Skip Navigation
 

Ri Chèile

13 Dàmhair 2005

An t-seachdain seo chaidh thadhail buidheann do dheugairean Gàidhlig air Àrd Mhacha ann an Èirinn a Tuath mar phàirt den deasbad eadar-nàiseanta Ghàidhlig 'Ri Chèile' a tha air a chur air dòigh gach bliadhna le Comunn na Gàidhlig ann an Alba agus Gael Linn ann an Èirinn.

feadhainn den luchd-labhairt

Thàinig sgoilearan bho Baile Ath Cliath, Ard Mhacha, Magherfelt (Co. Derry) agus Gweedore (Co Donegal) còmhla ri sgoilearan bho Phort Righ, Inbhir Pheofharain, An Gearastan, Obar Dheathain agus Glaschu air an turas seo. A bharrachd air an Deasbad fhèin bha cuairt air Àrd Mhacha, oidhche shòisealta le aoigheachd bho Ceannard-baile Àrd Mhacha agus cuairt gu Gulliver le Gaeilge aig Trian Nmh. Pàdraig.

A rèir Sìne NicIlleathain bho Comunn na Gàidhlig tha a' phròiseact cudtromach ann a bhith a' dèanamh ceangal eadar an dà choimhearsnachd cànain, agus mhìnich i "Chan e a-mhàin gu bheil na cuairtean seo a' thoirt cothroman do dh' òigridh Gàidhlig an cuid sgilean cànain a leasachadh troimh bhith ag ullachadh agus a' gabhail pàirt anns an deasbad, a bha a' gabhail a-staigh iomadach cuspair sna naidheachdan, ach cuideachd a' toirt cothrom dhaibh measgachadh le deugairean ann an suidheachadh mion-chànain coltach riutha fhèin.

An lùib cuspairean na bliadhna seo, bha Cumhachd niuclasach, Àrd-sgoiltean Gàidhlig, cìsean rathaid ann am bailtean mòra agus cairtean ID. 'S e Brídín ní Mhaoldomhnaigh (Pobalscoil Ghaoth Dobhair, Co. Donegal) a bhuannaich a' phrìomh duais le Tessa Chaimbeul, Inbhir Pheofharain anns a chiad àite airson Alba agus Ryan Goodall, Coláiste Eoin a' tighinn às a chiad àite airson Èirinn.

Ri Chèile

13th October 2005

A group of Gaelic speaking teenagers visited Armagh in Northern Ireland last week as part of the annual international Gaelic debate 'Ri Chèile' organised by Comunn na Gàidhlig in Scotland and Gael Linn in Ireland.

Picture showing participants

Pupils from Portree, Dingwall, Fort William, Aberdeen and Glasgow were joined by pupils from Dublin, Armagh, Magherfelt (Co. Derry) and Gweedore (Co. Donegal) in Ireland on the trip which included a tour of Armagh, a social evening hosted by the Mayor of Armagh and a visit to Gulliver le Gaeilge at St. Patrick's Trian as well as the Debate itself.

The project's linking of the two language communities is important, according to Sheena MacLean of Comunn na Gàidhlig, who explained "These trips not only provide an opportunity for Gaelic speaking young people to develop their language skills through their preparation for and participation in the debate where topics cover a number of topical issues but also gives them an opportunity to mix with teenagers in a similar minority language situation to themselves."

Topics covered this year included nuclear power, Gaelic secondary schools, road tolls in city centres and ID cards. The overall winner of the Debate was Brídín ní Mhaoldomhnaigh (Pobalscoil Ghaoth Dobhair, Co. Donegal) with Tessa Campbell, Dingwall and Ryan Goodall, Coláiste Eoin coming first for Scotland and Ireland respectively.

Cùrsaichean Fèin Leasachaidh

Gàidhlig agus spòrs aig Loch Iall...

tuilleadh...


Children playing a game

Sradagan Drama Afternoon

Enjoyable session in Kilmarnock ...

more...


dachaigh :: fiosrachadh :: ar dèanadas :: seirbheisean :: leasachadh :: mun Ghàidhlig :: foillseachaidhean :: ceangalan :: cuir fios gu
home :: news & events :: what we do :: services :: development :: about Gaelic :: publications :: links :: contact
©2008 CnaG
site by reefnet