Cùrsaichean Fèin Leasachaidh
Gàidhlig agus spòrs aig Loch Iall...

Lorg / Search: |
|||||||||||||||||||||||
A’ coinneachadh ri clann às a’ Chuimrigh3mh Lùnastal 2007 An t-seachdain-sa choinnich clann a Sradagan an Òbain ri clann as a’ Chuimrigh. Thàinig iad còmhla as dèidh do Choinneach Combe, oifigear leasachaidh aig Comunn na Gàidhlig, a bhith a’ bruidhinn air-loidhne ri fear de na h-oifigearan aig Urdd, am buidheann airson òigridh sa Chuimrigh. Chuir CnaG an turas air dòigh agus abair gun robh spòrs aca uile.
A bharrachd air cuir-seachadan mar iomain, karting agus sreap bha barbeque aca air Tràigh Lì is cèilidh air an oidhche mu dheireadh. ’S e turas mìorbhaileach a bh’ann agus dh’ionnsaich gach buidheann tòrr mu dheidhinn cultar is cànan càch a chèile. Rinn na pàrantan is luchd saor-thoileach eile san Òban tòrr obair airson an tachartas seo agus thuirt Fay Nic Dhiarmaid, Manaidsear Phròiseactan Òigridh aig ChnaG “Cha b’urrainn dhuinn rudan mar seo a’ dhèanamh gun taic bho na daoine sa choimhearsnachd. Tha iad cho cudromach le bhith a’ dèanamh cinnteach gu bheil cothroman aig a’ chlann rudan eadar-dhealaichte fheuchainn is a’ cumail buidhnean Sradagan a’ dol fad na bliadhna, seachdain as dèidh seachdain, agus tha sinn fada nan comain. An rud as cudromaiche a mhothaich na pàrantan ’s e gu robh na Cuimrich a’ bruidhinn Cuimris fad na tìde - ’se am prìomh chànan a bh’ aca is cha be Beurla. Tha iad an dòchas gun tug sin misneachd dhan na chlann acasan.” Thathas an dòchas gun urrainn clann Albannach tadhal air na Cuimrich –’s dòcha an ath bhliadhna! |
Meeting youngsters from Wales3rd August 2007 This week members of Oban Sradagan met with some Welsh speaking children. They came together after Coinneach Combe, a development officer with Comunn na Gàidhlig, met James an officer with Urdd, the national Welsh youth organisation, on-line and they discovered they both had an interest in their national languages. CnaG organised the trip and great fun was had by all.
As well as activities such as shinty, karting and climbing they had a barbeque on Tralee beach and a fantastic cèilidh on the last night. It was a wonderful experience and both groups learnt a lot about each others culture and language. The parents and volunteers from Oban put a lot of effort and hard work into this event and Fay McDiarmid, Youth Projects Manager with CnaG said “We couldn’t run events like this without the support of the people in the local community. They are vital in ensuring that the children get opportunities like this and in keeping Sradagan groups running throughout the year, week in week out and we really appreciate the work they do. The most important thing that the parents noticed was that the Welsh contingent spoke Welsh all of the time – it was their main language and not English. They hope that this encouraged their own children.” It is hoped that the Scottish children can visit Wales – perhaps next year! |
||||||||||||||||||||||
|
dachaigh :: fiosrachadh :: ar dèanadas :: tachartasan :: leasachadh :: mun Ghàidhlig :: foillseachaidhean :: ceangalan :: cuir fios gu home :: news & events :: what we do :: events :: development :: about Gaelic :: publications :: links :: contact |
©2008 CnaG
site by reefnet |
||||||||||||||||||||||