Skip Navigation

Sradagan

Comann nam Pàrant

 

Agallamh leis a' Ghàidheal Ùr: Eairdsidh MacGhilleathain Ceannard ChnaG

Inns dhuinn beagan mu do dheidhinn fhèin agus d’ eachdraidh phearsanta

Thogadh mi aig Ceann Tràigh Bhàlaigh ann an sgìre Sholais ann an Uibhist a Tuath agus bidh mi a’ dol air ais gu math tric a choimhead air mo phàrantan a tha fhathast a’ fuireach an sin. Fhuair mi m’ fhoghlam ann an Sgoil Dhùn Sgealair, Sgoil Phaibil agus ann an Sgoil MhicNeacail ann an Steòrnabhagh - cha robh Sgoil Lìonacleit ann aig an àm sin agus bha againn ri dhol a Steòrnabhagh airson a’ chòigeamh agus an siathamh bliadhna. Às dèidh sin, chaidh mi dhan Oilthigh ann an Obar Dheathain far an do rinn mi ceum MA, le Ceiltis agus Teangeòlas mar prìomh chuspairean. Rinn mi an uairsin teisteanas ann an Rianachd Luchd-obrach aig Oilthigh Raibert Gordon ann an Obar Dheathain. Às dèidh sin, thill mi a dh’Uibhist agus bha mi ag iasgach ghiomach agus chrùbagan airson trì bliadhna. Chòrd seo rium gu mòr oir bha e gu tur eadar-dhealaichte bho mo bheatha ann am foghlam. An uairsin, ghabh mi ùidh ann an coimpiutairean agus thug sin mi gu Sabhal Mòr Ostaig far an do rinn mi teisteanas ann an Gnìomhachas le Teicneòlas Fiosrachaidh. Fhuair mi an uairsin obair aig Comhairle nan Eilean ann an Steòrnabhagh, aig roinn an fhoghlaim far an robh mi an sàs ann an cruthachadh stòr-data de ghoireasan foghlaim Gàidhlig. Ann an 1992, fhuair mi cothrom a dhol air ais dhan t-Sabhal mar òraidiche ann an cuspairean gnìomhachais. Chuir mi seachad còig bliadhna deug aig an t-Sabhal, bliadhnaichean gu math toilichte agus inntinneach. Bha mi nam òraidiche airson mu 10 bliadhna agus an uairsin nam Mhanaidsear Leasachaidh airson nan còig bliadhna mu dheireadh.

Carson a roghnaich thu an dreuchd seo a ghabhail?

Chuir mi a-staigh airson na dreuchd seo air sgàth ’s gu bheil ùidh mhòr agam anns a’ Ghàidhlig agus tha mi airson gum bi còirichean a’ chànain air an dìon agus cothroman leasachaidh air an cruthachadh dhan chànan. Mar a chì sibh bho m’ eachdraidh phearsanta, tha ceangal air a bhith agam ris a’ chànan fad mo bheatha. Thàinig mi bho coimhearsnachd Ghàidhlig agus mar a bha iomadh duine eile aig an àm sin, cha robh Beurla agam gus an deach mi dhan sgoil. ’S e cothrom iongantach a tha anns an dreuchd seo obair a dhèanamh dhan Ghàidhlig agus a bhith an sàs ann an obair leasachaidh a’ chànain. Tha an obair aig Comunn na Gàidhlig gu mòr stèidhte air a bhith ag obair còmhla ri daoine anns na coimhearsnachdan agus tha sin tarraingeach dhomh. Tha mi dèidheil coinneachadh ri daoine aig a bheil ùidh anns a’ chànan agus faicinn dè a ghabhas dèanamh gus taic a chur ris.

Dè dìreach na dleastanasan no na h-amasan a th’ aig CnaG?

Tha e mar amas shònraichte aig CnaG cothroman a chruthachadh do dhaoine agus do choimhearsnachdan a’ Ghàidhlig a chleachdadh anns na h-uiread de shuidheachaidhean ’s a ghabhas. Tha an t-amas seo air a thoirt gu buil le bhith ag obrachadh ann an com-pàirt le buidhnean eadar-dhealaichte agus le daoine agus coimhearsnachdan fa leth. Tha CnaG gu mòr a’ bualadh air iomairtean anns a’ choimhearsnachd, air tachartasan agus iomairtean do dh’òigridh, air foghlam fad beatha, agus air leasachadh sòisealta agus cultarach. Tha mi fhèin gu pearsanta a’ faicinn gu bheil an òigridh air leth cudromach agus gu feum sinn an tarraing dhan Ghàidhlig agus an ùidh a thogail anns a’ chànan.

Dè an t-eadar-dhealachadh a tha thu a’ smaoineachadh a nì thu fhèin do dh’obair na buidhne?

