Cùrsaichean Fèin Leasachaidh
Gàidhlig agus spòrs aig Loch Iall...

Lorg / Search: |
|||||||||||||||||||||||
Luchd-ceumnachaidh a’ faighinn cothroman cosnaidh19mh Dùbhlachd 2005 Thàinig luchd-ceumnachaidh is luchd-fastaidh a tha an sàs ann an Sgeama Luchd-ceumnachaidh Chomunn na Gàidhlig 2005/06 cruinn còmhla anns An Lanntair ann an Steòrnabhagh air Diardaoin an 15mh latha den Dùbhlachd gus beachdachadh air an Sgeama. Thuirt Dòmhnall Màrtainn, Ceannard Chomunn na Gàidhlig, "Thug a’ choinneamh seo cothrom dhan luchd-ceumnachaidh coinneachadh ri chèile agus fhuair iad fhèin agus riochdairean bho na diofar bhuidhnean cothrom beachdan, ceistean, duilgheadasan no molaidhean sam bith a bh’ aca mun Sgeama a thogail. Tha an Sgeama seo air a bhith a’ ruith a-nis airson dà bhliadhna agus tha CnaG air leth toilichte le cho math ’sa shoirbhich leis gu seo. Thuirt Sìne NicLeòid à Nis ann an Leòdhas, "Tha mi air cùmhnant bliadhna fhaighinn mar Oifigeir Taic aig Fosglan ann an Colaisde a’ Chaisteil tron Sgeama Luchd-ceumnachaidh. ’S e cothrom math dha rìribh a th’ ann dha daoine le Gàidhlig a th’ air ceumnachadh oir tha e a’ cruthachadh obraichean ùra a bheir eòlas dhaibh air saoghal na Gàidhlig. Tha piseach mhòr air a thighinn air na sgilean eadar-theangachaidh agam bho thòisich mi agus tha mi gu mòr an comainn Comunn na Gàidhlig airson cothrom a thoirt dhomh gus an obair seo a dhèanamh." |
Job Opportunities for Gaelic Graduates19th December 2005 On Thursday 15th December, graduates and employers involved in Comunn na Gàidhlig’s Graduate Placement Scheme 2005/06 came together in the new Stornoway Arts Centre ‘An Lanntair’ for an opportunity to voice their opinions on the Scheme. Donald Martin, Chief Executive of Comunn na Gàidhlig, said "This meeting gave the graduates an opportunity to meet with one another and both they and representatives from the placement agencies used the event to raise any opinions, questions, difficulties or recommendations that they may have had regarding our Graduate Placement Scheme. This Scheme is now in its second year and CnaG are delighted with how successful it has been to date. Jayne MacLeod from Ness in Lewis said, "I have obtained a year's contract as a Support Officer with Fosglan in Lews Castle College through the Graduate Placement Scheme. It is a great opportunity for Gaelic speaking graduates as it facilitates the creation of new jobs that help to familiarise them with the ongoing developments associated with Gaelic. My own translation skills have improved dramatically since I started with Fosglan and I am indebted to Comunn na Gàidhlig for providing an opportunity for me to come into this line of work." |
||||||||||||||||||||||
|
dachaigh :: fiosrachadh :: ar dèanadas :: tachartasan :: leasachadh :: mun Ghàidhlig :: foillseachaidhean :: ceangalan :: cuir fios gu home :: news & events :: what we do :: events :: development :: about Gaelic :: publications :: links :: contact |
©2008 CnaG
site by reefnet |
||||||||||||||||||||||