
Lorg / Search: |
|||||||||||||||||||||
’S Urrainn Dhuibh - 10Steps2Business
Tha sinne, Comunn na Gàidhlig, a’ cur air dòigh pròiseact ùr a bheir cothrom do dh’ òigridh sgilean is comasan ionnsachadh mar phàirt de phrògram gnìomhachais troimh meadhan na Gàidhlig. Tha sinn air taic airgid fhaighinn bho Scottish Widows is tha sinn ag obair còmhla ri Young Enterprise Scotland is Determined to Succeed. Tha 18 sgoiltean bho air feadh Alba a’ gabhail pàirt. Am bu thoil leibh ar cuideachadh? Tha sinn a’ sireadh luchd-taic (mentors). Dh’fheumadh sibh tighinn gu latha trèanaidh an Dùn Èideann air 28mh Gearran is coinneachadh ris na sgoilearan air madainn 1mh Màrt. A bharrachd air sin bithidh sibh a’ toirt taic do na sgoilearan ’s docha uair neo dhà dhen uaireadair gach seachdain fad 10 seachdain. ’S dòcha gum bi sibh a’ cleachdadh camara is mic air Skype ach innsidh sinn dhuibh ciamar a chleachdas sibh sin. Pàighidh sinn cosgaisean siubhail is àite fuirich, ma tha sin freagarrach, ann an Dùn Èideann. Tha sinne smaointinn gur e cothrom sònraichte a tha seo do na sgoilearan rudan ionnsachadh a bhios feumail dhaibh as dèidh an sgoil fhàgail. Chan urrain seo a dhol air adhart gun taic bho luchd–gnìomhachais - a bheil sibh deònach an taic sin a thoirt dhaibh? Ma tha an lìonaibh am foirm a tha an cois na litreach seo is tillibh thugam e cho luath ’sa ghabhas gus am faigh mi àite fuirich is dòighean siubhail a chuir air dòigh. Ma tha ceistean sam bith agaibh cuiribh fòn, neo post-d thugam – 01478 611900, 07843 205667 neo fay@cnag.org.uk. Tha min dòchas gun toir sibh taic dha ur òigridh gus an cothrom seo a ghabhail. Tapadh leibh
Tha am foirm ri fhaighinn an seo ann an cruth PDF agus Word. Cuiribh air ais gu Fay e mar post-d no litir cheart.
|
|||||||||||||||||||||
|
dachaigh :: fiosrachadh :: ar dèanadas :: tachartasan :: leasachadh :: mun Ghàidhlig :: foillseachaidhean :: ceangalan :: cuir fios gu home :: news & events :: what we do :: events :: development :: about Gaelic :: publications :: links :: contact |
©2008 CnaG
site by reefnet |
||||||||||||||||||||