Cùrsaichean Fèin Leasachaidh
Gàidhlig agus spòrs aig Loch Iall...

Lorg / Search: |
|||||||||||||||||||||||
Leabhran ùr air foghlam Gàidhlig air fhoillseachadh8mh Samhain 2007 Tha Comann nam Pàrant air leabhran ùr fhoillseachadh do phàrantan le fiosrachadh air foghlam tro mheadhan na Gàidhlig aig gach ìre eadar foghlam ro-sgoile gu cothroman às dèidh na sgoile. Tha an leabhran ùr ‘Fios is Freagairt’ grinn, tarraingeach agus a’ freagairt cheistean a dh’fhaodadh a bhith aig pàrantan mu fhoghlam Gàidhlig agus na cothroman a bhios seo a’ fuasgladh do chlann às dèidh na sgoile fhàgail. Thuirt Magaidh Wentworth bho Chomann nam Pàrant: “Tha sinn uabhasach toilichte an leabhran ùr seo fhoillseachadh. Chaidh a’ chiad ‘Fios is Freagairt’ a sgrìobhadh ann an 1997 agus tha piseach mhòr air tighinn air foghlam Gàidhlig bhon uairsin. “Tha sinn a-nis ag obair air leabhar eile anns an t-sreath seo a bheir barrachd fiosrachaidh do phàrantan air cleachdadh na Gàidhlig san dachaigh agus an taic a tha ri faighinn taobh a-muigh na sgoile.” Fhuair Comann nam Pàrant taic bho Bhòrd na Gàidhlig ann a bhith a’ sgrìobhadh an leabhrain agus thuirt Rosemary Nic a’ Bhàrd, Stiùiriche Foghlaim aig a’ Bhòrd: “Tha e riatanach gum faigh pàrantan am fiosrachadh ceart mu fhoghlam Gàidhlig agus tha Bòrd na Gàidhlig air a bhith fìor thoilichte Comunn nam Pàrant a chuideachadh leis an leabhran seo fhoillseachadh. Ma tha sinn ag iarraidh gum fàs a’ chànan agus an àireamh de luchd-labhairt na Gàidhlig tha e uabhasach cudromach gum bi barrachd clann a’ dol tro fhoghlam Gàidhlig. “Bidh Bòrd na Gàidhlig agus Comann nam Pàrant ag obair còmhla anns na bliadhnaichean ri thighinn gus aire phàrantan a thogail do na cothroman a tha rim faotainn le foghlam.”Tha an leabhran ri fhaighinn an seo ann an cruth PDF no an seo air pàipear. |
New Gaelic Education Guide Launched8th November 2007 A new booklet providing comprehensive information on Gaelic medium education from pre-school to secondary and beyond is being launched by Comann nam Pàrant. ‘Fios is Freagairt’ is a fresh and dynamic guide answering all the questions parents might have about learning in Gaelic and opportunities for their children on leaving school. Magaidh Wentworth from Comann nam Pàrant said: “We are very pleased to be able to launch this exciting new guide. The first edition of ‘ Fios is Freagairt’ was written in 1997 and there has been a lot of growth and changes in Gaelic education since then. “We are now working on the second booklet in this series which will have advice for parents on using Gaelic in the home and the support that is available to them outwith the school.” Comann nam Pàrant received assistance from Bòrd na Gàidhlig, the Gaelic development agency to produce the guide and Rosemary Ward, Education Manager at Bòrd na Gàidhlig said: “It is essential that parents are given accurate information regarding Gaelic education and Bòrd na Gàidhlig is delighted to have supported Comann nam Pàrant with the publication of this booklet. If we are to increase the use of Gaelic and the number of Gaelic speakers we must attract more children to Gaelic education. “Bòrd na Gàidhlig will be working closely with Comann nam Pàrant in the years ahead to raise awareness amongst parents of the opportunities in Gaelic education.” The booklet is available here in PDF format or here on paper. |
||||||||||||||||||||||
|
dachaigh :: fiosrachadh :: ar dèanadas :: tachartasan :: leasachadh :: mun Ghàidhlig :: foillseachaidhean :: ceangalan :: cuir fios gu home :: news & events :: what we do :: events :: development :: about Gaelic :: publications :: links :: contact |
©2008 CnaG
site by reefnet |
||||||||||||||||||||||