Cùrsaichean Fèin Leasachaidh
Gàidhlig agus spòrs aig Loch Iall...

Lorg / Search: |
|||||||||||||||||||||||
Sgoiltean Gàidhlig a’ deasbad anns a’ Phàrlamaid22mh Samhain 2007 Tha na 4 sgioban a fhuair troimhe chun an dà chuairt mu dheireadh de Dheasbad Nàiseanta BT Alba a’ cur nan sgilean deasbaid aca mu choinneimh an t-sluaigh ann an Ionad Co-labhairt Comhairle Baile Dhùn Èideann air Diciadain an 28mh den mhìos seo. B' iad Sgoil MhicNeacail, Sgoil Lìonacleit, Àrd-sgoil Phort Rìgh agus Acadamaidh Allt a’ Mhuilinn, Inbhir Nis na ceithir sgioban soirbheachail. Cuiridh na britheamhan an dà sgioba as fheàrr air adhart chun na cuairt deireannaich a tha a' gabhail àite am bliadhna a-rithist ann am Pàrlamaid na h-Alba air Diardaoin an 29mh latha den mhìos. Thèid an Deasbad seo a chraoladh beò air Radio nan Gàidheal aig 7.00 feasgar. Tha BT Alba a-rithist nam prìomh mhaoineadairean air Deasbad na bliadhna-sa le taic £15,000. Thuirt Brendan Dick, Manaidsear Nàiseanta Alba "Tha comas conaltraidh na phrìomh sgile ann am beatha an duine agus sin an t-adhbhar a tha BT air taic a chur ri iomairt luach £10m, thairis air 3 bliadhna, airson cothrom a thoirt do dh’òigridh ann am Breatainn na sgilean agus comasan aca a leasachadh airson an dòigh conaltraidh aca thoirt air adhart. Tha ìre nan deasbadan anns an fharpais seo air dearbhadh gu bheil adhartas mòr air a thighinn air comas labhairt agus èisteachd nan Gàidheal òga agus tha fìor chuairt dheireannach gu bhith againn ann am Pàrlamaid na h-Alba an ath sheachdain" Thuirt Dòmhnall Màrtainn Cathraiche Chomataidh Stiùiridh an Deasbaid: "Tha ìre nan deasbadan air a bhith sònraichte math am bliadhna agus thug na sgioban dùbhlain fìor dhuilich dha na britheamhan. Ma tha na chunnaic sinn na chomharra bu cḥir gum bidh dà dheagh oidhche againn ann an Dùn Èideann. Mar is àbhaist bidh Togalach na Pàrlamaid na bhrosnachadh mòr dhan dà sgioba a gheibh àite anns a’ chuairt dheireannach" |
BT Gaelic Debate heads for the Parliament again22th November 2007 The four successful teams from the first two rounds of the BT Scotland National Gaelic Schools Debate will be demonstrating their debating and linguistic skills before an audience in the Conference Centre of Edinburgh City Chambers on Wednesday 28 November. The teams are from The Nicolson Institute Stornoway, Sgoil Lionacleit Benbecula, Portree High School and Millburn Academy Inverness. Two teams will secure a place in the Final Debate which takes place in the Holyrood Parliament on Thursday 29th November. The final will be broadcast live on Radio nan Gàidheal at 7.00 pm. BT Scotland are again the main sponsors of the Debate providing sponsorship of £15,000. BT Scotland's National Manager Brendan Dick said “Our sponsorship of the schools Gaelic debate sits well with BT’s Better World Campaign which helps people use communications to make a better world. Young people have the potential to make an extremely positive contribution to this world and we believe that everyone can benefit from listening to and acting upon what they have to say. “The students taking part in the BT Scotland Gaelic Schools Debate are certainly putting their communications skills to good use and are setting high standards. We’re set for a close and exciting final in the Scottish Parliament.” Donald Martin Chair of the Organising Committee said "The Debate this year has been of a very high standard and the judges have had a very difficult task throughout the first two rounds. If previous final rounds are anything to go by, we should be guaranteed an enjoyable and entertaining two events in Edinburgh. The Parliament Building provides an inspirational backdrop for the Final which always brings out the best in both teams" |
||||||||||||||||||||||
|
dachaigh :: fiosrachadh :: ar dèanadas :: tachartasan :: leasachadh :: mun Ghàidhlig :: foillseachaidhean :: ceangalan :: cuir fios gu home :: news & events :: what we do :: events :: development :: about Gaelic :: publications :: links :: contact |
©2008 CnaG
site by reefnet |
||||||||||||||||||||||