednesday and Thursday 5th and 6th November. The competition’s opening rounds were previously held in An Lanntair two years ago. For the first time since the inception of the competition, 20 teams representing 16 schools will compete for this year’s title. Once again, the competition is sponsored by BT Scotland, with further assistance coming from Comhairle nan Eilean Siar, MG ALBA, Comunn na Gàidhlig, Bòrd na Gàidhlig and BBC Craoladh nan Gàidheal. Chairman of the Organising Committee, Calum Iain Macleod said: “It is quite appropriate to be returning to the Western Isles as last year’s winners of the competition were Sgoil Lionacleit, with the top individual Award going to Innes MacSween, from the The Nicolson Institute team. Once again, we are indebted to BT Scotland for their continuing sponsorship of this popular event. The Debate attracts much interest from the majority of Secondary Schools in Scotland with Gaelic-speaking pupils and we are delighted this year, for the first time, to have 20 teams in the competition. The climax of the Debate will again be fought out in Scottish Parliament where the Final round will be held on Thursday 20 November, the night after the semi-final round which takes place in the Scottish Storytelling Centre.” Brendan Dick, Director of BT Scotland, said: "BT Scotland is pleased to once again support the National Gaelic Schools Debate and encourage young people to speak the language. BT has invested £10m in its Better World campaign which is designed to ensure all young people in the UK get skills and opportunities to improve the way they communicate. Our goal is to help people use communication to make a better world. The core communication skills of speaking and listening are even more essential in the digital age and there is a need for a renewed emphasis on developing these key life skills in young people.” Agnes Rennie, Chair of Comhairle nan Eilean Siar’s Gaelic Language Plan Implementation Committee said, “the chance to participate in the BT Scotland National Schools Debate is a wonderful opportunity for young people, both to hone their debating skills which will serve them well throughout their lives, and to meet with other young people from schools all over Scotland. This is truly a national competition and we are delighted that once again the Hebrides are hosting the opening rounds.” |
|||||||||||||||||||||||||||||||
|
dachaigh :: naidheachdan :: taic-airgid :: tachartasan :: iomairtean :: mun Ghàidhlig :: foillseachaidhean :: ceangalan :: cuir fios gu home :: news :: funding :: events :: initiatives :: about Gaelic :: publications :: links :: contact |
©2010 CnaG
site by reefnet |
|||||||||||||||||||||||||||||||