Pròiseact DVD Bhràgair
Pròiseact choimearsnachd inntinneach ...

Lorg / Search: |
||||||||||||||||||||||||||||||||
Inbhir Pheofharain a’ buannachd Deasbad Nàiseanta29mh Samhain 2006 Bhuannaich Sgoilearan à Acadamaidh Inbhir Pheofharain Deasbad Nàiseanta Gàidhlig BT Alba na bliadhna sa. Ghabh an cuairt dheireannach àite aig Pàrlamaid na h-Alba ann a’ Dùn Èideann a-raoir (Dimàirt 28mh Samhain 2006). Tha an deasbad air a bhith a’ dol fad 9 bliadhna a-nis fo sgiath Chomunn na Gàidhlig. Thòisich BT Alba a’ cur taic ris bho chionn ochd bliadhna. Bha Acadamaidh Inbhir Pheofharain a’ deasbad an aghaidh 16 àrd-sgoiltean eile bho air feadh Alba. Sa chuairt dheireannach choinnich iad ri sgoilearan à Sgoil MhicNeacail ann an Steòrnabhagh. Bha iad a’ deasbad ‘cha deach an Stàite-banaltraim fada gu leòr’ agus ‘tha an Stàite-banaltraim air a dhol ro fhada’. Bhuannaich Tessa Chaimbeul agus Coinneach MacCoinnich, sgoilearan san t-siathamh bliadhna, a’ phrìomh dhuais do Acadamaidh Inbhir Pheopharain agus bha Cara Coburn bhon treas bliadhna an làthair cuideachd. Thuirt Graham MacCoinnich, ceannard Acadamaidh Inbhir Pheofharain: Bha BT Alba nam prìomh mhaoineadairean air Deasbad na bliadhna sa le taic £15,000. Thuirt Brendan Dick, Manaidsear Nàiseanta Alba: Thuirt Dòmhnall Màrtainn, Ceannard Chomunn na Gàidhlig agus Cathraiche Chomataidh Stiùiridh an Deasbaid: Bha na daoine a leanas nan breitheamhan: Ceannard Bhòrd na Gàidhlig, Ailean Caimbeul, Ceannard Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig, Màiri Kidd agus craoladair a’ Bh.B.C Iain MacIlleathain. |
Dingwall pupils win BT Gaelic debate at Parliament29th November 2006 Pupils of Dingwall Academy have won the finals of the BT Gaelic Schools Debate which took place yesterday evening (Tuesday 28th November, 2006) in the Scottish Parliament at Holyrood, Edinburgh. Now in its 9th year the BT Gaelic Schools Debate is organised by Comunn na Gàidhlig (CnaG) and sponsored for the last 8 years by BT Scotland. Dingwall Academy hotly contested the final debate against 16 other Secondary schools from throughout Scotland and met Stornoway-pupils from the The Nicolson Institute in the finals to debate: ‘The nanny state has not gone far enough‘ and ‘The nanny state has gone too far’. Sixth year pupils Tessa Campbell, and Kenneth MacKenzie won the coveted debate trophy for Dingwall Academy with reserve 3rd year pupil Cara Coburn in attendance. Graham MacKenzie, Rector of Dingwall Academy said: BT Scotland were the main sponsors of the Debate providing sponsorship of £15,000. BT Scotland's National Manager Brendan Dick said: Donald Martin of CnaG and Chair of the Organising Committee said: |
|||||||||||||||||||||||||||||||
|
dachaigh :: naidheachdan :: taic-airgid :: blog :: iomairtean :: mun Ghàidhlig :: foillseachaidhean :: ceangalan :: cuir fios gu home :: news :: funding :: blog :: initiatives :: about Gaelic :: publications :: links :: contact |
©2012 CnaG
site by reefnet |
|||||||||||||||||||||||||||||||