Cùrsaichean Fèin Leasachaidh
Gàidhlig agus spòrs aig Loch Iall...

Lorg / Search: |
|||||||||||||||||||||||
Gàidhlig aig Lios Luibheach Rìoghail Dhùn Èideann26mh Giblean 2006 Bidh mu thimcheall 200 neach-cloinne bho feadh Alba a' tighinn do phrìomh bhaile na dùthaich aig deireadh na mìos seo a fhrithealadh an treas seachdain Gàidhlig airson sgoiltean a tha air a chur air dòigh le Comunn na Gàidhlig ann an co-bhonn le Lios Luibheach Rìoghail Dhùn Èideann. Am bliadhna bidh an tachartas a' gabhail a-steach tursan aig Pàrlamaid na h-Alba, an Taigh-tasgaidh Nàiseanta, Caisteil Dhùn Èideann agus Our Dynamic Earth. Bidh sgoilearan a àiteachan cho fad às ri Leòdhas, Uibhist agus na Hearradh a' faighinn buannachd às an sgeama ùr-ghnàthaichte seo a tha a' toirt Gàidhlig a-mach às a' chlas le na diofar shuidheachaidhean ùra seo, a-rèir Magaidh Wentworth, Oifigear Phàrant aig Comunn na Gàidhlig, a mhìnich: "Tha cuairtean foghlaim uabhasach cudromach ann a bhith a' leasachadh a' chànain agus am faireachdainn a tha aig a' chlann a thaobh a' Ghàidhlig agus tha seo na chothrom dhaibh a bhith ag ionnsachadh tro chur-seachadan neo-àbhaisteach a tha tlachdmhor agus a tha air falbh bhon sgoil." Thuirt an Dr Mark Newman, liubheadair tropaigeach aig RBGE "Tha e dà-riribh freagarrach gun tigeadh clann le Gàidhlig chun na Botanics, far am bheil sinn a' dèanamh rannsachadh air bith-iolar a tha sìor fhàs tearc an Alba agus feadh an t-saoghail gu lèir, oir tha an cànan agus an cultar aca annasach agus prìseil dhuinn an seo an Alba."
|
Gaelic learning blossoms at Botanic Gardens26th April 2006 Around 200 Gaelic-speaking children from around Scotland are in the capital this week for the third annual Gaelic Schools Week, organised by Comunn na Gàidhlig (national Gaelic development agency), in association with the Royal Botanic Garden Edinburgh. This year's event also includes input from the Scottish Parliament, the National Museum, Edinburgh Castle and Dynamic Earth.
|
||||||||||||||||||||||
|
dachaigh :: fiosrachadh :: ar dèanadas :: tachartasan :: leasachadh :: mun Ghàidhlig :: foillseachaidhean :: ceangalan :: cuir fios gu home :: news & events :: what we do :: events :: development :: about Gaelic :: publications :: links :: contact |
©2008 CnaG
site by reefnet |
||||||||||||||||||||||