Tha mi a’ smaoineachadh gu bheil an sgioba aig CnaG a’ dèanamh obair mhath dha-rìribh agus tha mi gu h-àraidh airson togail air an obair sin a tha iadsan a’ dèanamh agus taic a chur riutha. Tha mi a’ creidsinn gu mòr ann a bhith ag obair mar sgioba agus gun urrainnear mòran a dhèanamh ag obair còmhla nach dèanar le daoine leotha fhèin. Tha mi ’n dòchas gu bheil m’ inntinn fosgailte do bheachdan ùra a thaobh leasachadh a’ chànain agus tha mi a’ smaoineachadh gu bheil eòlas farsaing agam air saoghal na Gàidhlig. Tha mi mothachail de na trioblaidean a tha an cois a bhith a’ strì às leth na Gàidhlig. Tha mi air deagh eòlas a thogail aig an t-Sabhal thairis air na bliadhnaichean agus ma tha aon rud gu h-àraidh a dh’ionnsaich mi an sin, is e gu feumar cumail a’ feuchainn a-rithist agus a-rithist gus ceann uidhe a ruigsinn. Tha ùidh agam ann an cuspairean gnìomhachais agus gu h-àraidh ann am margaideachd agus ann an dealbhadh ro-innleachdach agus gnìomhach agus tha mi smaoineachadh gu bheil dòighean obrach anns an raon sin as urrainn dhuinn a chur gu feum ann a bhith a’ leasachadh na Gàidhlig.

Seach gu bheil Bòrd na Gàidhlig a-nise stèidhichte os cionn nam buidhnean Gàidhlig gu lèir a bheil seasamh agus uallaichean CnaG air an lùghdachadh?

Le Bòrd na Gàidhlig air a stèidheachadh, saoilidh mi gu bheil uallaichean ChnaG air atharrachadh gun teagamh sam bith ach chan eil sin ag ràdh gu bheil iad air lùghdachadh. Tha e ciallachadh gu bheil uallaichean na buidhne nas mionaidiche agus a’ bualadh air raointean far nach eil BnaG cho stèidhte. Tha mi a’ smaoineachadh gu h-àraidh air leasachadh anns a’ choimhearsnachd agus air obair le daoine òga. Tha oifigearan aig CnaG aig a bheil eòlas sònraichte anns na raointean sin as urrainn seirbheis a thoirt do bhuidhnean agus do dhaoine fa leth. Tha neartan aig a’ bhuidhinn a dh’fheumas a bhith air an cleachdadh ma tha a’ Ghàidhlig gu bhith air a neartachadh. Tha BnaG mar phrìomh bhuidheann a’ dealbh agus a’ cur an gnìomh a’ phlana nàiseanta ach feumaidh iad taic bho na buidhnean Gàidhlig eile gus na h-amasan a th’ anns a’ phlana nàiseanta a chur an gnìomh.

Dè do bheachd air stàid na Gàidhlig an-dràsta fhèin?

Chan urrainnear a dhol às àicheadh gu bheil an cànan ann an staid chugallach aig an àm seo. Tha an dì-meas dhan chànan thairis air na linntean air milleadh mòr a dhèanamh agus bheir e ùine agus oidhirp rudan a thionndadh timcheall. Tha cion eòlais ann fhathast mun Ghàidhlig am measg an t-sluaigh san fharsaingeachd agus tha feum air aire dhaoine a tharraing chun chànain. Tha mòran obair leasachaidh air tachairt thairis air na bliadhnaichean agus tha bun-steidh làidir ann a-nis airson nam bliadhnaichean a tha romhainn. Tha an t-àm seo fhèin, le plana nàiseanta dhan chànan gu bhith air fhoillseachadh a dh’aithghearr, agus sianail didseatach Gàidhlig a’ tighinn thugainn air a’ bhliadhna seo fhèin, gu h-àraidh dòchasach agus gealltainneach. Tha cothrom sònraichte ann an-dràsta an leasachadh a tha air gabhail àite anns na bliadhnaichean mu dheireadh a chumail a’ dol agus a neartachadh agus tha e gu h-àraidh inntinneach dhòmhsa a bhith an lùib an leasachaidh a tha a’ tachairt.

Càite a bheil thu faicinn a’ chànain ann am 20 bliadhna eile?

Tha e an-còmhnaidh doirbh ceist mar sin a fhreagairt ach bhithinn an dùil gum biodh suidheachadh againn ann am fichead bliadhna far a bheil coimhearsnachd Ghàidhlig againn a tha fada nas motha, far a bheil foghlam tro mheadhan na Gàidhlig ri fhaotainn mar phàirt àbhaisteach de shiostam foghlaim na dùthcha agus far nach fheumar a bhith a’ strì gun sgur gus còirichean bunaiteach fhaotainn dhan chànan. Bu chòir cothrom a bhith aig duine sam bith aig a bheil ùidh anns a’ chànan agus a tha airson a cleachdadh, sin a dhèanamh. Tha mòran obrach ga dhèanamh anns an latha a th’ ann a thaobh co-ionannachd chothroman agus tha mi ’n dòchas ann am fichead bliadhna nach fheumar a bhith a’ strì gun lasachadh gus co-ionannachd chothroman fhaotainn do luchd-labhairt na Gàidhlig.

dachaigh :: fiosrachadh :: ar dèanadas :: tachartasan :: leasachadh :: mun Ghàidhlig :: foillseachaidhean :: ceangalan :: cuir fios gu
home :: news & events :: what we do :: events :: development :: about Gaelic :: publications :: links :: contact
©2008 CnaG
site by reefnet