Cùrsaichean Fèin Leasachaidh
Gàidhlig agus spòrs aig Loch Iall...

Lorg / Search: |
|||||||||||||||||||||||
Deasbad BT a’ tighinn dhan Sgoil ùr Ghàidhlig1mh Samhain 2007 Tha an deicheamh Deasbad BT Alba a’ gabhail àite am bliadhna air Dimàirt 6mh agus Diciadain 7mh Samhain ann an Sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis a dh’fhosgail bho chionn ghoirid. Tha sia buidhnean deug bho Àrd Sgoiltean air feadh Alba a’ gabhail pàirt agus tha BT Alba a’ toirt maoineachadh luach £15,000 don fharpais airson an naoidheamh bliadhna. Thuirt Dòmhnall Màrtainn, Cathraiche a’ Chomataidh Stiùiridh: "Tha e air leth iomchaidh gu bheil sinn a’ tighinn gu Sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis airson na cuairt tòiseachaidh oir ’s ann bho Chomhairle na Gàidhealtachd a bha an feadhainn a bhuannaich an-uiridh – Acadamaidh Inbhir Pheofharain. A-rithist, tha sinn gu mòr an comain BT Alba airson an cuid taic leantainneach don tachartas thaitneach seo. Tha a’ mhòr chuid de na h-Àrd Sgoiltean ann an Alba le sgoilearan aig a bheil Gàidhlig a’ nochdadh ùidh anns an Deasbad agus am bliadhna airson a’ chiad uair tha sinn a’ cur fàilte air Sgoiltean Loch Abair agus Àird nam Murchan. Am bliadhna a-rithist thèid a’ Chuairt Dheireannach a chumail aig Pàrlamaid na h-Alba air Diardaoin 29 Samhain, an dèidh don iar-chuairt dheireannach a dhol air adhart an oidhche roimhe sin aig an Ionad Cho-labhairt aig Seòmraichean Comhairle Bhaile Dhùn Èideann." Thuirt Brendan Dick, Stiùiriche BT Alba, "Tha BT Alba toilichte a bhith a’ cur taic aon uair eile ri Deasbad Nàiseanta Ghàidhlig nan Sgoiltean agus clann a bhrosnachadh gu bhith a’ bruidhinn a’ chànain. Tha an Comhairliche Seumas Friseal, Cathraiche Comataidh Gàidhlig Chomhairle na Gàidhealtachd air leth toilichte gu bheil na cuairtean tòiseachaidh a’ gabhail àite ann an Sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis. |
BT Debate comes to new Gaelic School1st November 2007 The tenth BT Gaelic Schools Debate kicks off this year at the recently opened Sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis on Tuesday 6 and Wednesday 7 November. Sixteen teams representing fourteen Secondary Schools throughout Scotland will be participating in this year's event which is being sponsored for the ninth successive year by BT Scotland who are providing an award of £15,000. Chairman of the Organising Committee, Donald Martin said: "It is very appropriate that, this year, we are able to come to Sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis for the opening rounds as last year's winners – Dingwall Academy – came from The Highland Region. Once again, we are indebted to BT Scotland for their continuing sponsorship of this popular event. The Debate attracts much interest from the majority of Secondary Schools in Scotland with Gaelic speaking pupils and for the first time we welcome Lochabar and Ardnamurchan Schools. The climax of the Debate will again be fought out in Scottish Parliament where the Final round will be held on Thursday 29 November, the night after the semi-final round which takes place in the Conference Centre at Edinburgh City Council Chambers" Brendan Dick, Director of BT Scotland, said: "BT Scotland is pleased to once again support the National Gaelic Schools Debate and encourage young people to speak the language. BT has invested £10m in its Better World campaign which is designed to ensure all young people in the UK get skills and opportunities to improve the way they communicate. Our goal is to help people use communication to make a better world. The core communication skills of speaking and listening are even more essential in the digital age and there is a need for a renewed emphasis on developing these key life skills in young people." |
||||||||||||||||||||||
|
dachaigh :: fiosrachadh :: ar dèanadas :: tachartasan :: leasachadh :: mun Ghàidhlig :: foillseachaidhean :: ceangalan :: cuir fios gu home :: news & events :: what we do :: events :: development :: about Gaelic :: publications :: links :: contact |
©2008 CnaG
site by reefnet |
||||||||||||||||||||||